29/01/2017
Tha an litir aig Ruairidh MacIlleathain ag innse sgeulachd mu Naomh Rònain. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 611
Clip
![]()
Litir do Luchd Ionnsachaidh 915
Duration: 05:00
Litir 915: Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (2)
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu chreutairean macmeanmnach na mara – an Cìrean Cròin agus an Cionaran-crò. Tha iad – no bha iad – le chèile uabhasach fhèin mòr. Bha iad cho mòr ʼs gun robh iad ag ithe mhucan-mara. Thug mi an rann seo dhuibh|:
Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,
Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,
Seachd mucan-mara mòra, sàth Cionarain-crò,
Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain.
Fhuaireadh cunntas dhen Chionaran-crò bho fhear ann an Nis ann an Leòdhas, Aonghas Gunnach. Ged a bha e ochdad ʼs a ceithir bliadhna a dh’aois, bha Aonghas fhathast làidir na cheann ʼs na bhodhaig. Fad ùine mhòr, bha e a’ fuireach ann an Rònaigh, eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas. Bha tòrr sgeulachdan aige. Seo agaibh tè dhiubh.
O chionn fhada, thàinig Naomh Rònan a Leòdhas airson na daoine a thoirt gu Crìosd. Thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh far am biodh e ag adhradh agus a’ dèanamh ùrnaigh. Ach cha robh ùidh aig na daoine anns an obair aige. Bhiodh na fir a’ connsachadh ri chèile mun a h-uile rud agus bhiodh na mnathan a’ connsachadh ri chèile mu ghnothaichean suarach nach b’ fhiach. Bha Rònan troimhe-chèile agus cha b’ urrainn dha an soisgeul a sgaoileadh no eadhon ùrnaighean a dhèanamh dha fhèin.
Bha e a’ fàs seachd searbh dhen t-suidheachadh agus rinn e ùrnaigh don Tighearna a bhith air a thoirt air falbh bho mhuinntir Eòropaidh. Thàinig aingeal Dhè agus dh’iarr e air Rònan a dhol a-bhàn don laimrig far an robh an Cionaran-crò a’ feitheamh ris. Rinn Rònan air an laimrig na dheann. Cha tug e leis ach ‘pollaire’ – satchel – leis an Leabhar na bhroinn – am Bìoball, tha mi a’ ciallachadh. Agus an sin bha an Cionaran-crò, le a dhà shùil a’ deàrrsadh mar rionnagan anns an iarmailt.
Chaidh Rònan air muin a’ Chionarain-chrò agus dh’fhalbh e leis ag astar thar na mara os cionn nan stuaghan. Ach cha robh mòran stuaghan ann – bha a’ mhuir iongantach ciùin. Ann am priobadh na sùla ràinig an Cionaran-crò Eilean Rònaigh. Aig an àm sin bha an t-eilean làn nathraichean beumnach, ghrìbheanan ìneach agus leomhann beucach. Seadh – ʼs e tèarmann nàdair a bhiodh ann an-diugh, gu cinnteach!
Co-dhiù, cha do mhair na beathaichean annasach sin ann fada. Theich iad ron fhear naomh (gun luaidh air a’ Chionaran-chrò!), agus chaidh iad thar nan creagan chun na mara. ʼS e sin a dh’fhàg gu bheil sgrìoban air na creagan ann an Rònaigh. ʼS iad na creutairean sin a dh’fhàg na sgrìoban len ìnean, agus iad ann an cabhaig teicheadh. Bha an t-eilean a-nise sìtheil agus thog Rònan cealla ann dha fhèin, far am biodh e ag adhradh ann an sìth.
Gu mì-fhortanach, chan eil an stòiridh ag innse dhuinn dè thachair don Chionaran-chrò. Saoilidh mi gun deach e air ais don chuan mhòr. Agus dè mun chreutair eile anns an rann? Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain. Mo chreach – feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach fhèin mòr is làidir is acrach. ʼS dòcha gu bheil e a cheart cho math nach fhaca duine tè dhiubh ann an uisgeachan na h-Alba airson ùine mhòr!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Aonghas Gunnach: Angus Gunn; Rònaigh: (North) Rona; ùrnaighean: prayers; ciùin: calm.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mu chreutairean macmeanmnach na mara:about imaginary maritime creatures; seachd sgadain sàth bradain: seven herring, a feed for a salmon; seachd ròin sàth muc-mara bheag: seven seals, a feed for a small whale; làidir na cheann ʼs na bhodhaig: strong in (his) mind and body; thàinig Naomh Rònan a Leòdhas airson na daoine a thoirt gu Crìosd: St Ronan came to Lewis to bring the people to Christ; thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh: he built a small cell for himself in Eoropie; bhiodh na mnathan a’ connsachadh ri chèile mu ghnothaichean suarach nach b’ fhiach: the women would argue with each other about trifling matters of no account; cha b’ urrainn dha an soisgeul a sgaoileadh: he couldn’t spread the gospel; rinn e ùrnaigh don Tighearna: he prayed to the Lord; le a dhà shùil a’ deàrrsadh mar rionnagan anns an iarmailt: with its two eyes shining like stars in the heavens; thar na mara os cionn nan stuaghan: across the sea above the waves; ann am priobadh na sùla: in the wink of an eye; làn nathraichean beumnach, ghrìbheanan ìneach agus leomhann beucach: full of damaging snakes, clawed griffons and roaring lions; ʼs e tèarmann nàdair a bhiodh ann an-diugh: it would be a nature reserve today; cha do mhair na beathaichean annasach sin ann fada: those unusual animals didn’t last long there; theich iad ron fhear naomh: they fled before the holy man; a dh’fhàg na sgrìoban len ìnean: who left the scratches with their claws; ann an cabhaig teicheadh: in a hurry to flee; feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach fhèin mòr: the Great Leviathan of the Ocean must be incredibly big.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: a-bhàn don laimrig: down to the landing place (perhaps a natural rock, or a constructed jetty). You won’t hear a-bhàn so commonly today but it is a notable feature of Gaelic in a number of mainland dialects. It involves motion. You can’t be a-bhàn, but you can move a-bhàn. Thèid mi a-bhàn don bhaile feasgar ‘I’ll go down to the village this afternoon’. It usually refers to altitude of position, but can also be used figuratively eg chaidh an cùr a chur a-bhàn ‘the dog was put down’ although this idiom is likely to have its origins in English.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ fàs seachd searbh dhen t-suidheachadh: getting fed up of, disenchanted with, the situation.
Broadcasts
- Sun 29 Jan 201722:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Feb 201723:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.






