
Feadhainn de mhuinntir a' bhaile len cuimhneachain fhèin
Feadhainn de mhuinntir a' bhaile len cuimhneachain fhèin air a bhith ag èirigh suas ann am baile Horgaboist. Horgabost villagers share their childhood memories.
Chomharraich deireadh a' Chèitein 2017 gu robh ceithir fichead bliadhna bho ghluais an teaghlach aig Dòmhnall Dòmhnallach gu baile Horgaboist, baile a bha air ùr shuidheachadh. B' ann às na Bàigh air taobh an ear na Hearadh a ghluais an teaghlach aig Dòmhnall chun a' mhachaire air an taobh an iar.
Sa phrògram sa, tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' coinneachadh ri feadhainn eile coltach rithe fhèin a bha ag èirigh suas sa bhaile bheag seo air a' mhachaire anns nach robh ach ochd fearainn. Cluinnidh sinn, ged nach robh na h-uidhir de dhaoine a' còmhnaidh ann, gum b' e baile air leth trang a bh' ann fad na bliadhna. Air feadh an t-samhraidh bhiodh luchd-turais a' tighinn a champachadh chun na tràghad, gu leòr dhuibh a' tilleadh a h-uile bliadhna agus càirdeas leantainneach air a dhèanamh ri muinntir a' bhaile.
Ach cha robh e gu diofar dè an t-àm dhan bhliadhna bhiodh ann, bho mhoch gu dubh, dh'fhaodar a bhith cinnteach gum biodh othail gu leòr timcheall air dachaigh chlann MhicAoidh aig 'Number 5! Eadar a bhith ruith bùth agus stòr agus companaidh làraidhean, cha robh e gu diofar dè an t-àm den latha air an tadhladh muinntir na Hearadh aca, bha aoigheachd a' fèitheamh orra bho Iain Mòr agus Mìmi.
Last on
Broadcasts
- Tue 13 Jun 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Jun 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Jun 201710:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Nov 201812:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Nov 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Dec 201810:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 24 Mar 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Mar 202209:30BBC Radio nan Gàidheal
