
Coinneach aig Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann
An treas prògram aig Coinneach bho Rannsachadh na Gàidhlig. The third programme from Rannsachadh na Gàidhlig in Edinburgh. bbc.co.uk/coinneach
Cothrom eile èisteachd ris an treas prògram bho Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dun Èideann, co-labhairt a chaidh a chumail aig an oilthigh. Bha Prògram Choinnich an làthair fad na seachdain, a’ bruidhinn ri feadhainn a bha a’ taisbeanadh phàipearan no a bha ag èisteachd is a’ beachdachadh orra.
Am measg nan cuspairean a th’ aige an-diugh, tha an càirdeas eadar eaglaisean clèireach agus a’ Ghàidhlig; seann sgeulachdan Gàidhealach mu dhaoine às a’ Bhìoball nach eil a’ tighinn bhon Bhìoball fhèin; mar a tha pàrantan a’ measadh telebhisean Gàidhlig don cuid cloinne; luchd-ionnsachaidh a bhuineas do theaghlaichean Gàidhealach; agus a’ bhuaidh a th’ air a bhith aig a’ chrìonadh eacanomaigeach air Gàidhealtach na h-Èireann agus na h-Alba.
Gu leòr a chumas Coinneach a’ cnuasachadh! Agus cuimhnich gum faigh sibh air èisteachd ris na prògraman eile a chlàr e aig Rannsachadh na Gàidhlig 2018 aig bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 6 Sep 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 6 Sep 201821:13BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Mar 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Mar 201921:03BBC Radio nan Gàidheal