Main content
Sorry, this episode is not currently available

Gilleasbuig Fearghasdan agus an Dr Catrìona NicRath

Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis aoighean mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod and two guests discuss their favourite books.

Tha Anna NicLeòid a' còmhradh ri dithis eile mu na leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mun bheatha aca. Anns a' phrògram seo tha an craoladair Gilleasbuig Fearghasdan a' bruidhinn mu dheidhinn an leabhar a tha a' comharrachadh ceanglaichean pearsanta ri Canada agus cuideachd mar a tha leth-bhreac de dh'fhaclair sònraichte cho cudromach dha. Nuair nach bi Catriona NicRath trang na dreuchd mar dhotair-teaghlaich tha an leughadh aice ga toirt gu Majorca agus Afghanistan am measg àiteachan eile. Tha i cuideachd a' mìneachadh cho cudromach 's a tha leughadh dhan teaghlach aice agus mar a thug leabhar a bha an nighean aice a' leughadh buaidh mhòr oirre.

A bharrachd air a bhith a' bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha tha iad air aon dhiubh sin a mholadh dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach an do chòrd no nach do chòrd na leabhraichean sin riutha.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 28 Jul 201512:00
  • Tue 28 Jul 201522:00
  • Sun 2 Aug 201510:00
  • Sun 17 Jan 201612:58