Geàrr-chunntas

  • Tha gairmean air tòiseachadh tighinn a-steach ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba

  • SNP: 5. LÀB: 0 TÒR: 0 REF: 0. UAN: 0. LD: 1

  • Tha feum air 65 seat 'son mòr-chuid fhaighinn

  • Tha na nochd 'son bhòtadh anns na h-Eileanan an Iar aig an ìre as ìsle riamh 'son taghadh Holyrood

  • Tha Reform air adhartas mòr a dhèanamh anns na toraidhean a th' ann aig an ìre seo ann an taghaidhean ionadail Shasainn

  • Thuirt Sir Keir Starmer gu bheil esan "cunntachail" ach gu bheil e fhathast gu daingeann airson na h-atharrachaidhean a gheall e bho thùs a chur an sàs

  • Cuiribh na beachdan agaibh thugainn aig naidheachd@bbc.co.uk air neo le #taghadh air na meadhanan-sòisealta

  1. Baile Dhùn Dè an Earair fhoillseachadh aig 13:38 TSB

    Dùn Dè an Ear
  2. "Tha sinn air sàr riochdairean Làbarach a chall"air fhoillseachadh aig 13:32 TSB

    Barrachd bho Sir Keir Starmer. Tha am Prìomhaire ag ràdh gum feum na Làbaraich "meòrachadh às ùr" às dèidh an t-uabhas de chomhairlichean a chall ann an Sasainn.

  3. Atharrachadh eachdraidheil an Sealtainnair fhoillseachadh aig 13:32 TSB

    Seo a' chiad uair riamh nach do chuir Sealtainn ball Lib Deamach gu Holyrood. B' e Tavish Scott a bha a' riochdachadh na sgìre roimhe, agus Beatrice Wishart roimhe.

    B' ann ann an 1950 a bha ball bho phartaidh eile a thuilleadh air na Lib Deamaich a' riochdachadh Sealtainn.

  4. Cùisean "uabhasach" dha na Làbaraich an Glaschuair fhoillseachadh aig 13:28 TSB

    A rèir Paris Gourtsoyannis, fear-naidheachd a' BhBC, tha neach anns a' Phartaidh Làbarach ris an robh e a' bruidhinn air innse dha gun robh cùisean air a bhith "uabhasach" dhaibh ann an Glaschu.

    Tha e ag ràdh gun robh an neach air a ràdh ris gun robh iad a' dèanamh a cheart cho math ri Reform UK ann an cuid de sgìrean air taobh deas a' bhaile agus gun robh na h-Uainich air dèanamh na b' fheàrr na iad.

  5. Cille Meàrnaig is Gleann Irbhinnair fhoillseachadh aig 13:25 TSB

    Cille Meàrnaig
  6. SNP air Sealtainn a bhuannachadh bho na Lib Deamaichair fhoillseachadh aig 13:20 TSB

    Sealtainn
  7. Obar Dheathain Meadhanair fhoillseachadh aig 13:17 TSB

    Aberdeen
  8. Sùil eile air sùlaire Dhùn Èideannair fhoillseachadh aig 13:13 TSB

    Cha robh guth idir aig Ailean an sin mu Robert Pownall ann am Meadhan Dhùn Èideann - mar sin tha e coltach nach eil muinntir Mheadhan Dhùn Èideann air guga a chur a Holyrood.

  9. Lorna Slater misneachailair fhoillseachadh aig 13:07 TSB

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    Tha coltas gu math frogail air Lorna Slater, an tagraiche Uaine 'son roinn Meadhan Dhùn Èideann. "Cha chan mi dad gus an tèid gach billeag a chunntais," thuirt i le gàire air a h-aodann. Tha an sgioba aice ag innse gu bheil iad a' fàs nas misneachaile gun dèan iad a' chùis air a faighinn gu Holyrood mar a' chiad BhPA roinneil aca.

    Chan eil sgeul air tagraiche an SNP Aonghas Robasdan fhathast. Tha fear-naidheachd a' BhBC Seumas Cook ag aithris gu bheil an SNP a' tomhas gun caill iad a-mach san roinn seo. A rèir nan Uaineach, tha an SNP is na Làbaraich a' strì 'son an dàrna àite.

  10. Dithis a bha thall is a chunnaicair fhoillseachadh aig 13:03 TSB

    Ceit Fhoirbeis is Rhoda Ghrannd

    Ceit Fhoirbeis is Rhoda Ghrannd aig cunntadh nam bhòtaichean ann an Inbhir Nis.

    Cha bhi iad san ath phàrlamaid agus a rèir choltais 's iad a tha toilichte mun sin!

  11. Na chleachd a' bhòt aca anns na h-Eileanan an Iar sìosair fhoillseachadh aig 12:58 TSB

    'S e 57.01% a th' air bhòtadh anns na h-Eileanan an Iar.

    Seo an ìre as ìsle san sgìre riamh airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba agus an ìre as ìsle ann an taghadh sam bith sna h-eileanan bho 1950.

    Tha Dòmhnall MacLaomainn ann an Steòrnabhagh cuideachd air cluinntinn gu bheil an SNP air dèanamh math anns na h-eileanan mu dheas.

