
A' bruich nan srùban.
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Post-dealan: [email protected]. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair. E-mail: [email protected].
Às dèidh cothrom fhaighinn air srùbain a thogail air an tràigh an-dè, an-diugh tha Coinneach gam bruich sa chidsin aig Alasdair MacLeòid. Agus saoil ciamar a thèid dha Coinneach leis an dùbhlan còcaireachd a th' aig Alasdair dhà?
Cuideachd sa phrògram an-diugh, cluinnidh sinn mar a tha An Tuirc a' dèiligeadh ri trioblaidean mòra co-cheangailte ris an airgead aca, a' lira. Bheir an t-eòlaiche Iain Caimbeul dhuinn iomradh air carson a tha an t-airgead cho cugallach, agus dè thèid aig dùthaich air a dhèanamh son stad a chuir air lagachadh airgid.
Tha Coinneach cuideachd a' sporghail san tasglann, le iomraidhean an t-seachdain sa air cò ris a tha Gleann Fèisidh agus Gleann Chùil coltach.
Agus le Runrig a' cluich ann aig an deireadh sheachdain - dè seòrsa àite a th' ann an Caisteal Shruighlea? Gheibh sibh cothrom èisteachd ri cuairt Choinnich sa chaisteal ann an 2012 le Anne Stevens agus beachd cuideachd mar a tha am baile an-dràsta ag ullachadh son Runrig leis an t-Urr. Iain MacAsgaill. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 16 Aug 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 16 Aug 201821:13BBC Radio nan Gàidheal