
Episode 1
Uilleam Dòmhnallach 's muinntir an àite ag innse eachdraidh 's seanchasan Uibhist a Tuath. William Macdonald returns with more history and tales from North Uist.
Anns a' chiad phrògram san dàrna sreath tha Uilleam Dòmhnallach a' tòiseachadh air a chuairt air taobh an iar Uibhist a Tuath ann an Cladach Circebost aig Taigh-Òsta Westford. 'S e seann taigh-òsta a tha seo agus tha Una NicEanraig, a thogadh san taigh-òsta, ag innse mun chuimhne th' aic air na làithean sin agus na bhiodh iad a' faicinn de mhuinntir na sgìre agus cho dòigheil agus a bha cùisean. Tha dealbhachadh rudeigin annasach air Taigh-Òsta Westford le similearan àirde a meadhan an taigh, rud a choisinn an t-ainm 'an taigh bhiorach' dha. Cluinnidh sinn cuideachd mar a bhiodh deich iarainn aca airson mòine bhuain do dh'ochd teintean agus mar a bhiodh na dròbhairean a' fuireach aca aig àm 'sale'. Tha Ronnie Wilson à Ceann a Bhàigh cuideachd a' cuimhneachadh air làithean, agus oidhcheannan, nuair a bhiodh e fhèin a' tadhail san taigh-òsta.
Aig deireadh a' phrograim tha Niall MacFhearghais ag aithris bàrdachd a rinn Ruaraidh MacAoidh, Bàrd Iollaraidh, do Mhagaidh Sheòrais, te a bha càirdeach do dh' Una, a fhuair bàs òg.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Clip
![]()
Mu Chuairt Uibhist a Tuath
Duration: 03:33
Pige glainne

Pige glainne

Broadcasts
- Wed 19 Feb 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 19 Feb 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Feb 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
