
Coinneach aig Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann
An dàrna prògram aig Coinneach bho Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.
The second of Coinneach‘s programmes from Rannsachadh na Gàidhlig, a conference on Gaelic Studies.
An-diugh cothrom eile èisteachd ri Coinneach a’ bruidhinn ri iomadach Gàidheal eadar-dhealaichte anns an dàrna prògram bho Rannsachadh na Gàidhlig. Chaidh a’ cho-labhairt a chumail an uiridh ann an Dùn Èideann, an deicheamh turas a tha a’ cho-labhairt air a bhith air a cuir air dòigh.
Am measg nan cuspairean air am bi e a’ cagnadh tha tubaist na h-Iolaire ann am bàrdachd is litreachas na Gàidhlig; mar a tha iasgairean a’ stòradh briathrachas agus dualchas anns na h-eileanan; an dòigh sa bheil bàrdachd baile air droch mheasadh fhaighinn bho ollamhan anns na bliadhnaichean mu dheireadh; a’ Ghàidhlig ann an litreachas Shealainn Nuaidh; agus na ghabhas ionnsachadh bho mar a thathas a’ sgrùdadh cor nam mion-chultaran Afraganach, Àisianach is tùsanach a dh’fhuiling fo ìompaireachdan Eòrpach. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 5 Sep 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 5 Sep 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Mar 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Mar 201921:03BBC Radio nan Gàidheal