
Coinneach aig Rannsachadh na Gàidhlig
An-diugh tha Coinneach aig Rannsachadh na Gàidhlig an Oilthigh Dhùn Èideann. Coinneach is at Rannsachadh na Gàidhlig, a conference on Gaelic studies at Edinburgh University.
Cothrom eile èisteachd ri prògramnan a chlàr Coinneach aig Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Tha a’ cho-labhairt na chothrom do rannsaichean, oileanaich is ollamhan na Gàidhlig cruinneachadh gus pàipearan a thaisbeanadh is a dheasbad. An-diugh cluinnear measgachadh de chòmhraidhean bhon a' chiad latha den cho-labhairt.
Am measg nan cuspairean a thogas ceann tha beatha-obrach Boyd Robasdan, seann phrionnsabal an t-Sabhail Mhòir; bàrdachd Chlann MhicAoidh ann an Cataibh; mar a tha Gàidheil a’ cleachdadh na Gàidhlig còmhla ris a’ Bheurla bho latha gu latha; agus clàr-tìre dhen a’ Chomraich a chaidh a lorg ann an seann phoca bìdh chaoraich, loma-làn ainmean àiteachan nach eil an-diugh air bilean an t-shluaigh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 4 Sep 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 4 Sep 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Mar 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Mar 201921:03BBC Radio nan Gàidheal