
Baile Horgaboist - eachdraidh na sgìre thar 80 bliadhna
Horgabost, baile m' àraich. Sùil air ais air a' bhaile le Dòmhnall 'Shàm' Dòmhnallach. Donald MacDonald reflects on the history of his home village of Horgabost in Harris.
Bha ceithir fichead bliadhna ann an 2017 bho ghluais an teaghlach aig Dòmhnall Shàm Dòmhnallach às na Bàigh anns na Hearadh chun a' mhachaire, gu baile Horgaboist a bha air ùr shuidheachadh. 'S mar a chuala sinn sa chiad phrògram 's e Dòmhnall am fear mu dheireadh sa bhaile aig a bheil cuimhne air tighinn chun a 'mhachaire, 's gun e ach na bhalach beagan agus sia bliadhna a dh' aois.
Tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' gabhail cuairt air ais gu baile a h-àraich fhèin, baile Horgaboist, còmhla ri a nàbaidh Dòmhnall. Thòisich iad a' chuairt shuas ann an Gleann Horgaboist agus lean iad orra nuas am baile.
Mas do ràinig iad lèana Horgaboist agus sgrìob chun na tràghad, stad iad greiseag aig ceann an rathaid aig dachaigh Dhòmhnaill airson an n-anail a ghabhail le cupa teatha, agus beagan meòrachaidh a dhèanamh air làithean òige agus na cur-seachadan a bhiodh aige fhèin agus a bhràthair Calum.
Last on
Broadcasts
- Tue 6 Jun 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 6 Jun 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Jun 201710:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 20 Nov 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 20 Nov 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Nov 201810:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 17 Mar 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 17 Mar 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Mar 202209:30BBC Radio nan Gàidheal
