Episode 7
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through some of the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Raonaid NicIain agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan bho phrògraman à tasglann Radio nan Gàidheal.
In this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Rachel Johnstone from Sheffield about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
Clips
![]()
Tar-sgrìobhadh: Sàr Chlàr
Duration: 01:29
![]()
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 7
Duration: 02:34
![]()
Beag air Bheag: Sùil air a' Mhapa 7
Duration: 02:20
![]()
Beag air Bheag: Sreath 4: Prògram 7
Duration: 56:20
Tar-sgrìobhadh: Sàr Chlàr
Rosemary Ward
Rosemary: Uill thagh mi seo, tha seo.... saoilidh mise gu bheil seo dìreach ga mo tharraing air ais chun a’ chiad obair agam. Às dèidh dhomh ceumnachadh bho Cholaiste Naomh Anndra mar thidsear, cha robh obraichean ri fhaighinn ann an Srath Chluaidh aig an àm, agus b’ fheudar dhomh a dhol far an robh obair, ’s chaidh mi sìos, chuir mi romham gu robh mi a’ dol sìos a Shasainn a thòiseachadh a theagasg.
Agus feumaidh mi ràdh gun do chuir mi seachad dhà no trì bhliadhnaichean air leth shìos ann an Sasainn a’ teagasg ann am Forest Gate an taobh an ear de Lunainn aig àm a bha gu math gu math duilich ann an eachdraidh Lunainn; mar a bhios cuimhn’ agad Patsi, bha na Broadwater Farm Riots a’ dol aig an àm – sin agad nuair a chaidh am poileasman Blakelock a mharbhadh, agus bha mise an teis-meadhan mar gum biodh.
Bha mi ag obair dha comhairle far an robh Bernie Grant, aon dha na comhairlichean Làbarach a bha a’ bruidhinn a-mach as motha mu dheidhinn, mar gum biodh, an dòigh anns an robhar a’ làimhseachadh na daoine dubha ann an Lunnainn, agus an strì a bha a’ dol aig an àm airson còraichean na h-Àisianaich agus na daoine dubha ann an Lunnainn, mar gum biodh, a dhìon. So ’s e àm gu math doirbh a bh’ ann, ach aig a’ cheart àm, ’s e àm luma-làn de chothroman chionn, ’s e tha “Somewhere, Somewhere in Summertime” a' toirt air ais gu mo chuimhne, an cothrom a fhuair mi a bhith an làthair aig Live Aid.
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 7
"Steach a Seo Sibh!"
Cho luath ’s a bhuaileas am maighstir-sgoile an clag, tha a’ chlann a’ cruinneachadh aig doras na sgoile. Tha iad a’ seasamh an sin gu socair, modhail, stòlda, rianail, gus am faigh iad cead a dhol a-steach.
Tha seasgad ’s a ceithir anns an sgoil uile gu lèir, agus bidh iad a’ seasamh gu dìreach, sgiobalta ann an ceithir sreathan aig an doras, sreath de bhalaich mhòra air làimh dheis a’ mhaighstir-sgoile, na balaich bheaga ri an taobh, agus dà shreath de nigheanan air an làimh chlì. Tha Màiri a-nis am measg nan caileagan mòra, agus is i fhèin a tha moiteil! Ach cha bhi i idir air a dòigh an uair a chanas Calum rithe, mar as tric a chanas – “Tha Màiri againne cho mòr - na beachd fhèin!”
An uair a bheir am maighstir-sgoile cead dhaibh, tha a’ chlann a’ coiseachd gu sunndach, sgiobalta a steach don sgoil, agus iad uile a’ dèanamh modh ris anns an dol-seachad. Tha meas mòr aca air Mgr. Mac an t-Saoir, agus tha iad glè umhail dha.
Tha dithis eile a’ teagasg anns an sgoil, a’ bhana-sgoilear NicEachainn agus a’ bhana-sgoilear NicLeòid. Tha mar sin trì rumannan-teagaisg innte, agus timcheall air fichead, gillean agus caileagan, anns gach rùm. Is ann aig a’ mhaighstir-sgoile a tha Calum, agus Niall cuideachd, ach cha do ràinig Màiri an inbhe sin fhathast, agus bidh ise aig a’ bhana-sgoilear NicLeòid gus am bi i deich bliadhna a dh’aois.
