
Dà Phunnd, Dà Unns'
Pòl MacCaluim ag innse dè bhios a' dol dhan stir-fry aige. Le Angela NicFhionghuin. Paul MacCallum makes his own stir-fry for Angela MacKinnon.
Last on
An Stir-fry aig Pòl
Na dh'fheumas sibh:
- Pacaid de bhroilleach circe
- Pacaid de bhalgan-buachair
- 2 uinnean (mhòr)
- Cularan
- Sabhs no sùgh soya
- ola chroinn-ola
- Peppers - uaine, dearg is buidhe
- Creamh
- Luibhean measgaichte
- Bàrr no uachdar
Dòigh Deasachaidh:
Cuir an ola dhan phana (wok - as fheàrr) agus cuir ann sùgh soya, deagh steall dheth
Geàrr na pìosan circe. Teasaich an ola 's an sùgh agus cuir ann a' chearc agus glas a-staigh am blas - cuir sìos an teas agus fàg e a' còcaireachd
Geàrr na peppers, cleachd air fad iad
Geàrr na h-uinneanean agus na balgan-buachair - cuir air fad dhan phana a h-uile sìon sin…….
Cuir tuilleadh sùgh soya ann - na cuir salainn ann idir
Geàrr an cularan ann am pìosan beaga
Faigh creamh cuideachd agus cuir ann deagh phìos dheth
An uairsin cuir ann luibhean measgaichte
Agus mu dheireadh bàrr no uachdar - fear dùbailte le nas lugha de gheir ann
Còcairich seo air fad gus am fàs an sùgh tiugh agus sin e deiseil
Faodaidh tu ithe còmhla ri rus, buntàta no fiù aran.
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Producer | Angela MacKinnon |
| Producer | Norman MacDonald |
Broadcasts
- Fri 25 Oct 201311:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 26 Oct 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Oct 201314:30BBC Radio nan Gàidheal