
Ena NicDhòmhnaill 2
Uilleam Dòmhnallach 's muinntir an àite ag innse eachdraidh 's seanchasan Uibhist a Tuath. William Macdonald returns with more history and tales from North Uist.
Tha tuilleadh aig Uilleam agus Ena dhuinn sa cheathramh prògram san t-sreath, agus i ag innse mun ùine a thug i na comhairliche agus an obair a rinn i an luib Aonadh nan Croitearan. Tha an tuilleadh aic mun chrodh Gaidhealach agus mar a thug i stoc à Canaigh agus mar a tha nise an crodh aig Ena air feadh na Roinn Eòrpa.
Tha càil airson obair croitearachd air leantainn ri a mac, Aonghas cuideachd agus esan air cuir ris a stoc agus air leudachadh gu bhith a' togail thaighean. Tha e fhèin agus Uilleam a' toirt greiseag a' bruidhinn air Eilean Bhàlaigh agus e ag innse mar is ann aig an tìde mhara a tha làmh an uachdair fhathast a dh'aindeoin teicneòlas. Chan fhuirich muir ri uallach!
Mu dheireadh sa phrògram, tha Uilleam a' tachairt ri Ceitidh NicUilleim agus i a' seanchas mun obair saorsainneachd ris a robh a h-athair agus i 'g innse nach robh mòran nach dèanadh e le fiodh, eadar cairt agus ciste-laighe. Tha i cuideachd ag innse mar a bha i fhèin ag obair mar bhanaltram-sgìre.
Last on
Clip
![]()
Mu chuairt Uibhist a Tuath
Duration: 03:43
Broadcasts
- Wed 12 Mar 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 12 Mar 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Mar 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
