Prìomh fhiosrachadh
Faodaidh sìde fhuar buaidh a thoirt air ar beatha ann an iomadh dòigh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a dh'fhaodas sìde fhuar a dhèanamh doirbh faighinn mun cuairt
- Dè ghabhas dèanamh gus nach bi deigh na duilgheadas air rathaidean agus cabhsairean
- Mar a bhios sìde fhuar a' toirt buaidh air lusan agus craobhan
- Mar a chumas sinn ar dachaigh blàth anns a' gheamhradh
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mar a bhios sìde fhuar a' toirt buaidh air ar beatha làitheil.
Chan eil a h-uile latha fuar an aon rud. Tha cuid de làithean fuar a tha reòta. Tha cuid eile a bhios fiadhaich no bidh sneachd ann.
Faodaidh e a bhith math a' coiseachd a-muigh air latha fuar geamhraidh – fhad 's a tha aodach gu leòr ort. Agus faodaidh an sneachd a bhith làn spòrs!
Tha cuid de bheathaichean a dh'fheumas, no a tha air freagradh, ri sìde fhuar. Feumaidh cuid de lusan, mar craobhan-daraich, teòthachd ìosal airson gun ginidich an sìol airson an earraich. Tha ginidich a' ciallachadh sìol a' tòiseachadh air fàs.
Ach tha dùbhlain an cois sìde fhuar, eadar deigh air rathaidean agus cabhsairean, agus sneachd mòr a dh'fhaodadh an sgoil a dhùnadh.
Tha e cudromach coimhead romhad nuair a tha sìde fhuar ann. Faodaidh sinn seo a dhèanamh le sùil a chumail air tuairmse na sìde. Ma tha dùil ri sìde fhuar, tha rudan ann as urrainn dhuinn a dhèanamh airson dèiligeadh ris an deigh, an reothadh no an sneachd.
Nuair a tha i uabhasach fuar, bidh làraidhean le grinneal a' sgaoileadh grinneal le salann ann air na rathaidean. Bheir sin air an deigh 's air an t-sneachd leaghadh. Bidh sin a' cuideachadh le rathaidean agus cabhsairean a chumail glan agus sàbhailte. Far am bi sneachd trom, tha crainn-shneachda ann a bhios a' putadh an t-sneachda gu oir an rathaid airson gum faigh carbadan air cumail a' gluasad.
Ma tha reothadh ann, feumaidh daoine deigh a sgrìobadh far uinneagan a' chàir anns a' mhadainn.
Nuair a tha i fuar a-muigh, feumaidh sinn smaoineachadh air diofar dhòighean air sinn fhèin a chumail blàth. Faodaidh sinn aodach blàth a chur oirnn, agus ma tha sinn a' coiseachd no a' ruith mun cuairt, blàthaichidh sinn.
Anns a' gheamhradh, bidh mòran dhaoine a' cur an teas air anns na dachaighean aca. Tha seo a' ciallachadh gu bheil barrachd iarrtas ann airson gas agus dealan. Airson an fheum as motha a dhèanamh de theas, tha stuth-gleidhidh ann an cuid de thaighean airson an èadhar bhlàth a chumail a-staigh. Mar eisimpleir, tha stuth ris an canar cobhar, eadar na ballachan, no shuas air an lobhta, ann an cuid de thaighean.
An-ath-turas a bhios i fuar a-muigh, ciamar a chumas tu thu fhèin blàth?
Ciamar a bhios sìde fhuar a' toirt buaidh air ar beatha?
Faodaidh sìde fhuar tighinn ann an iomadh diofar dhòighean – làithean reòta, làithean fiadhaich agus làithean le tòrr sneachda.
Còmhdhail
Feumaidh sinn a bhith faiceallach nach tuit sinn air an deigh nuair a tha reothadh air na rathaidean agus air na cabhsairean.
Bidh làraidhean grinneil a' sgaoileadh grinneal air na rathaidean nuair a bhios reothadh ann agus bithear ga chur air
cabhsairean cuideachd airson cuideachadh nuair a tha i sleamhainn. Bidh an grinneal a' leaghadh na deighe agus ga briseadh.Nuair a bhios sneachd mòr ann, bidh crainn-shneachda a' putadh an t-sneachda far nan rathaidean airson ar cuideachadha' dràibheadh dhan sgoil no a dh'obair.

