
Baile Horgaboist - eachdraidh na sgìre thar 80 bliadhna
Horgabost, baile m' àraich. Sùil air ais air a' bhaile le Dòmhnall 'Shàm' Dòmhnallach. Donald MacDonald reflects on the history of his home village of Horgabost in Harris.
Bha mòran dhaoine a' fuireach anns na Bàigh air taobh an ear na Hearadh aig aon àm, ach cha robh fearainn idir aca agus bhatar a' strì ris na h-uachdarain fad ùine mhòr airson fearainn a thoirt dhaibh air an taobh an iar, taobh a' mhachaire. Cha robh na h-uachdarain airson dealachadh leis an talamh idir. Mu dheireadh ghabh Bòrd an Àiteachais os làimh cùisean agus b' ann le làmhachas làidir a chaidh an talamh a thoirt bhuapa.
Bha 80 bliadhna air an 28mh den Chèitean 2017 bho ghluais Dòmhnall Dòmhnallach agus a theaghlach às na Bàigh gu baile Horgaboist, a bha air ùr shuidheachadh. 'S e Dòmhnall am fear mu dheireadh sa bhaile aig a bheil cuimhne air tighinn chun a' mhachaire, 's gun e ach na bhalach glè òg.
Anns a' chiad phrògram de cheithir, tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' gabhail cuairt air ais gu baile a h-àraich fhèin, baile Horgaboist, còmhla ri a nàbaidh Dòmhnall Shàm, airson dealbh a thoirt air eachdraidh na sgìre agus mìneachadh fhaighinn air mar chaidh na fearainn gu lèir a roinn a-mach anns a' bhaile.
Last on
Broadcasts
- Tue 30 May 201712:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 May 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Jun 201710:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Nov 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Nov 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Nov 201810:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Mar 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Mar 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Mar 202209:30BBC Radio nan Gàidheal
