
An Àird Bheag
Cuairt dhan Àird Bhig eadar Leòdhas 's na Hearadh le dithis a rugadh 's a thogadh ann. Ina and John MacDonald recall life on the remote island peninsula of An Aird Bheag.
Rugadh is thogadh Ina agus Iain Dòmhnallach, piuthar agus bràthair, anns an Àird Bhig, an achlais Leòdhais agus na Hearadh. Cha robh anns an Àird Bhig ach dà dhachaigh. Cha robh rathad ann agus iad a' tighinn 's a' falbh air chois, thar mhonaidhean is chnuic, neo air eathar.
Tha Iain Dòmhnallach air leabhar a sgrìobhadh mun Àird Bhig agus anns a' phrògram seo, tha e fhèin agus Ina ag innse mum beatha ann nan òige.
Chuir Urras Leabhraichean nan Eilean cuairt air dòigh chun na h-Àirde Bige as t-samhradh. Choisich buidheann de dheich duine fichead a-mach gu tobhtaichean nan taighean. Bhuineadh mòran dhan a bh' air a' chuairt dhan an dà dhachaigh a bh' ann a sin. Tha am prògram a' tòiseachadh le blasad dhen chuairt sin, 's Ina an làthair airson an t-àite a shealltainn dhaibh.
Last on
An Aird Bheag

Broadcasts
- Wed 30 Oct 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 30 Oct 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Nov 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
