
A Bheannachd Bharrach
Prògram a' comharrachadh na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall Mac na Ceàrdaich à Barraigh. Remembering the writings and poetic works of Donald Sinclair from Barra.
Bho chionn ghoirid chaidh leabhar ùr fhoillseachadh, D.M.N.C. Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich à Barraigh. Rugadh Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh ann am Barraigh ann an 1885 agus chaochail e ann am Manchester ann an 1932. Na bheatha ghoirid sgrìobh e mòran òrain agus pìosan bàrdachd, sia dealbhan-cluiche, deannan aistidhean fada, diofar phìosan de rosg cruthachail agus measgachadh de stuth eile.
Tha Maighstir Seumas MacNèill a' toirt dhuinn iomradh pearsanta air a sheanair agus èistidh sinn ri ogha eile dha, Anna Nic na Ceàrdaich, a' seinn criomagan den bhàrdachd aige agus ag innse beagan de sgeulachd a bheatha ann am prògram sònraichte A' Bheannachd Bharrach à tasglann Radio nan Gàidheal.
Last on
Broadcasts
- Mon 5 Jan 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Jan 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Jan 201513:00BBC Radio nan Gàidheal