
Uilleam Francis Friseal
Gilleasbuig Fearghasdan a' cuimhneachadh Uilleam Francis Friseal bho Ceap Breatainn. Gilleasbuig Ferguson recalls his friend Willie Francis Fraser from Cape Breton.
Chaochail caraid Ghilleasbuig, Uilleam Francis Friseal aig aois ceud bliadhna air a 22mh den Mhàrt 2015. Thar nam bliadhnaichean chlàr Gilleasbuig iomadh còmhradh agus seanchas bho Uilleam Francis agus anns a' phrògram seo cluinnear taghadh dhiubh. Bha Uilleam na dhannsair-ceum ainmeil agus bha an t-eòlas a bh' aige air na steapan dannsaidh agus air dualchas nan Gàidheal ann an Ceap Breatainn luachmhor do Ghàidheil agus do Ghoill an eilein. A bharrachd air na cuimhneachain aig Gilleasbuig fhèin tha trùir de luchd-eòlais Uilleim a' bruidhinn air, Oighrig NicFhraing, Raghnall MacCoinnich agus Carmen NicArtair.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Jul 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 2 Jul 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Jul 201509:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 201508:30BBC Radio nan Gàidheal