Image caption, Dùbhlain siubhail
Nuair a tha sneachd mòr ann, faodaidh e a bhith doirbh faighinn dhan sgoil no a dh'obair. (Kay Roxby/Alamy)

Image caption, Làraidhean grinneil
Bidh làraidhean grinneil a' leaghadh sneachd agus deigh le bhith a' sgaoileadh salann air na rathaidean. (Ian Rutherford / Alamy)

Image caption, Crann-sneachda
Bidh crainn-shneachda a' glanadh an t-sneachda far nan rathaidean nuair a bhios sinn a' dràibheadh dhan sgoil agus a dh'obair. (Thomas Gorman / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Aodach

Nuair a tha i fuar a-muigh, feumaidh sinn aodach blàth a chur oirnn. Gabhaidh tu blàths cuideachd ma bhios tu a' dèanamh tòrr agus a' gluasad mun cuairt nuair a tha an teòthachd ìosal.

Aig an taigh

- Bidh sinn a' cumail nan dachaighean againn blàth nuair a tha i fuar le bhith a' cur air an teas. Tha tòrr lùth ga chleachdadh airson ar dachaighean a theasachadh, agus glè thric tha an lùth seo air a chaitheamh nuair a tha an teas ga chall dhan èadhar a-muigh. Tha iomadh dòigh ann air na tha de lùth ga chall a bheagachadh.
- Ma tha beàrnan timcheall dhorsan agus uinneagan, thig èadhar fhuar a-steach agus gheibh èadhar bhlath a-mach. Faodaidh sinn coimhead airson nam beàrnan a tha a' leigeil gaoth a-steach. Mar eisimpleir, faodar beàrnan eadar doras agus an làr a chòmhdach le bacain-ghaoithe. 'S e dòigh fhurasta a tha seo air rùm a chumail blàth gun an teas a chur air.
- Faodaidh sinn ar dachaighean a chumail blàth le ionsulaideadh. Tha ballachan cuasach ann an tòrr thogalaichean. 'S e sin dà bhalla le beàrn èadhair eatarra. Faodar seo a lìonadh le cobhar mar ionsulaideadh.
- Mura bheil ionsulaideadh ann an togalaichean, bidh iad a' call cairteal dhen teas aca tron mhullach. Gabhaidh teas agus airgead a chaomhnadh le ionsulaideadh lobhta agus mullaich a chur a-steach.
Faigh a-mach mu bharrachd dhòighean air na dachaighean againn a chumail blàth gun lùth a chall, an seo:Ionnsachadh airson seasmhachd: A' caomhnadh lùth

Fiadh-bheatha
Tha cuid de lusan 's de bheathaichean air iad fhèin freagraichNuair a bhios lus no beathach ag atharrachadh airson tighinn a rèir na h-àrainneachd sa bheil e. airson a bhith beò far a bheil sìde fhuar, fhuar.
Craobhan

Image caption, Craobhan durcanach
Tha duilleagan coltach ri bioran tana air craobhan durcanach mar an giuthas. Cha bhi na bioran aca a' call mòran teas no uisge fiù 's nuair a tha an t-sìde fuar. (Findlay / Alamy Stock Photo)

Image caption, Craobhan seargach (le duilleagan leathann)
Tha duilleagan leathann, còmhnard air craobhan mar an darach agus a' bheithe agus bidh iad a' glacadh tòrr de sholas na grèine. Bidh iad a' call nan duilleagan as t-fhoghar agus tha sin gan cuideachadh a' caomhnadh lùth agus uisge tron gheamhradh. (Stephen Peter Street / Alamy Stock Photo)

Image caption, Craobhan daraich
Canar cnothan-daraich ri sìol craobh-dharaich. Feumaidh iad teòthachd fhuar airson tòiseachadh a' fàs (ginideachadh). San RA, bu chòir an cur eadar an t-Sultain agus an Dùbhlachd airson gum fàs an sìol. (Aidan Maccormick / Stephen Moody / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Faigh a-mach barrachd mu chraobhan 's mu choilltean an seo:Cruthan-tìre: Coilltean
Beathaichean

