
Taigh-òsta Westford 2
Uilleam Dòmhnallach 's muinntir an àite ag innse eachdraidh 's seanchasan Uibhist a Tuath. William Macdonald returns with more history and tales from North Uist.
San dàrna prògram san t-sreath tha Uilleam Dòmhnallach a' leantainn air a chuairt mu thaobh an iar Uibhist a Tuath agus, mar iomadach duine eile 's dòcha, tha e air stad greiseag nas fhaide aig Tàigh- òsta Westford. 'S e àite trang a bh' ann agus àite aoigheil. Na chuideachd a' bruidhinn air na làithean a dh'fhalbh, tha Alasdair Linc agus a bharathair-cèile Dòmhnall MacCarmaig. Rinn athair Alasdair, Anndra, òran mun taigh-seinnse, an 'taigh bhiorach' mar a bh'ac air sa sgìre agus cluinnidh sinn sin cuideachd. Tha iad cuideachd a' toirt greis a' bruidhinn air obair croitearachd agus air eilean Hèisgeir.
Às dèidh sin tha Uilleam a' gluasad gu gnìomhachas an ìre mhath ùr san àite, gnìomhachas bèicearachd Ailein MhicIlleathainn a tha air leudachadh gu bùth ann an Ceann a Bhàigh. Tha e cuideachd a' tadhail air Ùrachadh Uibhist, ionad coimhearsnachd agus cafaidh a tha e fhèin gu math soirbheachail, agus Catriona Linc ag innse mar a thàinig e gu bith.
Last on
More episodes
Previous
Clip
![]()
Mu Chuairt Uibhist a Tuath
Duration: 03:53
Broadcasts
- Wed 26 Feb 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Feb 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Mar 201410:30BBC Radio nan Gàidheal

