
Anna Mhàrtainn agus Ciorstaidh NicIllEathain
Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis aoighean mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod and two guests discuss their favourite books.
Anns an t-sreath ùr Leugh Mi tha Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis gach seachdain mu na leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mum beatha.
An t-seachdain seo tha Anna Mhàrtainn agus Ciorstaidh NicIllEathain a' tadhail air Anna. Thug leabhar sònraichte eachdraidh dhoirbh nan tùsanach an Astràilia gu aire Anna Mhàrtainn ach mìnichidh i cuideachd cho cudromach 's a tha aon leabhar chloinne gu h-àraid dhi fhèin agus dhan teaghlach.
Tha taghadh leabhraichean Ciorstaidh NicIlleathain ga toirt a dh'Astràilia cuideachd, àite a breith, ach tha sgeulachd stèidhichte air an dàrna cogadh air buaidh a thoirt oirre cuideachd.
A bharrachd air bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha tha gach duine air moladh aon dhiubh sin dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach an do chòrd na leabhraichean riutha no nach do chòrd!
Last on
Broadcasts
- Tue 11 Aug 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Aug 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Aug 201510:01BBC Radio nan Gàidheal