
Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - Latha na Faing
Seanchasan mu bheatha thràth ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Tales from his childhood in Bernera, Lewis as told by the psychologist Donald Macleod.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Bha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
An-diugh cluinnidh sinn mar a chaidh Dòmhnall san teaghlach a dh'fhaing Thorranais agus mar nach do thill an cù, Queen, còmhla riutha idir. Cha robh i an taigh romhpa a bharrachd agus bha faireachdainn làidir aig Dòmhnall nach tilleadh i a-chaoidh.
Last on
Clip
![]()
Latha na Faing
Duration: 02:26
Dòmhnall MacLeòid

Eadar dà shaoghal

Faing Thorranais

Broadcasts
- Fri 21 Feb 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 22 Feb 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Feb 201414:30BBC Radio nan Gàidheal
- Boxing Day 201417:10BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 19 Aug 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 19 Aug 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Aug 201913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 28 Dec 202217:10BBC Radio nan Gàidheal
