Grunn dhaoine air an glacadh an co-cheangal ri eucoirean draibhidh air Ghàidhealtachd

B' e Mòinteach Raineach aon de na h-àitichean far an robh patròl nam poileas
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd air grunn dhraibhearan a bha a' dol ro luath a ghlacadh an dèidh dhaibh a bhith ri faire aig na làraichean as motha far am bi tubaistean.
Chaidh carbadan a chlàradh a' dol cho luath ri 103 agus 114msu air an A82 aig Loch Bà air Mòinteach Raineach Disathairne. Chaidh aithisg a chur gu luchd-casaid mu dhithis fhear, aois 59 agus 22, airson a bhith a' draibheadh gu cunnartach.
Chaidh draibhearan le càraichean cumhachdach a bha a' siubhal ann an sreath còmhla air an A835 faisg air Garbh a ghlacadh cuideachd Didòmhnaich.
Chaidh aithisgean mu chòignear fhireannach, aois 38, 44, 51, 53 agus 57 a chur gu luchd-casaid airson a bhith a' draibheadh gu cunnartach.
'S e an earrann seo den A835 ann an Siorrachd Rois pàirt de shlige turaschd NC500.
Chaidh neach-motar-baidhg a chlàradh a' dol aig 129msu air an A835. Chaidh aithisg a chur gu luchd-casaid gun robh an duine, 33, a' draibheadh gu cunnartach.
Chaidh stad a chur air draibhear a bha a' dol nas luaithe na an t-astar ceadaichte agus a chaidh seachd air carbad poilis neo-chomharraichte.
Chaidh aithisg a chur gu luchd-casaid gun robh an draibhear, fear 49 bliadhna de dh'aois, a' draibheadh ro luath agus fo bhuaidh na dibhe.
Thuirt an Sàirdseant Doug Scott gun robh draibheadh ro luath, gu cunnartach agus fo bhuaidh na dibhe air trì de na còig adhbharan as cumanta airson tubaistean rathaid marbhtach.
Thuirt e: "Tha na draibhearan seo a' roghnachadh iad fhèin agus daoine eile a chur ann an cunnart mòr.
"Thig sinn cruaidh air duine sam bith a chleachdas na rathaidean againn mar shlighe-rèisidh."