    Tha e ag ràdh ma tha sin fìor gur e droch chomharra a th' ann airson oidhirp nan Làbarach an taghadh anns na h-Eileanan an Iar a chleachdadh mar "reifreann air na h-aiseagan."

  12. Làn-bhòt Baile Dhùn Dè an Iarair fhoillseachadh aig 12:49 TSB

    Dunde an iar
  13. Baile Dhùn Dè an Iarair fhoillseachadh aig 12:47 TSB

    An dàrna toradh againn a-nise - tha an SNP air Baile Dhùn Dè an Iar a chumail, ged a bha a' bhòt aca sìos.

  14. Fiosair fhoillseachadh aig 12:44 TSB

    Iain MacDiarmaid
    Ag aithris à Fìobha

    Fios air tighinn mu na nochd ann an Cathair Challdainn - 45.49%.

    Tha sin sìos gu mòr - 28, 390 bhòtaichean.

    Tha an fheadhainn eile mar a leanas:

    Cùl Dùn Beithe 27,146 - 47.44%

    Dùn Phàrlain 34,307 - 53.4%

    Meadhan Fhìobha is Gleann Rathais 25,821 - 46.59%

    Fìobha an Ear-Thuath 33,625 - 58.63%

  15. Na nochd ann an Glaschuair fhoillseachadh aig 12:43 TSB

    Calum MacAmhlaigh
    Ag aithris à Glaschu

    Seo na nochd airson bhòtadh ann an Glaschu:

    Glaschu Fearann Anna: Roinn-taghaidh – 51.53%, Roinn-sgìreil – 51.62%

    Glaschu Easterhouse is Springburn: Roinn-taghaidh – 43.02%, Roinn-sgìreil – 43.07%

    Glaschu Coille Chart is Pollock: Roinn-taghaidh – 48.87%, Roinn-sgìreil – 48.88%

    Glaschu Ceilbhin is Cnoc Màiri: Roinn-taghaidh – 54.90%, Roinn-sgìreil – 54.89 %

    Glaschu Baile a' Bhàilidh is Shettleston: Roinn-taghaidh - 46.52%, Roinn-sgìreil - 46.50%

  16. Coltas gu bheil an SNP a' dèanamh math an Earra-Ghàidhealair fhoillseachadh aig 12:39 TSB

    Andreas Wolff
    Ag aithris à Earra-Ghàidheal

    Aig a‘ chiad shealladh is coltach gu bheil Jenni Minto bhon SNP a‘ dèanamh gu math ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Ged a bha na Tòraidhean san dàrna àite an turas mu dheireadh, dh‘fhaodadh gun dèan an Comh. Ailean Reid bho na Libearalaich Dheamocratach a bha roimhe na bhall-pàrlamaid aig Westminster math cuideachd. Tha Reform UK a’ dèanamh math air bhòt na liosta a rèir choltais. Gu h-iongantach, is coltach gun d' fhuair an tagraiche neo-eisimeileach Tòmas Mac a‘ Phearsain àireamh shusbainteach de bhòtaichean.

  17. Ooh to be a.......Lib Deamach?air fhoillseachadh aig 12:37 TSB

    Fhad 's a tha sinn a-mach air na Lib Deamaich - 's iomadh rud inntinneach is annasach a chuala sinn tron iomairt - ach saoil an robh fios aig duine agaibh gu bheil Ailig Cole-Hamilton a' cur taic ri Ross County?!

    Bhiodh an naidheachd sin air còrdadh ri gu leòr anns na sgìrean aig tuath far a bheil na Lib Deamaich gu mòr ag amas air adhartas a dhèanamh an-diugh.

    Aig an dearbh àm, bidh Mgr Cole-Hamilton fhèin an dòchas nach bi seusan truagh na Staggies na shamhla airson a' phartaidh aige san taghadh.

    Declan GallagherTùs an deilbh, SNS
  18. "Buaidh eachdraidheil"air fhoillseachadh aig 12:32 TSB

    Bho aon Lib Deamach toilichte ann ceann a tuath na h-Alba gu fear eile ann an Tòin Shasainn.

    Tha ceannard nan Lib Deamach aig Westminster Sir Ed Davey air a bhith a-muigh ann am Portsmouth far an d' fhuair am partaidh smachd air a' chomhairle an sin.

    Tha buil measgaichte air a bhith aca ach tha iad air cha mhòr 30 seat a bharrachd a bhuannachadh thuige seo. Tha iad a' sùileachadh gum faigh iad tuilleadh tron là an-diugh.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Sir Ed Davey

  19. Na toraidhean slàn à Arcaibhair fhoillseachadh aig 12:25 TSB

    Arcaibh

    'S e buaidh gu math cofhurtail a bh' ann do Liam MacArtair agus na Lib Deamaich ann an Arcaibh.

  20. Buill na bhòt an Arcaibhair fhoillseachadh aig 12:23 TSB

    Tha a' chiad thoradh den là againn ann an Taghadh na h-Alba.

    'S ann an Arcaibh a bha e - agus tha Liam MacArtair air an seat a chumail 'son nan Lib Deamach.