Main content
Sorry, this episode is not currently available

Uilleam Dòmhnallach 's muinntir an àite ag innse eachdraidh 's seanchasan Uibhist a Tuath. William Macdonald returns with more history and tales from North Uist.

'S ann an Caolas Phaibil a tha Uilleam Dòmhnallach a' stad an-diugh agus e ann an còmhradh ri Ena NicDhòmhnaill a rugadh sa thogadh a sin. 'S e àite fradharcach dha-rìreabh sa bheil i a' fuireach agus tha i a' toirt dhuinn dealbh air na chì i timcheall oirre. Tha iad a' toirt sgrìob air iomadach cuspair - crìonadh a' chladaich, maorach, obair na talmhainn, obair na mònach agus a' dèanamh mharagan agus eile.

Tha an talamh a' ciallachadh tòrr dhi, agus bha sin a' cheart cho fìor dha h-athair, agus tha sgeulachd uabhasach snog aice air mar a bhiodh i fhèin agus e fhèin a' treabhadh le na h-eich còmhla. Bheir iad an uair sin iomradh air geòidh agus air crodh Gaidhealach - agus chan eil ceist cò as measail air a bheil Ena!

30 minutes

Clip

Broadcasts

  • Wed 5 Mar 201413:30
  • Wed 5 Mar 201422:00
  • Sun 9 Mar 201410:30