Prìomh fhiosrachadh
Tha an teòthachd gu math eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean air feadh an t-saoghail. Carson a bhios seo a' tachairt?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Na h-àitichean as fhuaire agus as teotha air an t-saoghal
- Dè th' anns a' Chrios-meadhain agus a' bhuaidh aige air teòthachd
- Dè th' ann an domhan-leud
- Mar a tha a bhith faisg air a' mhuir a' toirt buaidh air teòthachd
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a tha an teòthachd cho eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean.
Bidh diofar theòthachdan ann an diofar àiteachan air an t-saoghal. 'S e An Antartaig an t-àite as fhuaire air an t-saoghal agus faodaidh e bhith cho fuar ri -89°C fo ìre an reothaidh! 'S e Gleann a' Bhàis anns na Stàitean Aonaichte fear dhe na h-àiteachan as teotha air an t-saoghal le teòthachdan cho àrd ri 54°C.
Carson a tha an teòthachd cho diofraichte ann an diofar àiteachan?
Tha cearcall mac-meanmnail ris an canar an Crios-meadhain a' roinn na Talmhainn na dhà leth.
'S e a' Ghrian a bhios a' toirt blàths dhuinn air an Talamh. Mar as motha a gheibh àite de sholas na grèine, 's ann as teotha a bhios e mar as trice. Tha na gheibh sinn de sholas na grèine a rèir 's dè cho fada 's a tha sinn bhon Chrios-meadhain.
Tha àitichean air, no faisg air, a’ Chrios-meadhain, mar Fàsach a’ Sahara, uabhasach teth.
Nuair a bhios sinn a' tomhas an astair eadar àite agus an Crios-meadhain, canaidh sinn domhan-leud ris.
Nuair a bhios tu aig domhan-leud nas àirde, mar am Pòla a Tuath agus am Pòla a Deas, bidh thu nas fhaide air falbh bhon Chrios-meadhain. Tha sin a' ciallachadh gu bheil solas na grèine air a sgaoileadh thar farsaingeachd nas motha air an talamh agus gum feum e a dhol tro bharrachd dhen àile againn. Mar sin chan eil solas na grèine cho làidir. Chan eil àiteachan a tha fada bhon Chrios-meadhain idir cho blàth.
Ach chan e domhan-leud an aon rud a bhios a' toirt buaidh air teòthachd.
Tha Glaschu agus Mosgo, prìomh-bhaile na Ruis, air an aon domhan-leud. Mar sin, ged a tha iad 1,600 mìle bho chèile, tha an dà àite an aon astar bhon Chrios-meadhain.
Ann an Glaschu sa gheamhradh, bidh an teòthachd chuibheasach mu 3 puingean Celsius.
Ach ann am Mosgo sa gheamhradh, tha an teòthachd chuibheasach gu math nas ìsle, -10°C ìre an reothaidh.
Carson ma tha a tha na teòthachdan seo cho diofraichte? Uill, tha Glaschu nas tlàithe anns a' gheamhradh chionn tha e nas fhaisge air a' mhuir na Mosgo.
Chan eil ach 14 mìltean eadar Glaschu agus a' mhuir, ach tha a' mhuir faisg air 400 mìle à Mosgo.
Bidh talamh a' blàthachadh agus a' fuarachadh gu math nas luaithe na uisge. Bidh àitichean a tha faisg air a' mhuir nas blàithe sa gheamhradh chionn tha iad faisg air uisge nas blàithe.
Faodaidh an àirde os cionn ìre na mara cuideachd buaidh a thoirt air an teòthachd ann an àite.
Tha an ìre os cionn na mara ag innse dhuinn dè cho àrd 's as àbhaist dhan mhuir a bhith. Mar as àirde a thèid thu os cionn ìre na mara, 's ann as taine a bhios an èadhar a' fàs agus bidh i nas fhuaire.
Sin as coireach gum bi mullaich bheanntan, a tha àrd os cionn ìre na mara, glè thric fuar agus air an còmhdach le sneachd.
Saoil dè dh'fhaodadh buaidh a thoirt air an teòthachd far a bheil thu fhèin a' fuireach?

Carson a tha an teòthachd cho eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean?
Astar bhon Chrios-meadhain
- 'S e a' Ghrian a tha a' toirt teas dhuinn air an Talamh. Mar as motha a gheibh àite de sholas na grèine, 's ann as teotha as àbhaist dha a bhith.
- Tha uiread agus neart na grèine a rèir 's dè cho fada 's a tha sinn bhon Crios-meadhainLoidhne mhac-meanmnail a tha a' dol mun cuairt na Talmhainn. Tha an Crios-meadhain a' comharrachadh na loidhne a tha a' sgaradh na leth-chruinne a Tuath agus Deas..
- Nuair a bhios sinn a' tomhas an astair eadar àite agus an Crios-meadhain, canaidh sinn domhan-leud ris.

