
Ionnsaigh-gunna & Teintean ann an California
Dòmhnall MacLeòid le mar a bha fear a mharbh 12 duine ann an California an ath dhoras dha.
Donald MacLeod tells how the attacker who killed 12 in California lived nearby.
Diciadain sa chaidh thug Iain David Long ionnsaigh-gunna air baile Thousand Oaks, faisg air Los Angeles, a’ marbhadh dusan duine. Thogadh an gunnaire faisg air far a bheil Dòmhnall MacLeòid, a bhuineas do Chàrlabhagh ann an Leòdhas, an-diugh a’ fuireach agus bha e eòlach air an duine bho nuair a bha e òg. Tha e ag innse dha Coinneach dè an eòlas a bh’ aige air.
Cluinnidh Coinneach cuideachd mu mar a tha daoine a’ dèiligeadh ri cruadal ann an dòighean eadar-dhealaichte, is an dòigh a bu mhotha a bh' aig daoine sna h-eileanan às dèidh nan cogaidhean, sin a bhith a' seachnadh bruidhinn mu dheidhinn.
Tha Calum Iain Bartlett ag innse mu sgeulachd annasach Chlach Rosetta agus cluinnidh sin mu na facail a bhios a’ cur cais air daoine is a tha a’ fàs nas cumanta agus nas cumanta. Bidh Coinneach a’ togail air na buzzwords seo mar a th’ aca orra sa Bheurla, feuch carson a tha iad cho sàraichte.
bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 13 Nov 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Nov 201821:00BBC Radio nan Gàidheal