Episode 6
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Carmine Colajezze às an Eadailt agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair.
In the sixth programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Carmine Colajezze from Italy about his learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
Clips
![]()
Tar-sgrìobhadh: Airidh air Urram
Duration: 01:38
![]()
Beag air Bheag: Sreath 4: Prògram 6
Duration: 57:02
![]()
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 6
Duration: 02:20
![]()
Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Duration: 01:31
Tar-sgrìobhadh – Airidh air Urram – Ethel Bassin
Jo NicDhòmhnaill
Jo: ’S ann am Belarus neo Mogilev mar a bh' air aig an àm a rugadh athair Ethel Bassin. Bhuineadh e do theaghlach beartach Iùdhach, agus thug e a-mach dreuchd Rabbi. Ach dh’atharraich cùrs’ a bheatha nuair a thachair e ri miseanaraidh à Eaglais Shaor na h-Alba ann an Constantinople, Istanbul an-diugh, agus aig aois naoi air fhichead, dh’atharraich e a chreideamh.
Chaidh e a dh’obair na mhiseanaraidh am measg nan Iùdhach agus ann an ochd deug, ceithir fichead ’s a còig, thàinig e a Dhùn Èideann far an robh dreuchd aige mar cheannard air buidheann air an robh ‘The Scottish Home Misson to the Jews’.
Rugadh Ethel an Dùn Èideann ceithir bliadhna an dèidh sin, agus bha a tàlantan follaiseach bho aois gu math òg. Choisinn i mar eisimpleir grunn dhuaisean airson ceòl is i dìreach na sgoilear aig George Watson’s Ladies College.
Fhuair i teisteanas bho Acadamaidh Rìoghail Ciùil Lunnainn aig aois naoi deug, agus an dèidh beagan bhliadhnaichean a’ teagasg ceòl ann an diofar sgoiltean ann an Sasainn, chaidh i gu Colaiste Moray House ann an Dùn Èideann, far am b’ i a’ chiad oileanach riamh anns a’ cholaiste sin a fhuair teisteanas airson ceòl a theagaisg ann an sgoiltean Alba. Bha seo ann an naoi deug is còig deug.
Chan eil fios agam le cinnt ciamar, cuin neo carson a ghabh i ùidh ann an òrain Ghàidhlig an toiseach, ach faodaidh e a bhith gur e an tè a bha a’ toirt leasanan piàna dhi aig an àm seo a bu choireach. B’ ise Marsaili NicUalraig Fhriseal agus tha e coltach gun do theagaisg Marsaili Mhòr dha Ethel cuid dha na h-òrain a bha a’ nochdadh anns na leabhraichean aice fhèin, Songs of the Hebrides, leabhraichean air an robh fèill mhòr aig an àm.
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 6
“Mach à Seo Sibh!”
Feumaidh Calum agus Màiri cabhag a dhèanamh an uair a dh’fhàgas iad an taigh anns a’ mhadainn. Tha aca ri dhol air astar fada mus ruig iad sgoil Choir an t-Sìthein - suas ri mìle - agus chan eil a chridhe aca gun a bhith innte aig leth-uair an dèidh naoi air a’ char as fhaide. Bha uair nach robh i a’ fosgladh gu deich uairean, agus dh’fhaodadh a’ chlann an uair sin ceum socair, mall a bhith aca; ach cha dèan sin a’ chùis a-nis – dh’fhalbh an latha buidhe sin!
Is math a tha fios aca fhèin nach bi am maighstir-sgoile air a dhòigh mura bi iad aig doras na sgoile cho luath ’s a bhuaileas e an clag. Mar a bhitheas e fhèin ag ràdh riutha – “Am fear a bhitheas air dheireadh, beiridh a’ bhiast air!”
