
Òige an Ùige agus Ratharsair
An Dr Iain MacAonghais a' toirt sùil air ais air òige ann an Ùige agus Ratharsair. Dr John MacInnes discusses his family and remembers growing up in Raasay and Uig, Lewis.
B' e an Dr Iain MacAonghais fear de phrìomh sgoilearan Gàidhlig agus eòlaichean air beul-aithris na h-Alba.
Rugadh e ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas ann an 1930 ach chuir e seachad a' chuid bu mhotha de dh'òige ann an Ratharsair, agus ghabh e ùidh ann an òrain, dualchas agus beul-aithris nan Gàidheal aig aois gu math òg. Thàinig e a dh' obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èidinn ann an 1958 far an robh e gus an do leig e seachad a dhreuchd ann an 1993.
Anns an t-sreath phrògraman seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann a 2008, tha Iain a' toirt sùil air ais air a bheatha agus gu seachd àraid air na bliadhnachan a chuir e seachad a' siubhal air feadh Alba a' trusadh beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e ag innse dhuinn mu na sgìrean air an do thadhail e agus cuid de na daoine a chlàr e agus na dh' ionnsaich e bhuapa.
Anns a' chiad phrògram san t-sreath tha Iain ag innse dhuinn beagan mu theaghlach fhèin - teaghlach a bha air leth beartach a thaobh òrain agus beul-aithris - agus a' cuimhneachadh air òige ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas agus ann an Ratharsair.
Chaochail Iain MacAonghais sa Chèitean.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 31 Jul 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Jul 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Aug 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Jul 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Jul 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jul 201910:00BBC Radio nan Gàidheal