Chan eil sgoil Choir an t-Sìthein air aon de na sgoiltean ùra, ach tha a’ chlann glè thoilichte innte. Is math dhaibh nach ann o chionn trithead no ceathrad bliadhna a bha iad aois na sgoile. Bha na daoine an uair sin cho bochd agus gum bitheadh clann gu leòr a’ dol don sgoil casruisgte, ged a bhitheadh sìde glè fhuar ann. Gheibh a’ chlann an-diugh am biadh anns an sgoil, ach cha bhitheadh aca an uair ud ach mìr tioram. Tha teintean guail no teintean dealain anns na sgoiltean a-nis ach dh’ fheumadh a h-uile duine anns an latha bha siud fàd mònadh a thoirt leis don sgoil a h-uile latha. Nach iongantach a bha iad beò idir!
A. Freagair na ceistean seo cho math ’s a ghabhas:
1. Cuin a tha a’ chlann a’ cruinneachadh aig doras na sgoile?
2. Cuin a tha iad a’ dol a-steach?
3. Ciamar a tha iad a’ seasamh?
4. Cia mheud sreath a tha ann?
5. Cia mheud sreath a bhitheas aig an sgoil agaibh fhèin?
6. Cia mheud a tha anns an sgoil còmhla ri Calum?
7. Cia mheud a tha anns an sgoil agaibhse?
8. Cia mheud a tha a’ teagasg ann an sgoil Choir an t-Sìthein?
9. Càit am bi na gillean a’ seasamh mus tèid iad a-steach?
10. Càit am bi Màiri a’ seasamh?
11. Dè bhitheas a’ chlann a’ dèanamh an uair a bhitheas iad a’ dol seachad air a’ mhaighstir-sgoile?
12. Carson a bhitheas iad a’ dèanamh seo?
13. Cia mheud rùm-teagaisg a tha anns an sgoil?
14. Cuin a thèid Màiri do rùm a’ mhaighstir-sgoile?
15. Carson a dh’fhaodas a’ chlann a bhith toilichte gu bheil iad anns an sgoil seo?
B. Faiceamaid dè cho math ’s a nì thu iad seo a-nis:
1. Tha uisge timcheall air....
2. Is e.... muir fharsaing fhosgailte.
3. Tha.... eadar dà eilean.
4. Is e.... cnoc àrd.
5. Gheibh sinn uisge ann an....
6. Tha craobhan a’ fàs anns a’ .....
7. Is e.... taigh beag tughaidh.
8. Bidh sinn a’ lomadh nan caorach aig an....
9. Bithear a’ buain na mònadh anns a’ ......
10. Tha sglèat air an .... againne ach is e tughadh a bha air.... mo sheanar an uair a bha e òg.
C. Tha fios gun dearg thu air an fheadhainn seo!
1. Tha an t-sìde.... an uair a thig an samhradh.
2. Tha i.... an uair a tha uisge mòr ann.
3. Is e latha fiadhaich a tha ann an uair a tha a’.... làidir.
4. Tha i .... an uair a bhitheas sneachd is reothadh ann.
5. Tha i mosach an uair a bhitheas .... shìde ann.
6. “Nach i tha bruicheil!” ars am bodach. Ciamar a bha an t-sìde?
7. Tha an t-adhar dearg an uair a dh’èireas a’ ....
8. Tha e .... an uair a thig an oidhche.
Tar-sgrìobhadh: Nepal le Alasdair Moireach
Maureen NicLeòid: Aguis cia mheud duine a-rèist a bha sa Leper Colony a bha sin ’s a bha fuireach faisg air a sin, ’s a bha Moira a’ cuideachadh?
Alasdair Moireach: Bha còrr air ceud gu leth neach a’ fuireach ann agus bha diofar sheòrsaichean rudan ceàrr orra; feadhainn dha na rudan a bh’ ann, bha iad anns an inntinn cuideachd ’s mathaid, chan e a-mhàin anns a’ chorp aca. Agus bha Moira a’ dol a-mach aon uair san t-seachdain a choimhead air na daoine a dh’fhaicinn cò aig a bha feum air ’s mathaid rud beag a bharrachd frithealadh air neo ’s mathaid cobhair a thoirt dha na daoine a bha coimhead às an dèidh son bha dithis dhan an fheadhainn a bh’ ann, bha iad air beagan treanigeadh fhaighinn airson na bandages no na dressings làitheil.
Sùil air a' Mhapa 7
Tha dà bhaile ann an ceann a tuath na h-Alba, faisg air a chèile. Tha iad le chèile aig beul abhainn. Ann am Beurla ’s e fear dhiubh ‘Inverness’. ’S e am fear eile ‘Nairn’. Tuigidh sibh gu bheil ‘Inver’ a’ ciallachadh ‘river mouth’ no àite far a bheil dà abhainn a’ sruthadh na chèile. Carson, ma-thà, nach e ‘Invernairn’ a th’ air an dàrna baile? Uill, ’s e ‘Invernairn’ a bha air a’ bhaile sin ann am Beurla – agus ‘Invernaren’ ann an Laidinn. Tha na h-ainmean sin a’ tighinn bhon Ghàidhlig ‘Inbhir Narann’ – no ‘Inbhir Narann’ – ma tha sibh a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.
Nuair a tha ainm-àite ann le ‘inbhir’ no ‘inbhir’, gu math tric ’s e an dàrna eileamaid ainm na h-aibhne. B’ e ‘Nesa’ seann ainm na h-aibhne ann an Inbhir Nis. Tha Nis a’ ciallachadh ‘of the Nesa’. Inbhir Nis ‘the mouth of the Nesa – no Ness ann am Beurla’.
Tha an t-ainm ‘Narann’ – mar a tha ‘Nesa’ – gu math sean. Tha Abhainn Narann a’ sruthadh tro Shrath Narann. Tha daoine air a bhith a’ fuireach ann an Srath Narann airson mìltean bhliadhnaichean. Tha gu leòr de bhailtean eile ann an Srath Narann cuideachd – mar eisimpleir Deimhidh no Daviot. Tha Abhainn Narann a’ ruigsinn na mara aig Inbhir Narann. Agus aon phuing mu fhuaimneachadh ainm a’ bhaile. ’S e Inbhir Narann a th’ ann, chan e Inbhir Narainn. Baile Inbhir Narann. Tràigh Inbhir Narann. Àite math air latha blàth samhraidh!
Oisean a’ Ghràmair 7: Notaichean
1. Sùil air ais: Tha X ri dhèanamh
Rosemary Ward (‘Sàr Chlàr’)
“Às dèidh dhomh ceumnachadh bho Cholaiste Naomh Anndra mar thidsear, cha robh obraichean ri fhaighinn ann an Srath Chluaidh aig an àm.”
“After I graduated from St Andrews College as a teacher, there were no jobs to be found in Strathclyde at the time.”
FAICIBH PRÒGRAM 4.
2. DHOMH, DHUT, DHA, DHI......
dhomh dhut dha dhi dhuinn dhuibh dhaibh
‘for me / you / him / her’ ‘for us / you (pl.) / them’
(i) ÀS DÈIDH DHOMH
Rosemary Ward (‘Sàr Chlàr’):
“Às dèidh dhomh ceumnachadh bho Cholaiste Naomh Anndra mar thidsear, cha robh obraichean ri fhaighinn ann an Srath Chluaidh aig an àm.”
“After I graduated / After (me) graduating from St Andrews College as a teacher, there were no jobs to be had in Strathclyde at the time.”
às dèidh dhomh‘after for me’
às dèidh dhomh ceumnachadh ‘after me graduating, after I graduated’
Às dèidh dhomh ceumnachadh, chaidh mi sìos a Shasainn.
‘After graduating, I went down to England.”
Às dèidh dhut ceumnachadh, thèid sinn air saor-laithean.
‘After you graduate, we’ll go on holiday.’
Seachdain às dèidh dha ceumnachadh, thòisich Calum obair ùr ann an Inbhirnis.
‘A week after graduating, Calum started a new job in Inverness.’
Às dèidh dhi ceumnachadh, smaoinichidh sinn air saor-làithean.
‘After she graduates, we’ll think about holidays.’
Às dèidh dhuinn bruidhinn ri chèile, dh’fhàs cùisean na b’ fheàrr.
‘After we’d talked, things got better.’
Às dèidh dhuibh biadh a ghabhail, faodaidh sibh falbh air chuairt.
‘After you’ve all eaten, you can go for a wander.’
Phòs iad gun ach dà mhìos às dèidh dhaibh coinneachadh.
‘They got married only two months after they’d met.’
Às dèidh do/dha Rosemary ceumnachadh, fhuair i obair ann an Lunnainn.
‘After Rosemary graduated, she got work in London.’
(ii) B’ FHEUDAR DHOMH
Rosemary Ward (‘Sàr Chlàr’):
“... cha robh obraichean ri fhaighinn ann an Srath Chluaidh aig an àm, agus b’ fheudar dhomh a dhol far an robh obair...”
‘...there were no jobs to be found in Strathclyde at the time, and I had to go where there was work...”
Feumaidh mi ‘I have to, I must’ ach
B’ fheudar dhomh ‘I had to’ (‘it was necessary for me to’)
Feumaidh tu ‘You have to, you must’
B’ fheudar dhut ‘You had to, (‘it was necessary for you to’)
Feumaidh an sgoil dùnadh. ‘The school has to close.’
B’fheudar dhan sgoil dùnadh. ‘The school had to close.’ (‘It was necessary for the school to close.)
B’ fheudar dhomh a dhol a-mach. ‘I had to go out.’
Am b’ fheudar dhut falbh? ‘Did you have to go?’
B’ fheudar dha bruidhinn. ‘He had to speak.’
B’ fheudar dhi fuireach. ‘She had to stay.’
Cha b’ fheudar dhuinn feitheamh ro fhada. ‘We didn’t have to wait too long.’
Am b’ fheudar dhuibh an taigh a reic? ‘Did you have to sell the house?’
B’ fheudar dhaibh am baile fhàgail sa bhad. ‘They had to leave town at once.’
3. ROMHAM, ROMHAD,...: Chuir mi romham
romham romhad roimhe roimhpe romhainn romhaibh romhpa
‘before me / you / him / her’ ‘before us / you (pl.) / them’
Rosemary Ward (‘Sàr Chlàr’):
“....chuir mi romham gu robh mi dol sìos a Shasainn a thòiseachadh a theagasg.”
“I decided, I made up my mind I was going down to England to start teaching.”
Chuir mi romham ‘I decided, I resolved (to do something)’ (lit. ‘I set before me’)
Chuir Rosemary roimhpe a dhol sìos a Shasainn. ‘Rosemary resolved to go down to England.’
Chuir mi romham nach robh mi dol a bhruidhinn ro fhada.
‘I decided I wouldn’t speak too long.’
An do chuir thu romhad cuin a bhios tu a’ falbh?
‘Have you decided when you’re going away?’
Chuir Pàdraig roimhe a dhol air saor-làithean leis fhèin.
‘Patrick decided to go on holiday on his own.’
Chuir Màiri-Cèit roimhpe nach dèanadh i hooveradh tuilleadh.
‘Mary-Kate decided she would never hoover again.’
Tha sinn air cur romhainn nach fhaigh sinn càr eile.
‘We’ve decided not to get another car.’
Feumaidh sibh cur romhaibh dè an ath rud a nì sibh.
‘You need to decide what’s the next thing you’ll do.’
Chuir a’ chlann romhpa gun iarradh iad peata eile.
‘The children decided they would ask for another pet.’
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag Sreath 2, Prògram 14.
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 1 May 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 May 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 May 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 May 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Aug 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Aug 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Aug 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Aug 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Aug 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Aug 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Aug 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Aug 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.