Chan ann tric a bha Calum agus Màiri a-riamh fadalach, ach chan e sin do Niall Moireasdan e. Is e seo fear de chompanaich Chaluim, agus is iomadh latha nach eil esan cho tràth ’s a bu chòir dha. Bidh sin a’ sàrachadh a’ mhaighstir-sgoile, Mgr. Mac an t-Saoir, ach tha e nis mion-eòlach air a’ chùis, agus is ann a bhitheas e a’ dèanamh spòrs air Niall, ag ràdh ri càch – “Am fasan a bh’ aig Niall, bha e riamh ris!"
Mar as sine tha a’ chlann a’ fàs, is ann as motha bhitheas aca de leabhraichean. Tha màileid Chaluim làn gu a beul. Tha dusan leabhar aige air fad. Is e leabhraichean Beurla a tha anns a’ chuid as motha a tha aige, ach tha feadhainn Ghàidhlig aige cuideachd. Is e am fear a tha e fhèin a’ dèanamh as fheàrr leis uile gu lèir. Tha dealbhan brèagha agus mòran de rudan annasach ann, agus a h-uile càil ann an Gàidhlig. Is ann a tha Màiri a’ cumail ris gu bheil am fear a tha i fhèin a’ dèanamh nas fheàrr na am fear aige-san, ach cha ghabh Calum ri sin idir. Chan eil uiread de leabhraichean aig Màiri, chionn tha ise nas òige, agus chan eil a’ mhàileid aicese cho trom.
A. Feuch a-nis air na ceistean seo - agus sin gu dìcheallach!
1. Ciamar a bhitheas Calum agus Màiri a’ coiseachd air an t-slighe don sgoil?
2. Cuin a dh’fheumas iad a bhith aig an sgoil?
3. Cuin a bhitheas tu fhèin a’ ruigheachd na sgoile?
4. Dè an t-ainm a tha air a’ mhaighstir-sgoile aca?
5. Dè an t-ainm a tha air a’ mhaighstir-sgoile (no air a’ bhana-sgoilear) agad fhèin?
6. Ciamar a bhitheas fios aig a’ chloinn gu bheil an t-àm aca a bhith aig an sgoil?
7. Cia mheud leabhar a tha aig Calum anns a’ mhàileid?
8. Cia mheud leabhar a tha agad fhèin?
9. Carson nach eil uiread de leabhraichean aig Màiri ’s a tha aig Calum?
10. Cia mheud leabhar Gàidhlig a tha agadsa?
11. Cò as trice bhitheas air dheireadh ann an sgoil Choir an t-Sìthein?
13. Cò as trice bhitheas air dheireadh anns an sgoil agaibh fhèin?
14. Dè thachras do neach a bhitheas air dheireadh?
15. Saoil dè na rudan annasach a tha aig Calum anns an leabhar Gàidhlig aige fhèin?
B. Innis a-nis dè cho càirdeach ’s a tha iad seo:
1. Is i Màiri .... Mòraig.
2. Is i Mòrag .... Sheumais.
3. Is e Seumas .... Chaluim Bhàin.
4. Is e Calum .... Màiri.
5. Is e Calum .... Sheumais.
6. Is i Màiri .... Chaluim.
7. Is i Mòrag .... Màiri.
8. Is e Calum Mòr .... Màiri.
9. Is e Calum Bàn .... Chaluim Mhòir.
10. Is e Niall .... Chaluim Bhàin.
C. Nach ann aca seo a tha an naidheachd! Ach cò iad?
1. Tha na .... a’ comhartaich.
2. Tha a’ .... a’ gàgail.
3. Bidh na h- .... a’ ceileireadh.
4. Siud an t- .... a’ sitrich.
5. Chuala mi .... a’ mèilich.
6. Tha geum àrd aig a’ ....
7. Nach ann aig a’ .... a tha an gairm sgairteil!
8. Tha am .... a’ langanaich anns a’ bheinn.
9. Nach cluinn thu a’ .... a’ miogadaich.
10. Chuala an sealgair an .... a’ beucaich anns a’ choille.
Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Seumas Dòmhnallach
Cathy: A Sheumais, tha fhios a’m gun deach thu na do lùban uair no dhà, ach dè a’ chuimhn’ a th’ agad air feuchainn ri thu fhèin a chur còmhnard às dèidh dhol na do phìosan beò air an èadhar?
Seumas: Uill, chan ann ann an lùban a chaidh mise an turas as miosa air a bheil cuimhn’ agam, ach ’s e fallas fuar a thàinig orm. Eh, sgeulachd annasach. Bha suidheachadh a tha seo ann agus tha e doirbh dhomh chreidsinn gu bheil ochd bliadhna deug ann a-niste, tha ochd bliadhna deug bhon a thachair e. Ach thàinig mi staigh a’ mhadainn a bha seo, ’s bha mi ag ullachadh airson Aithris na Maidne agus mhothaich mi fhìn ’s a’ riochdaire a bh’ air a’ phrògram ’s daoin’ eile a bha ag obair, gu robh an t-ainm a tha seo gu bhith nochdadh anns a’ phrògram, ’s gum feumadh tu bhith uabhasach faiceallach.
Nan cuireadh tu litrichean anns an ainm cas mu seach gum faodadh tubaist uabhasach a bhith ann! ’S e Spoonerism tha mi a’ smaoineachadh a chanas tu agus ’s e a’ chuid as miosa dheth gun do mhothaich mi ’s chuir mi seachad fad na maidne ag ullachadh an rud dhomh fhìn, “Chan eil mi a' dol a ràdh seo nuair a thig e gu bhith ga ràdh air an èadhar.”
Ach, dè thachair – thàinig e dhan a’ mhionaid chudromach agus dè rinn Seumas ach chuir e na litrichean cas mu seach agus thàinig fallas fuar orm! Tha cuimhn’ a’m fhathast air!
Cathy: Chaidh thu mar James Naughtie!
Seumas: Rinn mi... rinn mi dìreach, uhm, casad airson faighinn seachad air tha mi smaoineachach. Ma b' fhìor nach d’ thuirt mi idir e, ach chum mi a’ dol ach ’s e ’n fhìrinn innse, thàinig fallas fuar orm.
Cathy: Eil feagal ort an t-ainm a ràdh tuilleadh?
Seumas: Chan eil mi dol ga ràdh tuilleadh! Bidh gu leòr ga chur nam chuimhne, ach chan eil mis’ airson cuimhneachadh air tuilleadh.
Cathy: Uill cha dùraig dhomhsa a ràdh, eagal ’s gum faigh mi fhìn ceàrr e, agus ’s e fìor dhroch fhacal a bh’ ann cuideachd, mas math mo chuimhne!
Oisean a’ Ghràmair 6: Notaichean
1. Sùil air ais: an IOLRA (plural) le –AICHEAN
Jo NicDhòmhnaill (‘Ethel Bassin’)
“....agus às dèidh beagan bhliadhnaichean a’ teagasg ceòl”
“....and after a few years teaching music”
“....cuid dha na h-òrain a bha a’ nochdadh anns na leabhraichean aice fhèin, Songs of the Hebrides, leabhraichean air an robh fèill mhòr aig an àm.”
“....some of the songs that appeared in her own books, books that were very popular at the time.”
Seumas Dòmhnallach (‘Feasgar’)
“....agus dè rinn Seumas ach chuir e na litrichean cas ma seach”
“....and what did Seumas do but put the letters the wrong way round”
bliadhna bliadhnaichean year(s)
leabhar leabhraichean book(s)
litir litrichean letter(s)
(FAICIBH Prògram 5.)
2. Ginideach iolra (genitive plural) le -ACH
Jo NicDhòmhnaill (‘Ethel Bassin’)
“Chaidh e a dh’obair na mhiseanaraidh am measg nan Iùdhach.”
“He went to work as a missionary among the Jews”.