Image caption, Bruthan dearga
Tha bruthan-dearga anns an RA fad na bliadhna, ach bidh sinn tric a' smaoineachadh gur e eòin gheamhraidh a th' annta. Bidh mòran bhruthan-dearga a' dèanamh imrich dhan RA às na dùthchannan Lochlannach anns a' gheamhradh. (Karen van der Zijden / Alamy Stock Photo)

Image caption, Sionnaich an t-sneachda
Thig sionnaich an t-sneachd beò ann an sìde a tha uabhasach, uabhasach fuar! Tha bian tiugh orra a bhios gan cumail blàth ann an tundra na h-Artaig far a bheil iad a' fuireach. (Richard Codington / Alamy Stock Photo)

Image caption, Mathain bhàn
Tha mathain bhàn beò anns an Artaig. Bidh iad a’ tighinn beò an sin chionn tha filleadh de bhian tiugha orra le filleadh tiugh de shaill fodha. (André Gilden / Alamy Stock Photo)
1 of 3

- ginidich - Nuair a bhios sìol a' tòiseachadh air fàs.
- crann-sneachda - Làraidh mhòr le taoman mòr, meatailte, coltach ri siobhail mhòr, air an aghaidh, agus bidh e a' putadh an t-sneachda far an rathaid.
- ionsulaideadh - Dòigh air ar dachaighean a chumail blàth anns a' gheamhradh le bhith a' cumail an teas a-staigh. 'S dòcha gun cuir sinn oirnn geansaidh nuair a tha i fuar. Anns an aon dòigh, ma chuireas sinn stuth-gleidhidh mar cobhar no clòimh dhan lobhta, no dha na beàrnan eadar na ballachan ann an taigh, cumaidh sinn an teas a-staigh.
Ceistean

Sgrìobh aithisg mu bheathach a tha beò ann an gnàth-shìde a tha uabhasach fuar.
Dèan rannsachadh air beathach a tha beò ann an àite a tha uabhasach fuar agus sgrìobh aithisg mu dheidhinn.
Seo beagan smuaintean airson faighinn gu dol:
- Càit a bheil am beathach a' fuireach? Dè an teòthachd chuibheasach a tha san àite?
- Ciamar a tha am beathach air freagradh ri teòthachd fhuar? Mar eisimpleir, a bheil bian tiugh orra airson an cumail blàth?
- An e confoirmearBeathach a dh'atharraicheas a ghiùlan airson an teòthachd aige a riaghladh, mar a' gabhail na grèine airson teas no a' dol fon talamh no a dh'uisge airson fionnarachadh. Canar cuideachd beathaichean fuar-fhuileach riutha. Am measg nan confoirmearan tha iasg, snàgairean, muir-thìrich agus biastagan. neo riaghlaicheBeathach a bhios a' riaghladh a theòthachd tro phròiseasan a bhodhaig, mar le fallas no crith. Canar cuideachd beathaichean blàth-fhuileach riutha. Am measg riaghlaichean tha mamailean agus eòin. a tha sa bheathach?
- Eisimpleirean de bheathaichean a tha beò far a bheil gnàth-shìde uabhasach fhuar: cinn-fhionna, mathain bhàn, sionnaich an t-sneachda agus liopardan an t-sneachda.
Ma tha cuideachadh a dhìth ort airson aithisg a sgrìobhadh, gheibh thu cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu aithisg
Mar a bhios beathaichean a' cumail smachd air teòthachd. revision-guideMar a bhios beathaichean a' cumail smachd air teòthachd
Faigh a-mach mar a bhios beathaichean a' cumail smachd air teòthachd am bodhaigean.

Mar a chumas beathach smachd air teas a bhodhaig. revision-guideMar a chumas beathach smachd air teas a bhodhaig
Faigh a-mach mu na dòighean anns am bi beathaichean blàth-fhuileach is fuar-fhuileach a' cumail smachd air teòthachd.

Dè th' anns na ràithean? revision-guideDè th' anns na ràithean?
Faigh a-mach mu na ceithir ràithean agus mar a bhios iad a' toirt buaidh air an t-saoghal mun cuairt oirnn.

More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count1 of 21
