
A' Togail nan Srùban.
An-diugh tha Coinneach a-muigh air an tràigh a' togail shrùbain. Kenny is out on the beach looking for and collecting cockles. bbc.co.uk/coinneach.
An-diugh sa phrògram tha Coinneach an cuideachd Alasdair Mhicleòid, a tha a' sealltainn dha mar a thogas e srùbain far an tràigh. Saoil ciamar a chaidh dhaibh agus dè cho duilich is a bha e?
Tha Tommy MacAsgaill aig Westminster le aithris air mar a tha muinntir Lunnainn a' faireachdainn mun ionnsaigh cheannairc taobh-a-muigh na pàrlamaid an-dè.
Chan ann a-mhàin air gnothaichean Breatannach a tha aire Choinnich an-diugh. Às dèidh an tubaist uabhasach san Eadailt an-dè, far an do thuit drochaid rathaid faisg air Genoa, a' marbhadh 35 duine, tha e a' cluinntinn bhon eòlaiche dhrochaidean Iain Aonghas Moireasdan.
Bidh an Dotair Aonghas MacFhionghain a' beachdachadh air 40 bliadhna on a bhàsaich an duine mu dheireadh leis a' bhanachdach.
Last on
More episodes
Previous
Clip
![]()
Coinneach MacÌomhair 150818
Duration: 18:03
Broadcasts
- Wed 15 Aug 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Aug 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
