Main content

16/01/2017

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain ag innse dhuinn mu dhualchas na Gàidhlig a thaobh mamalan. Series of letters written for people starting to learn Gaelic.

Available now

4 minutes

Last on

Mon 16 Jan 201719:00

Clip

An Litir Bheag 610

As t-fhoghar an-uiridh bha mi ann am Muile. Bha mi a’ bruidhinn ri sean is òg mu dhualchas na Gàidhlig co-cheangailte ri mamailean mara. Thug mi an rann traidiseanta seo dhaibh:

Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muice-mara,
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.

A bheil sibh a’ tuigsinn ‘sàth’? Tha e a’ ciallachadh na dh’fheumas rudeigin ithe airson a bhith làn no sàsaichte. Bidh bradan ag ithe seachd sgadain mus bi e sàsaichte. Seo agaibh an rann a-rithist:

Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muice-mara,
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròin.

Dè fon ghrèin a tha ann, no a bha ann, an Cìrean Cròin? Chan eil fios aig duine dè an coltas a bha air. Rinn clann na bun-sgoile, far an robh mi ag obair, dealbhan iongantach dheth. Bha cuid dhiubh coltach ri crùbagan mòra. Bha cuid coltach ri ochd-chasaich mhòra. Agus bha feadhainn coltach ri muc-mhara le fiaclan eagallach na ceann!

Chaidh dreach eile dhen rann a chlàradh. Agus chan e Cìrean Cròin a tha air a’ bheathach, ach Cionaran-crò. An turas seo, ge-tà, tha creutair eadhon nas motha ann na ʼn Cionaran-crò:

Seachd sgadain sàth bradain,

Seachd bradain sàth ròin,

Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,

Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,

Seachd mucan-mara mòra, sàth cionarain-crò,

Seachd cionarain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.

Dè fon ghrèin a tha ann am mial mhòr a’ chuain? Uill, chaidh eadar-theangachadh a dhèanamh air mar Great Leviathan of the Sea. Agus tha am facal mial aithnichte anns an t-seann Ghàidhlig, a’ ciallachadh ‘creutair mòr’ agus ‘muc-mhara’. ʼS e míol mór a chanas daoine ri ‘muc-mhara’ ann an Gàidhlig na h-Èireann.

Agus a bheil càil againn ann am beul-aithris mun Chionaran-crò? Uill, tha ann an Carmina Gadelica à Nis ann an ceann a tuath Leòdhais.

Fhuair Alasdair MacIlleMhìcheil an stòiridh bho fhear, Aonghas Gunnach. Bha Aonghas ochdad ʼs a ceithir bliadhn’ a dh’aois. Bha e a’ fuireach fad ùine mhòr ann an Eilean Rònaigh – eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas. Nì mi cunntas air aithris Aonghais mun Chionaran-crò anns an ath Litir.

The Little Letter 610

In the autumn of last year I was in Mull. I was speaking to young and old about the Gaelic heritage associated with marine mammals. I gave them this traditional rhyme:

Seven herrings will fill a salmon,

Seven salmon will fill a seal,

Seven seals will fill a whale,

Seven whales will fill a Cìrean

Cròin.

Do you understand ‘sàth’? It means what something or somebody has to eat in order to be full or replete. A salmon will eat seven herrings before it is satisfied.

Seven herrings will fill a salmon,

Seven salmon will fill a seal,

Seven seals will fill a whale,

Seven whales will fill a Cìrean

Cròin.

What on earth (under the sun) is, or was, a Cìrean Cròin? Nobody knows what it looked like. The primary school children, where I was working, made amazing drawings of it. Some of them were like large crabs. Some were like big octopuses. And some were like whales with scary teeth in their head!

Another form of the rhyme was recorded. And it isn’t Cìrean Cròin that the animal was called, but Cionaran-crò. This time, however, there is another creature even bigger than the Cionaran-crò:

Seven herrings will fill a salmon,

Seven salmon will fill a seal,

Seven seals will fill a small whale,

Seven small whales will fill a

large whale,

Seven large whales will fill a

cionaran-crò,

Seven cionaran-crò will fill a great

sea leviathan.

What on earth is mial mhòr a’ chuain? Well, it has been translated as Great Leviathan of the Sea. And the word mial is known in old Gaelic, meaning ‘great creature’ and ‘whale’. In Irish Gaelic a whale is called a míol mór.

And do we have anything in oral tradition about the Cionaran-crò? Well, yes, in Carmina Gadelica, from Ness in the north of Lewis.

Alexander Carmichael got the story from a certain Angus Gunn. Angus was 84 years old. He was living for a long time on the island of Rona – a small island in the ocean north of Lewis. I’ll give an account of Angus’s story about the Cionaran-cò in the next Litir.

Broadcast

  • Mon 16 Jan 201719:00

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast