
Uiseag Bharraigh - A' Cuimhneachadh Flòraidh NicNèill
Tha Cathy NicDhòmhnaill a' toirt sùil air ais air beatha Flòraidh NicNèill nach maireann. Cathy MacDonald reflects on the life and singing career of the late Flora MacNeil.
Dh'eug Flòraidh NicNèill air an 15mh là den mhìos, a' fàgail beàrn mhòr na teaghlach agus ann an dualchas nan Gàidheal. Anns a' phrògram seo tha Cathy NicDhòmhnaill a' cuimhneachadh air te air a robh meas aig mòran agus a bhios ag ionndrainn a guth agus a pearsa. Cluinnidh sinn còmhradh a rinneadh le Flòraidh fhèin, agus bho luchd-eòlaich, mu beatha, mar a ghabh i ùidh anns na h-òrain aig aois gu math òg agus mun bhuaidh a bha gu bhith aig a seo oirre airson a' chòrr dhe beatha.
B' e 'Uiseag Bharraigh' a thug an sagart ainmeil Mgr Iain Dhonnchaidh, Fr John MacMillan, air Flòraidh NicNèill, Flòrag an Tàilleir, an dèidh dha a guth binn a chluinntinn airson a' chiad uair agus i a' seinn na h-òige aig cèilidh ann am Barraigh. 'S iomadh turas thar nam bliadhnaichean a sheinn 'Uiseag Bharraigh' air an àrd-ùrlar anns an dùthaich seo agus thall thairis a' cumail beò an dualchas phrìseil a fhuair i na h-òige a' fàs suas air an Leideig ann am Barraigh.
Last on
Broadcasts
- Thu 21 May 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 May 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 May 201509:31BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 22 Dec 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 22 Dec 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Dec 201510:00BBC Radio nan Gàidheal