Prìomh fhiosrachadh
Bidh gach ràith a' toirt thugainn diofar sheòrsaichean sìde. Carson a bhios seo a' tachairt agus ciamar a bhios e a' toirt buaidh air an t-saoghal mun cuairt oirnn?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Carson a bhios na ràithean ag atharrachadh
- An seòrsa sìde a bhios againn anns gach ràith
- Mar a bhios na ràithean a' toirt buaidh air beathaichean agus lusan
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a bhios an t-sìde ag atharrachadh leis na ràithean.
An t-earrach. An samhradh. Am foghar. An geamhradh. Chan eil an aon shìde ann a h-uile ràith 's tha sin a' toirt buaidh air ar beatha agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.
'S e mar a tha an Talamh ag aomadh a tha ag adhbharachadh nan ràithean. Bidh barrachd de theas agus de sholas na grèine a' ruighinn nam pàirtean dhen Talamh a tha ag aomadh chun na grèine. Cha bhi na pàirtean a tha ag aomadh air falbh a' faighinn uiread de theas no de sholas na grèine.
Bidh an Talamh a' toirt bliadhna a' cur cuairt air a' ghrèin. Nuair a bhios e a' tionndadh, chan e na h-aon àitichean a bhios ag aomadh chun na grèine.
As t-samhradh, bidh an leth a tuath dhen Talamh, anns a bheil an Rìoghachd Aonaichte, ag aomadh chun na grèine. Tha aomadh an Talaimh as t-samhradh a' ciallachadh gu bheil na làithean nas fhaide agus a' ghrian san adhar airson uairean a thìde a bharrachd. Tha an talamh agus an èadhar a' blàthachadh, tha an teòthachd nas àirde agus tha i a' faireachdainn nas blàithe.
Thèid againn air cluich a-muigh nas fhaide agus tha barrachd solais a' toirt air lusan fàs.
As t-fhoghar, bidh an Rìoghachd Aonaichte a' tòiseachadh ag aomadh air falbh bhon ghrèin. Bhon nach eil uiread de sholas ann, bidh an teòthachd a' tuiteam agus an latha a' fàs goirid. Bidh dath nan duilleagan ag atharrachadh. Glè thric bidh stoirmean agus gèiltean ann aig deireadh an fhoghair.
Tha e doirbh do chuid de bheathaichean, mar gràineagan, biadh a lorg ann am mìosan fuar, dorcha a' gheamhraidh agus bidh iad a' dèanamh cadal-geamhraidh. Bidh iad a' dol nan suain agus a' sàbhaladh an lùth thar a' gheamhraidh.
Sa gheamhradh tha a' ghrian aig an ìre as ìsle san adhar. Air sgàth ceàrn na Grèine, cha bhi sinn a' faighinn uiread de theas no de sholas, agus bidh an latha goirid. Nuair a thuiteas an teòthachd, 's dòcha gun tig sneachd, clach-mheallain no flinne. Bidh cuid de chraobhan a' call nan duilleagan, agus tha i ro fhuar dhan mhòr-chuid de lusan fàs.
As t-earrach, bidh an Rìoghachd Aonaichte ag aomadh air ais chun na grèine. Aig an àm seo, bidh an latha a' fàs fada agus bidh i a' fàs nas blàithe. Cha bhi stoirmean cho millteach, agus bidh na làithean fada a' cuideachadh lusan gu fàs. Thig flùraichean air cuid de lusan, mar lusan a' chrom-chinn, bidh craobhan a' tighinn fo bhlàth agus bidh beathaichean a' dùsgadh bho chadal a' gheamhraidh.
An-ath-turas a bhios tusa a' cluich a-muigh, coimhead air na craobhan. A bheil dath nan duilleagan ag atharrachadh? A bheil iad a' tuiteam? A bheil na geugan lom? Dè na comharran a chì thu air an ràith a th' ann?
Dè bhios a' toirt air na ràithean atharrachadh?
- Tha an dòigh a tha an Talamh ag aomadh ag adhbhrachadh nan ràithean.
- Tha na pàirtean dhen Talamh a tha ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine a' faighinn barrachd de theas agus de sholas na grèine.
- Tha na pàirtean dhen t-saoghal a tha ag aomadh air falbh a' faighinn nas lugha de theas agus de sholas na grèine.
- Bidh an Talamh a' toirt bliadhna shlàn (365 làithean) a' cur cuairt air a' ghrèin.
- Mar a bhios an Talamh a' siubhal mun cuairt na grèine, bidh àitichean a tha ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine ag atharrachadh. Canar ràithean ris na h-atharraichean sin.
- Tha ceithir ràithean ann: an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh.
Faigh a-mach barrachd mun ghrèin agus carson a tha i cudromach dhuinn a seo.
Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn eisimpleirean a tha fìor dhe na ràithean ann an Alba agus an seòrsa sìde a bhios gach ràith a' toirt thugainn.

