
Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - A' Falbh
Seanchasan mu bheatha thràth ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Tales from his childhood in Bernera, Lewis as told by the psychologist Donald Macleod.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Tha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceusnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
A seo tha Dòmhnall, na bhalach, ag èisteachd ri còmhradh a bh' aig a mhathàir agus te a thàinig a cheilidh orra am Beàrnaraigh, goirid às dèidh dhaibh a thighinn dhachaigh. Dh'fhalbh a mhàthair aig aois ceithir bliadhna deug, còmhla ri Catriona, a dh'ionnsachadh mar a bhiodh iad nan searbhantan ann an colaist' ann a Lenzie, an Glaschu. Tha e a' dèanamh dealbh air an turas, mar a chaidh dhaibh nuair a ràinig iad agus air saoghal gu math eadar-dhealaicht' a bha romhpa an taca ris na dh'fhàg iad às an dèidh.
Last on
Clip
![]()
Eadar Dà Shaoghal
Duration: 03:18
Dòmhnall MacLeòid

Broadcasts
- Fri 14 Feb 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 15 Feb 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Feb 201414:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 Aug 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 Aug 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Aug 201913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Dec 202217:10BBC Radio nan Gàidheal