Iùdhach- ‘a Jew’ na h-Iùdhaich- ‘the Jews’
ACH
am measg nan Iùdhach- ‘in the midst of the Jews, among the Jews’
bodach - ‘an old man’ na bodaich - ‘the old men’
ACH
am measg nam bodach- ‘in the midst of the old men, among the old men’
boireannach - ‘a woman’ na boireannaich- ‘the women’
ACH
am measg nam boireannach- ‘in the midst of the women, among the women’
Albannach - ‘a Scot’ na h-Albannaich- ‘the Scots’
ACH
am measg nan Albannach- ‘in the midst of the Scots, among the Scots’
Eisimpleirean ginideach eile (le –ach):
eachdraidh nan Iùdhach‘the history of the Jews’
sgeulachdan nam bodach ‘the old men’s stories’
guthan nam boireannach ‘the women’s voices’
roghainn nan Albannach ‘the choice of the Scots’
Eisimpleirean ginideach eile (le –ach):
eilean - ‘an island’ na h-eileanan- ‘the islands’
ACH
Radio nan Eilean- ‘the radio of the Islands’,
Comhairle nan Eilean Siar - ‘the Council of the Western Isles’ (‘The Western Isles Council’)
Gàidheal - ‘a Gael’ na Gàidheil- ‘Gaels’
ACH
Radio nan Gàidheal - ‘the radio of the Gaels’
Gairm nan Gàidheal- ‘The Call of the Gaels’ (pròiseact mòr mun Chiad Chogadh)
solas - ‘a light’ na solais- ‘the lights’
ACH
priobadh nan solas- ‘the flicker of the lights’
marbh - ‘a dead person’ na mairbh- ‘the dead’
ACH
Là nam Marbh- ‘the Day of the Dead’ (‘All Souls Day’, 2 Samhain)
guth nam marbh- ‘the voice of the dead’
mac - ‘a son’ na mic- ‘the sons’
ACH
dìleab nam mac- ‘the sons’ inheritance’
(FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag Sreath 2, Prògram 13.)
3. Ginideach iolra neo-dheimhinne (indefinite genitive plural): SÈIMHEACHADH (lenition)
Jo NicDhòmhnaill (‘Ethel Bassin’)
“Choisinn i .... grunn dhuaisean airson ceòl.”
‘She won a number of prizes for music.”
“....agus às dèidh beagan bhliadhnaichean a’ teagasg ceòl”
“....and after a number of years teaching music”
duaisean - ‘prizes’
grunn dhuaisean - ‘a number of prizes’ (= a few prizes)
càraichean - ‘cars’
pailteas chàraichean - ‘an abundance of cars’ ( = ‘plenty cars’)
pilichean - ‘pills’
botal philichean - ‘a bottle of tablets/pills’
siùcaran - ‘sweets’
pacaid shiùcaran - ‘a packet of sweets’
prògraman - ‘programmes’
sreath phrògraman - ‘a series of programmes’
pàipearan - ‘papers’
mo chuid phàipearan - ‘my lot of papers’ (= my papers)
puingean - ‘points’
tòrr phuingean - ‘a heap of points’ (= lots of points)
shaighdearan - ‘soldiers’
dithis shaighdearan - ‘a twosome of soldiers’ (= two soldiers)
beagan bhliadhnaichean / mòran bhliadhnaichean
‘a few years / many years’ (‘a smallness / a muchness of years’)
(FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag Sreath 2, Prògram 13.)
4. AGUS I.... = nuair a bha i....
Jo NicDhòmhnaill (‘Ethel Bassin’)
“Choisinn i mar eisimpleir grunn dhuaisean airson ceòl is i dìreach na sgoilear aig George Watson’s Ladies College.”
“She won, for example, a number of prizes in music when she was just a pupil at George Watson’s Ladies College.”
Bidh aodach annasach orra ’s iad a’ cluich air an àrd-ùrlar.
‘They wear strange outfits when they’re playing on stage.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 24 Apr 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Apr 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Apr 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 May 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Aug 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Aug 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Aug 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Aug 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Aug 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Aug 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Aug 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Aug 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.