Astar bhon mhuir
- Bidh an tìr a' blàthachadh agus a' fuarachadh gu math nas luaithe na bhios uisge.
- Tha àitichean a-staigh air an tìrÀite a tha astar air falbh bhon chosta. buailteach a bhith nas teotha as t-samhradh agus gu math nas fhuaire sa gheamhradh.
- Chan àbhaist àitichean faisg air a' chosta a bhith cho teth as t-samhradh chionn tha iad ri taobh uisge a tha nas fhuaire. Cha bhi iad cho fuar sa gheamhradh chionn tha iad faisg air muir a tha nas blàithe.
Àirde os cionn ìre na mara
- Bidh ìre na mara ag innse dè cho àrd 's as àbhaist dhan mhuir a bhith.
- Mar as àirde a thèid thu suas bho ìre na maraÌre chuibheasach na mara, 's ann as fhuaire a bhios i. Sin as coireach gu bheil mullaich bheanntan glè thric fuar agus le sneachd orra.
Teòthachdan eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail
Dèan coimeas eadar na teòthachdan ann an àitichean air feadh an t-saoghail. Am mìnich thu carson a tha na teòthachdan nas àirde no nas ìsle?

Image caption, An Antartaig
'S e An Antartaig an t-àite as fhuaire air an t-saoghal agus faodaidh e bhith cho fuar ri -89C fo ìre an reothaidh! Tha e cho fuar seo san Antartaig chionn tha e fada air falbh bhon Chrios-meadhain. Feumaidh teas agus solas na Grèine a dhol tro bharrachd de dh'àile na Talmhainn agus tha e air a sgaoileadh thar farsaingeachd nas motha. Anns an t-samhradh againne tha an geamhradh san Antartaig agus 's e glè, glè bheag de sholas na grèine a th' ann.

Image caption, Gleann a' Bhàis, Na SA
'S e Gleann a' Bhàis anns na Stàitean Aonaichte fear dhe na h-àiteachan as teotha air an t-saoghal le teòthachdan cho àrd ri 54°C. 'S e an àirde aige am prìomh adhbhar Gleann a' Bhàis a bhith cho teth. Tha pàirtean dheth fo ìre na mara (suas ri 86 meatairean fo ìre na mara) agus tha an èadhar nas tighe. Cumaidh i barrachd teas agus bidh an teòthachd a' fuireach àrd.

Image caption, Glaschu, Alba
Tha àitichean a tha faisg air a' chosta buailteach a bhith nas fhuaire as t-samhradh agus nas ciùine sa gheamhradh. Tha Glaschu faisg air a' chosta agus chan àbhaist dian theòthachdan a bhith ann as t-samhradh (clì) no sa gheamhradh (deas). Ged as dòcha nach aontaicheadh daoine a tha a' fuireach ann an Glaschu no faisg air! (Elizabeth Leyden / Chris James / Alamy Stock Photo)

Image caption, Mosgo, An Ruis
Ged a tha an domhan-leud aig Mosgo san Ruis coltach ri domhan-leud Ghlaschu, tha e gu math nas fhaide air falbh bhon chosta. Bidh an talamh a' blàthachadh agus a' fuarachadh gu math nas luaithe na uisge agus, mar sin, bidh àitichean a-staigh air an tìr, mar a tha Mosgo, buailteach a bhith nas teotha as t-samhradh agus nas fhuaire sa gheamhradh. (Nikolay Vinokurov / Alamy Stock Photo)
1 of 4

- teòthachd - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho teth no cho fuar 's a tha i. 'S àbhaist dhuinn a bhith a' tomhas teòthachd ann an ceuman Celsius.
- Crios-meadhain - Loidhne mhac-meanmnail a tha a' roinn na Talmhainn ann an dà phàirt. Tha àitichean os cionn a' Chrios-meadhain san Leth-chruinne a Tuath. Tha feadhainn fon Chrios-meadhain san Leth-chruinne a Deas.
- domhan-leud - Mar a bhios sinn a' tomhas an astair eadar àite agus an Crios-meadhain. Mar eisimpleir, tha Alba air domhan-leud mu 55-57° Tuath air a' chrios-meadhain.
- àile - Filleadh èadhair a tha mun cuairt na Talmhainn. Feumaidh teas agus solas na Grèine tighinn tron àile airson faighinn thugainn.
- ìre na mara – An àirde aig an àbhaist am muir a bhith. Mar as àirde a thèid thu os cionn ìre na mara, 's ann as taine a bhios an èadhar agus 's ann as fhuaire a bhios i.
Ceistean

Tomhais an teòthachd ann an diofar àitichean le teas-mheidh agus taisbean na teòthachdan ann an clàr.
Seo cuideachadh airson faighinn gu dol:
- Cuimhnich gum feum am fiosrachadh a leanas a bhith anns a' chlàr:
- tiotalan a' leubaileadh gu soilleir fiosrachadh a tha thu a' taisbeanadh:
- an t-àite san do chlàr thu an teòthachd.
- an teòthachd a chaidh a chlàradh ann an ceuman Celsius.
- Nuair a bhios tu air na teòthachdan a chlàradh, feumaidh tu smaoineachadh mun òrdugh dhan cuir thu am fiosrachadh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu am fiosrachadh a chur ann an òrdugh bhon rud as lugha chun an rud as motha.
- An smaoinich thu air dòighean eile air am fiosrachadh a thaisbeanadh? Dè mu dheidhinn graf no graf-cholbhan?
Ma bhios tu ag iarraidh cuideachadh le clàradh agus taisbeanadh dàta, faigh a-mach barrachd san artaigil seo air Matamataig agus Àireamhachd: Ciamar a bhios mi a' clàradh agus a' taisbeanadh dàta?
More on Aimsir
Find out more by working through a topic