Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Moireasdan agus Màiri Alice Bartlett

Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis aoighean mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod and two guests discuss their favourite books.

Ann an t-sreath ùr seo tha Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis gach seachdain mu na leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mun bheatha aca. An t-seachdain seo 's iad dithis a bhuineas do dh'Eilean Leòdhais a tha a' taghadh nan leabhraichean. Cluinnidh sinn bho Choinneach Moireasdan mun ùidh a th' aige ann an ùirsgeul saidheansail, an àrainneachd agus cànan agus cultar Iapan. Tha ùidh shònraichte aig Màiri Alice Bartlett ann an dràma agus cluinnidh sinn cuideachd mar a tha caractaran boireann làidir ga tàladh gu sgeul de gach seòrsa.

A bharrachd air bruidhinn air trì de na leabhraichean as fheàrr leotha tha gach duine air aon dhiubh sin a mholadh dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach anns a' phrògram an do chòrd na leabhraichean riutha neo nach do chòrd!

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 4 Aug 201512:00
  • Tue 4 Aug 201522:00
  • Sun 9 Aug 201510:00
  • Sun 24 Jan 201612:59