Main content
Sorry, this episode is not currently available

1/8 Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - A' Dol Dhachaigh

Seanchasan mu bheatha thràth ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Tales from his childhood in Bernera, Lewis as told by the psychologist, Donald Macleod.

"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."

Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Bha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.

Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceusnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air. An-diugh clunnidh sinn mar a dh'atharraich an saoghal air a robh e eòlach ri linn buille chruaidh a thàinig air an teaghlach.

20 minutes

Last on

Fri 23 Dec 202217:10

Clip

Broadcasts

  • Fri 7 Feb 201411:30
  • Sat 8 Feb 201410:30
  • Sun 9 Feb 201414:30
  • Mon 5 Aug 201912:00
  • Mon 5 Aug 201922:00
  • Sun 11 Aug 201913:00
  • Fri 23 Dec 202217:10