Buill-phàrlamaid a' gabhail am bòidean sa Ghàidhlig

Fo-thiotal,

BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, a' gabhail a bhòidean ann an Holyrood Diardaoin

  • Air fhoillseachadh

Tha na buill-phàrlamaid a bhios a' riochdachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Holyrood air am bòidean a ghabhail.

B' e Iain Swinney, ceannard an SNP, a chaidh a ghairm an toiseach is e os cionn a' phartaidh as motha.

Ghabh ceannardan nam partaidhean eile am bòidean às a dhèidh.

Ged nach eil ball-pàrlamaid a tha fileanta sa Ghàidhlig anns a' phàrlamaid ùir, ghabh ceathrar de bhuill na Gàidhealtachd agus nan Eilean am bòidean sa chànan, cho math ri dithis a tha a' riochdachadh roinnean-pàrlamaid ann an meadhan na h-Alba.

B' iad na buill Ghàidhealach: Arianne Burgess, BPA Uaineach sgìre-taghaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean; Dòmhnall MacFhionghain, BPA Làbarach nan Eilean Siar; Emma Roddick BPA an SNP airson Inbhir Nis agus Inbhir Narann; agus Maree Todd, BPA an SNP airson sgìre-taghaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Ghabh Daibhidh Linden, BPA an SNP airson Glaschu Baile a' Bhàillidh is Shettleston, agus Alison Thewliss, BPA an SNP airson Glaschu Meadhan, am bòidean ann an Gàidhlig cuideachd.

Am measg nan cànanan eile a chualas sa phàrlamaid, bha Albais, Hindis, Pòlainnis, Mandairinis agus Frangais.