
Àite nam Boireannach sna Stàitean Aonaichte
Dè a-nis do bhoireannaich sna Stàitean Aonaichte is fireannach eile san Taigh Gheal? Maureen asks what the future holds for women in politics and women's rights in the US.
Bha luchd-leantainn Hillary Clinton gu math dòchasach gu robh iad, airson a' chiad uair riamh dol a dh'fhaicinn boireannach na ceann-suidhe air Ameireagaidh, ach mar tha fios againn fhuair iad briseadh dùil san t-Samhain an uiridh nuair a b'e Dòmhnall Iain Trump a chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe.
Dh'fhàg an co-dhùnadh sin tòrr mì-thoileachas am measg muinntir nan Stàitean Aonaichte, gu h-àraidh am measg nam boireannach a bha fada an aghaidh Mgr Trump.
Bha mòran airson na beachdan agus na faireachdainnean aca a thoirt gu aire an t-saoghail agus le sin thàinig na mìltean aca còmhla gu ruige Washington, dìreach là às dèidh do Dhòmhnall Trump dreuchd a' chin-suidhe a ghabhail os làimh agus bha caismeachd air leth soirbheachail aca.
Fhuair Maureen NicLeòid an cothrom a dhol nam measg.
Last on
Broadcasts
- Thu 27 Apr 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 27 Apr 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Apr 201709:30BBC Radio nan Gàidheal