Fear a chaidh dhìth às a' Ghearasdan ga shireadh

Chaidh Dennis Sinsheimer fhaicinn mu dheireadh air Dimàirt
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh airson an cuideachadh agus iad a' lorg fear a chaidh a dhìth às a' Ghearasdan.
Chaidh Dennis Sinsheimer, 33, fhaicinn mu dheireadh ann an sgìre Banbhaidh, tuath air a' Ghearasdan.
Sin aig mu 9.45m air Dimàirt 29mh den t-Sultain.
Tha còig troighean agus 11 òirleach a dh'àird ann agus tha e tana le falt dorcha agus feusag.
'S ann à Dun Omhainn a tha e agus bidh e glè thric ann an sgìre Obar Dheathain.
Thuirt an Inspector Craig MacIain gu bheil iad a' sìor fhàs iomagaineach mu dheidhinn agus tha iad airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dh'fhaodadh an cuideachadh.