
Dòmhnall MacNèill agus Josie Nicleòid
Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis neach mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod in conversation with two guests about their favourite books.
Ann an Leugh Mi btha Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis neach gach seachdain mu na trì leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mum beatha.
Nuair nach bi Dòmhnall MacNèill trang na dhreuchd mar cheannard air Comann Na Gàidhlig is toigh leis a bhith a' leughadh ùirsgeul eucoir. Bidh e a' bruidhinn cuideachd air an leabhar a leugh e an toiseach na bhalach agus a tha fhathast cudromach dha.
Am measg an taghadh aig Josie Nicleòid tha sgeulachd a tha mòran de chlann-sgoile air a leughadh airson nan deuchainnean aca. Cuideachd bidhi a' mìneachadh carson tha a leithid de mheas aice air fear de shàr-nobhailean romansach nan naoidheamh linn deug.
A bharrachd air bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha, tha gach duine air moladh aon dhiubh sin dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach anns a' phrògram co-dhiù an do chòrd na leabhraichean riutha no nach do chòrd!
Last on
Broadcasts
- Thu 7 Jul 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Jul 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Jul 201609:30BBC Radio nan Gàidheal