Dh'fhaodadh gun robh fear a bhàsaich an sàs am buaireadh ro làimh

Srath PheofhairTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba ag ràdh gur dòcha gun robh fear, 63, a bhàsaich ann an Srath Pheofhair air a bhith an sàs ann an aimhreit le buidhinn de dhaoine ro làimh.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mu na thachair bruidhinn riutha.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 7:30f oidhche Luain gu prìomh shràid a' bhaile.

Thuirt na poilis an toiseach gur e gnothach meadaigeach a bh' ann agus nach robh iad amharasach mun chùis.

Ach tha iad a-nis a' rannsachadh feuch an robh an duine ro làimh an sàs ann an aimhreit le buidhinn de dhaoine.

"Bhon rannsachadh againn thuige seo, tha sinn air faighinn gur dòcha gun robh an duine air a bhith an sàs ann am buaireadh le buidhinn faisg air a' Cheàrnaig ann an Srath Pheofhair," thuirt labhraiche nam poileas.

"Ri linn sin, chaidh aithisg mun bhàs a chur air Oifis a' Chrùin agus gu Seirbheis Casaid a' Chrùin, agus thèid rannsachadh post mortem a dhèanamh an ceann ùine.

"Thathas ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mun bhàs no mun aimhreit fios a chur air Poileas Alba., taobh a-muigh