22/01/2017
Tha Ruaraidh MacIlleathain ag innse dhuinn mu dhualchas na Gàidhlig a thaobh mamalan. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 610
Clip
![]()
Litir do Luchd Ionnsachaidh 914
Duration: 05:00
Litir 914: Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (1)
As t-fhoghar an-uiridh bha mi ann am Muile, a’ bruidhinn ri sean is òg mu dhualchas na Gàidhlig co-cheangailte ri mamailean mara. Bha ùidh mhòr aig daoine anns na creutairean macmeanmnach a bha uaireigin ‘beò’ anns na cuantan.
Tha mi a’ beachdachadh gu h-àraidh air a’ Chìrean Chròin. Chan eil fios dè an coltas a bh’ air a’ chreutair seo ach bha e mòr. Tha e a’ nochdadh anns an rann thraidiseanta seo:
Seachd sgadain sàth
bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muice-mara,
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.
A bheil sibh a’ tuigsinn ‘sàth’? Tha e a’ ciallachadh na dh’fheumas rudeigin – no cuideigin – ithe airson a bhith làn no sàsaichte. Seachd sgadain, sàth bradain. Bidh bradan ag ithe seachd sgadain mus bi e sàsaichte. Seo agaibh an rann a-rithist:
Seachd sgadain sàth
bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muice-mara,
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.
Mus can mi dad eile, feumaidh mi aon chùis dragh a thogail. Cha mhòr gun robh duine am measg na cloinne a bha eòlach air an fhacal sgadan. No eadhon air herring ann am Beurla. Cha robh duine aca air sgadan ithe no fhaicinn. ʼS ann air saoghal an iasgaich air taobh an iar na Gàidhealtachd a thàinig an dà latha!
Ach air ais don rann. Dè fon ghrèin a th’ ann, no a bh’ ann, an Cìrean Cròin? Cha ghabh e eadar-theangachadh agus chan eil fios aig duine dè an coltas a bh’ air a’ chreutair. Rinn na Muilich òga dealbhan iongantach dheth. Bha cuid dhiubh coltach ri crùbagan mòra, bha cuid coltach ri ochd-chasaich mhòra agus bha feadhainn na bu choltaiche ri muc-mhara iongantach le fiaclan eagallach na ceann!
Chaidh dreach eile dhen rann a chlàradh a tha a’ dol eadhon nas fhaide. Agus chan e Cìrean Cròin a th’ air a’ bheathach, ach Cionaran-crò. An turas seo, ge-tà, tha creutair eadhon nas motha ann na ʼn Cionaran-crò. Seo agaibh an rann:
Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,
Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,
Seachd mucan-mara mòra, sàth cionarain-crò,
Seachd cionarain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.
Dè fon ghrèin a th’ ann am mial mhòr a’ chuain? Uill, chaidh eadar-theangachadh mar Great Leviathan of the Sea. Agus tha am facal mial aithnichte anns an t-seann Ghàidhlig, a’ ciallachadh ‘creutair mòr’ agus ‘muc-mhara’. Gu dearbh ʼs e míol mór a chanas na h-Èireannaich ri ‘muc-mhara’ ann an Gàidhlig na h-Èireann.
Agus a bheil càil againn ann am beul-aithris mun Chionaran-crò? Uill, tha – à Carmina Gadelica, agus chaidh a chruinneachadh ann an ceann a tuath Leòdhais, ann an sgìre Nis.
Fhuair Alasdair MacIlleMhìcheil an stòiridh bho bhodach air an robh Aonghas Gunnach. Bha Aonghas ochdad ʼs a ceithir bliadhn’ a dh’aois. Bha e air a bhith a’ fuireach fad ùine mhòr ann an Eilean Rònaigh – eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas, dha bheil ceanglaichean làidir aig muinntir Nis chun an latha an-diugh. Nì mi cunntas air aithris Aonghais anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Muile: Mull; crùbagan: crabs; ochd-chasaich: octopuses;co-ogha: cousin; Aonghas Gunnach: Angus Gunn.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a’ bruidhinn ri sean is òg mu dhualchas na Gàidhlig co-cheangailte ri mamailean mara:speaking to young and old about the Gaelic heritage linked to marine mammals; seachd sgadain sàth bradain: seven herring, a feed for a salmon; seachd ròin sàth muice-mara: seven seals, a feed for a whale; na dh’fheumas rudeigin ithe airson a bhith làn: that something needs to eat in order to be full; feumaidh mi aon chùis dragh a thogail: I have to raise one point of concern; cha ghabh e eadar-theangachadh: it can’t be translated; rinn na Muilich òga dealbhan iongantach dheth: the young Mull folk made amazing drawings of it; le fiaclan eagallach na ceann: with scary teeth in her head; a bheil càil againn ann am beul-aithris mu?: do we have anything in oral tradition about?; ann an ceann a tuath Leòdhais, ann an sgìre Nis: in the north of Lewis, in the parish of Ness; bha e air a bhith a’ fuireach fad ùine mhòr ann an Eilean Rònaigh: he had been living for a long while on the island of (North) Rona; dha bheil ceanglaichean làidir aig muinntir Nis chun an latha an-diugh: to which the people of Ness have strong connections to this day; nì mi cunntas air aithris Aonghais: I’ll give an account of Angus’s story (report).
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: mial is a fascinating word, meaning ‘large animal’ (put aside its alternative meaning of ‘louse’!), with its cognate in the Welsh mil – from which is derived morfil ie môr + mil ‘large sea animal’ – the Welsh for ‘whale’. The standard Irish word for a whale is míol mór and Scottish dictionaries give the following for ‘whale’: mial-bùirn, mial-mhara, mial-mhòr, mial-mhòr-mhara and mòr-mhial. So mial mhòr a’ chuain could be an enormous whale or another type of great and unknown marine monster. By the way, this is the same mial we see in mial-chù ‘greyhound’, those dogs being trained to run down large animals in past times.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: ʼS ann air saoghal an iasgaich air taobh an iar na Gàidhealtachd a thàinig an dà latha: a big change has come over the world of fishing in the West Highlands.
Broadcasts
- Sun 22 Jan 201722:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Jan 201723:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.






