Dìth adhartais aig Sgoil an Tairbeirt a rèir luchd-sgrùdaidh

Tha luchd-sgrùdaidh ag ràdh gun till iad taobh a-staigh 12 mìos a dh'fhaicinn dè an t-adhartas a rinn ceannardan na sgoile
- Air fhoillseachadh
Tha Luchd-sgrùdaidh an Fhoghlaim ag ràdh nach do rinn Sgoil an Tairbeirt sna Hearadh adhartas gu leòr gus piseach a thoirt air ceannas na sgoile agus air grunn roinnean eile mar a chaidh iarraidh orra.
Chaidh luchd-sgrùdaidh dhan sgoil a-rithist o chionn ghoirid feuch mar a chaidh na molaidhean a rinn iad san Ògmhios an-uiridh a choileanadh.
Ann an litir, taobh a-muigh gu pàrantan agus luchd-cùraim, tha an luchd-sgrùdaidh a' mìneachadh gum feum àrd-cheannardan prìomhachas a thoirt do leasachadh ceannas na sgoile.
Thuirt iad gun deach beagan adhartais a dhèanamh gus piseach a thoirt air an sgoil, ach "gun robh fhathast cuspairean cudromach ris am bu chòir dèiligeadh".
Am measg nam molaidhean ùra tha:
Gum faigh ceannardan taic bhon ùghdarras ionadail gus leudachadh a thoirt air foghlam Gàidhlig do dh'fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil
Gun dèan an luchd-obrach uile cinnteach gu bheil an teagasg aca a rèir an trèanaidh as ùire ann an ionannachd agus in-ghabhaltas
Gum bi planaichean-taice ann don chloinn le feumalachdan oideachaidh sònraichte
Gum feum àrd-thidsearan ro-innleachd shoilleir a dhealbh air measadh adhartas na cloinne, agus gum feum curraicealam sgoilearan S6 barrachd leasachaidh
Mhol an luchd-sgrùdaidh an t-adhartas ann a bhith a' leasachadh "lèirsinn, luachan agus amasan" na sgoile an dà chuid ann am FtMG agus sa Bheurla.
Fhuair iad ge-tà, gum bu chòir barrachd aire a bhith air mar a dh'fhaodadh a' Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh sa choimhearsnachd.
Càineadh air ceannas Sgoil Sir E Scott
- Air fhoillseachadh19 An Lùnastal 2025
Tha iad ag ràdh nach eil a' chlann "le làn-misneachd fhathast air na còraichean aca mar luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh mion-chànain".
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a' cur ghoireasan agus daoine ann gu h-eadar-amail airson taic a chumail ris an sgoil.
Tha iad ag aithneachadh gu bheil dùbhlain fastaidh agus luchd-obrach a bhith dheth a' toirt buaidh air cho luath agus a dh'fhaodas gnothaichean a dhol am feabhas.
Fhuair an luchd-sgrùdaidh gu bheil beag-chuid den òigridh a' faireachdainn gu bheil spèis air a toirt do na beachdan aca.
Leis an sin, thuirt iad gu bheil "càirdeasan matha taobh a-staigh na sgoile, le pàrantan agus leis a' choimhearsnachd riatanach a thaobh a bhith a' toirt piseach air an t-suidheachadh nas luaithe".
Thuirt an luchd-sgrùdaidh gun till iad dhan sgoil taobh a-staigh 12 mìos, agus gum faigh pàrantan litir ùr a' mìneachadh an adhartais a rinneadh.
Plana-gnìomha
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bi e na phrìomhachas dha roinn an fhoghlaim aca agus luchd-obrach Sgoil an Tairbeirt plana-gnìomha a chur an sàs airson dèiligeadh ris na gnothaichean a thog an luchd-sgrùdaidh.
"Tha Foghlam Alba air togail air trioblaidean fastaidh is mar a thug seo buaidh air an obair gus cùisean a leasachadh aig Sgoil Sir E Scott", thuirt an t-ùghdarras ionadail.
"Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' leantainn le pròiseas fastaidh airson dreuchdan cudromach a lìonadh agus le taic dhan sgoil bho roinn an fhoghlaim.
"Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' conaltradh le Foghlam Alba fhad 's a tha an obair seo a' dol air adhart".