Image caption, An t-earrach
Bidh lathaichean nas fhaide agus sìde nas blàithe ann as t-earrach, a' cuideachadh lusan gu fàs. Bidh blàthan air cuid de chraobhan, mar na craobhan-siriste seo ann an Eilginn. (John Bracegirdle / Alamy Stock Photo)

Image caption, An samhradh
As t-samhradh, tha an RA ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine. Tha sin a' ciallachadh gu bheil a' ghrian san adhar airson barrachd uairean a thìde. Tha na lathaichean fada, grianach a' ciallachadh gun sùigh craobhan barrachd de sholas na grèine tro na duilleagan aca. Tha sin a' toirt dhaibh lùth gu fàs. Mar as trice bidh an t-adhar gorm agus an t-sìde nas blàithe, mar a tha a seo aig Loch Ceiteirein. (kScotland / Alamy Stock Photo)

Image caption, Am foghar
As t-fhoghar, bidh an RA a' tòiseachadh air aomadh air falbh bhon ghrèin. 'S dòcha gum bi barrachd ghèiltean is stoirmean againn, agus bidh dath nan duilleagan air craobhan ag atharrachadh. Seall air dathan òr-bhuidhe an fhoghair sa phàirc seo anns na Puballan air Crìochan na h-Alba. (Rod Sibbald / Alamy Stock Photo)

Image caption, An geamhradh
Sa gheamhradh, tha a' ghrian aig an ìre as ìsle san adhar. Tha e nas coltaiche gum faigh sinn sneachd, clach-mheallain no flinne. Tha e ro fhuar dhan mhòr-chuid de lusan airson fàs, agus bidh cuid de chraobhan a' call nan duilleagan, mar a chì sinn san dealbh seo de Thaigh an Rathaid san t-sneachd. (Robert Harding / Alamy Stock Photo)
1 of 4

- An Crios-meadhain - Loidhne mhac-meanmnail a tha a' roinn na talmhainn na dà leth: an Leth-chruinne a Tuath agus an Leth-chruinne a Deas.
- An Leth-chruinne a Tuath - An leth dhen talamh a tha eadar am Pòla a Tuath agus an Crios-meadhain.
- An Leth-chruinne a Deas - An leth dhen talamh a tha eadar am Pòla a Deas agus an Crios-meadhain.
- teòthachd - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho fuar no cho teth 's a tha e. 'S àbhaist dhuinn a bhith a' tomhas teòthachd ann an ceuman Celsius.
- cadal-geamhraidh - Nuair nach bi beathach a' dèanamh dad ann am mìosan a' gheamhraidh airson an lùths a chaomhnadh. Bidh an t-analachadh agus reat a' chridhe aca a' slaodachadh agus bidh teòthachd am bodhaig a' tuiteam.
Ceistean

Dealbhaich postair mun ràithe as fheàrr leat.
Tagh an ràith as fheàrr leat: an t-earrach, an samhradh, am foghar no an geamhradh. Am mìnich thu cuid de dh'fheartan na ràithe seo?
Seo beagan bheachdan airson faighinn gu dol:
- Dè an seòrsa sìde a bhios ann rè na ràithe as fheàrr leat?
- A bheil an RA ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine no air falbh bhon ghrèin rè na ràithe seo?
- Dè tha a' tachairt do bheathaichean agus do lusan rè na ràithe seo? A bheil tòrr lusan a' fàs? A bheil beathaichean a' dèanamh cadal-geamhraidh no a bheil beathaichean beaga gam breith?
Ma tha thu a' cur feum air cuideachadh leis a' phostair agad, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh a seo: Mar a nì thu postair.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic