Bidh sinn a' cleachdadh tòrr lùth nar beatha làitheil. Uaireannan barrachd na dh'fheumas sinn.
Gu dearbh, san Rìoghachd Aonaichte, tha còrr is leth an lùth a tha air a chleachdadh airson dealan a dhèanamh air a chaitheamh fiù 's mus ruig e na dachaighean, na sgoiltean agus na h-àitichean-obrach againn. Tha a' chaitheamh seo a' cosg tòrr airgid agus tha droch bhuaidh aige air an àrainneachd.
San artaigil seo, gheibh thu a-mach mu dheidhinn:
- Carson a dh'fheumas sinn lùth a chaomhnadh
- Mar a thèid againn air nas lugha de lùth a chleachdadh
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).
Ah… a' cur ùine seachad aig an taigh.
Cho math 's cho blàth leis na solais agus an teas air, am fòn a' teàrrdsadh fhad 's a tha thu a' cur fios gu do charaidean, do bhràthair beag a' coimhead a' phrògram as fheàrr leis air an Tbh.
Ach fuirich ort, dè na tha thu a' cleachdadh de lùth an seo?
Tha tòrr dhen lùth a bhios sinn a' cleachdadh a' tighinn bho chonnadh-fosail, can nuair a bhios sinn a' losgadh gas airson teas, airson biadh a bhruich no airson dealan a ghintinn.
Le bhith a' losgadh, bidh carbon dà-ogsaid a' dol mu sgaoil san àile agus ag adhbhrachadh atharrachadh na gnàth-shìde.
Bidh pàirt dhen lùth againn a' tighinn bho stòran ath-nuadhachail ach chan eil gu leòr dhiubh againn.
Mar sin feumaidh sinn nas urrainn dhuinn de lùth a chaomhnadh.
Ah! Seall siud!
Tha Dad air an coire a lìonadh a-mach air a bheul gun a dhìth air ach aon chupa tì.
Tha coireachan a' cosg tòrr lùth agus mar sin, ma tha thu ag iarraidh aon chupa, goil uisge airson aon chupa!
Agus am feum an teas a bhith air cho àrd?
Ma dhùineas tu na dorsan 's gun cuir thu ort geansaidh, faodaidh tu an teas a chur sìos agus bidh thu fhathast blàth.
Agus ma tha aodach blàth math gu leòr dhutsa, tha e math gu leòr dhan taigh agad cuideachd!
Bidh dìon-chòmhdach a' cur stad air teas bho bhith a' faighinn a-mach a' cumail an taighe blàth nas fhaide agus chan fheum thu uiread de theas.
An aon rud riut fhèin 's an geansaidh!
Agus dè mu dheidhinn siubhal?
Bidh na mìltean dhaoine ann an Alba a' siubhal còig mionaidean sa chàr a h-uile latha.
Smaoinich nan cleachdadh iad uile cumhachd dhaoine an àite sin.
Cha bhiodh uiread de thruailleadh ann, chuireadh e dàil ann an teasachadh na cruinne agus bhiodh e na b' fheàrr dha do shlàinte.
'S e roghainn mhath a th' ann am bus no trèana cuideachd.
Tha iad le chèile a' cleachdadh lùth, ach gheibh thu air tòrr dhaoine a chur annta.
Mar sin tha iad a' cleachdadh fada nas lugha de chonnadh gach neach seach càraichean.
Faodaidh sinn cuideachd tòrr rudan beaga a dhèanamh airson lùth a chaomhnadh.
Mura robh d' aodach ort ach uair no dhà, am feum thu a nighe?
Agus nuair a dh'fhàgas tu rùm, cuimhnich gun cuir thu dheth an solas, an rèidio, an Tbh…
…mura bheil duin' eile gan cleachdadh!
Faodaidh tu lùth a chaomhnadh fiù 's anns an rùm-ionnlaid.
Tha amar a' cleachdadh tòrr uisge agus tòrr lùth.
Nì treiseag a' gabhail fras a' chùis.
Ach, tha. Tha thu ceart. Cha b' fhuilear dha do bhràthair beag e fhèin a nighe.
Gu fortanach, chan fheum sinn lùth a chaomhnadh air a h-uile sìon.
Mar an t-aodann aige a ghlanadh!
Carson a dh'fheumas sinn lùth a chaomhnadh?
Tha tòrr dhen lùth a bhios sinn a' cleachdadh gach latha a' tighinn bho chonnaidhean-fosail (gual, ola agus gas).
'S e bunan-lùth neo-ath-nuadhachailStòrasan nàdarra nach urrainn dhuinn ath-nuadhachadh nuair a theirigeas iad. Tha seo a' ciallachadh gu bheil uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail, mar gual, ola agus gas nan goireasan neo-ath-nuadhachail. a th' annta seo. Tha losgadh chonnaidhean-fosail a' truailleadh na h-àrainneachd agus faodaidh e ar dèanamh tinn. Bidh e a' leigeil mu sgaoil carbon dà-ogsaid, gas taigh-glainne a tha a' cur ri teasachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìdeAn t-atharrachadh san t-sìde àbhaistich (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air a bhith ag atharrachadh riamh ann an eachdraidh na Talmhainn, ach tha atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh a-mach air àrdachadh san teòthachd chruinneil..
Tha a-nis tòrr a bharrachd bhunan lùthath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. ann, mar tuathan-gaoithe agus tuathan-grèine. Tha iad sin uile a' toirt suas rùm, agus feumaidh iad tòrr stòrasan airson an dèanamh. Feumaidh sinn mar sin nas lugha de lùth a chleachdadh.

Ciamar a chaomhaineas sinn lùth?
Nuair a tha comas againn lùth fhaighinn sa bhad, tha e mar dhleastanas oirnn a chleachdadh ann an dòigh chiallach agus gun a chaitheamh. Seo dòigh no dhà air lùth a chaomhnadh nar beatha làitheil:

Siubhal agus còmhdhail
Aig ìre chruinneil, tha aiseag dhaoine is bathar ag adhbharachadh trì cairteil dhe na gasaichean cronail a bhios a' milleadh na h-àrainneachd.
Tha turasan goirid gun adhbhar ann an càr a' cur ris a seo. An àite dràibheadh air turas nach toir ach còig mionaidean, dh'fhaodamaid coiseachd. No, ma tha sinn air slighe le còmhdhail phoblach, dh'fhaodamaid bus no trèan a ghabhail an àite dràibheadh.

Teasachadh
Tha tòrr lùth air a chleachdadh a' teasachadh nan taighean againn.
Sa chiad àite dh'fhaodamaid nas lugha de lùth a chleachdadh le bhith a' cur oirnn geansaidh agus a' tionndadh an teas sìos beagan.
Faodaidh sinn cuideachd feuchainn gun a bhith a' caitheamh uiread le bhith a' dèanamh cinnteach gun cuir sinn dheth rèididheatoran ann an rumannan nach fheum sinn a theasachadh, no siostam teas a bhith againn a leigeas leinn rumannan àraidh a theasachadh.
Bu chòir na taighean againn a bhith air an ionsulaideadh airson a bhith cinnteach nach bi sinn a' call lùth teas. Gheibh a' mhòr-chuid de dhaoine smart meter a-nis agus cuidichidh sin iad a' cumail sgeul air na tha iad a' cleachdadh de lùth.

Image caption, Ma chleachdas sinn nas lugha de lùth san dachaigh, bidh e math dhan àrainneachd agus bidh sinn cuideachd a' caomhnadh airgead. (incamerastock / Alamy Stock Photo)

Image caption, Faodaidh tu teas rèididheator a chur sìos le bhith a' tionndadh bhalbh an tearmastad gu àireamh nas ìsle. (Kalki / Alamy Stock Photo)

Image caption, Bidh dìon-gaoithe a' còmhdach na beàirn eadar doras agus an t-ùrlar. 'S e dòigh fhurasta a th' ann air rùm a chumail nas blàithe gun an teas a chur suas. (Andriy Popov / Alamy Stock Photo)

Image caption, Le bhith ag ionsulaideadh nan taighean againn (a' lìnigeadh nam ballachan agus na mullaich le stuth a chumas an teas a-staigh), cuiridh e stad air teas bho fhaighinn a-mach às na taighean. Tha cosgais ann a bhith ag ionsulaideadh, ach bidh e a' caomhnadh airgead ann an cunntasan lùth. (ronstik / Alamy Stock Photo)
1 of 4

A' caomhnadh dealan
Bidh na h-uidheaman agus na h-innealan againn a' cleachdadh tòrr dealain, uaireannan nuair nach eil sinn fiù 's gan cleachdadh. Ma chuireas sinn dheth uidheaman mar telebhisean, spiogairean, consòilean geamannan bhidio agus coimpiutairean nuair nach eil sinn gan cleachdadh, bidh e na chuideachadh a' caomhnadh lùth.
Bidh uidheaman sa chidsin mar coireachan, innealan-tioramachaidh, innealan-nigheadaireachd agus innealan-nighe a' cleachdadh tòrr dealain. Faodaidh sinn na tha sinn a' caitheamh de dhealan a bheagachadh le bhith a' dèanamh rudan mar:
a' goil dìreach na dh'fheumas sinn de dh'uisge aig aon àm
a' crochadh nigheadaireachd a-muigh seach a bhith a' cleachdadh inneal-tioramachaidh no a' cur aodach air rèididheatoran
a' nighe aodach aig teòthachd nas ìsle (no dìreach a' pasgadh aodach air falbh mura bheil iad salach no fàileadh dhiubh)
a' nighe nan soithichean ann am mìos uisge seach an sinc a lìonadh
a' gabhaibh fras ghoirid an àite a dhol dhan amar airson uisge teth a chaomhnadh
a' cleachdadh bholgain solais beag-lùth LED


Buannachdan caomhnadh lùth agus na cunnartan a tha romhainn mura dèan sinn e
<mark>Buannachdan</mark>Tha beagachadh uiread an lùth a tha sinn a' cleachdadh math dhan àrainneachd. Le bhith a' beagachadh uiread an lùth a tha sinn a' cleachdadh, tha sinn a' cuideachadh le bhith a' lùghdachadh na tha gan cruthachadh de ghasaichean taigh-glainne cronail.
Le bhith a' cleachdadh nas lugha de lùth, thèid againn cuideachd air nas lugha a phàigheadh air na cunntasan lùth againn, a' caomhnadh airgead.
Tha e nar comas diofar a dhèanamh. Faodaidh na co-dhùnaidhean againn an àrainneachd a chuideachadh. Tha mòran dhaoine air tòiseachadh a' taghadh dè an seòrsa lùth a chleachdas iad agus a' taghadh solaraichean lùth a bhios a' cleachdadh stòrasan ath-nuadhachail.
Cunnartan
Mar as motha a chleachdas sinn de lùth, 's ann as motha a nì sinn cron air an àrainneachd. Mar a bhios uiread nan connaidhean-fosail a thathar a' losgadh a' dol am meud, 's ann as motha a bhios uiread nan gasaichean cronail a bhios ag adhbharachadh atharrachadh na gnàth-shìde.
Ma tha gasaichean taigh-glainne a' dol am meud, bidh sin ag adhbharachadh:
Teasachadh cruinne – teòthachdan ag èirigh, tuinn-teas agus tart
Ìre na mara nas àirde mar a tha na ceapan-deighe pòlarach a' leaghadh
Pàtrain sìde mhì-nàdarra air feadh an t-saoghail
Barrachd mhòr-thubaistean nàdarra air sgàth atharrachadh san aimsir
Bhon a dh'fheumas sinn pàigheadh airson an lùth a chleachdas sinn, tha a' chosgais oirnn a' dol am meud mar as motha de lùth a chleachdas sinn.

connaidhean-fosail – 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan lùth neo-ath-nuadhachail. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh bho lusan agus bho bheathaichean marbh a tha air an dlùthadh fon talamh fad mhilleanan bhliadhnaichean agus a tha, mu dheireadh, a' dol nan connaidhean-fosail.
neo-ath-nuadhachail – Stòrasan nàdarra nach tig air ais nuair a thèid an cleachdadh. Tha uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail mar gual, ola agus gas uile nan stòrasan neo-ath-nuadhachail.
gasaichean taigh-glainne - Gasaichean san àile a bhios a' glacadh teas. Ged a tha feum orra airson an Talamh a chumail blàth gu leòr airson beatha a bhith air, tha cus dhiubh ann a-nis, agus tha sin a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. 'S e gas taigh-glainne a th' ann an carbon dà-ogsaid.
carbon dà-ogsaid - Gas nàdarra a tha uile-thimcheall oirnn. Tha e riatanach airson beatha air an Talamh. Mar eisimpleir, bidh beathaichean (agus daoine) a' tarraing ogsaidean a-steach air an anail agus a' leigeil a-mach carbon dà-ogsaid, ach bidh lusan an ceart aghaidh sin. Ach tha carbon dà-ogsaid cuideachd air a chruthachadh nuair a tha connaidhean-fosail air an losgadh. Tha seo na dhuilgheadas chionn tha cus dheth anns an àile a-nis. Mar ghas taigh-glainne, 's e carbon dà-ogsaid am prìomh adhbhar airson teasachadh na cruinne agus mar sin airson atharrachadh sa ghnàth-shìde.
teasachadh na cruinne – Canar cuideachd blàthachadh na cruinne ris. Am meudachadh ann an teòthachd cuibheasach na Talmhainn, a' mhòr-chuid dheth air sgàth gasaichean taigh-glainne a' dol mu sgaoil san àrainneachd nuair a bhios daoine a' losgadh chonnaidhean-fosail.
atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh fad-ùine ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh, agus cuideachd a' bhuaidh aca, mar eisimpleir barrachd tart agus tuiltean.
lùth ath-nuadhachail - Seo bun lùth nach teirig agus a tha seasmhach. Gabhaidh lùth na grèine, na gaoithe agus an uisge a chruinneachadh agus a chleachdadh airson dealan a ghintinn tro iomadh seòrsa teicneòlais mar pannalan grèine, tuirbinean gaoithe agus innealan làin.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dèan liosta dhe na dòighean san urrainn dhut lùth a chaomhnadh aig an taigh
Bruidhinn ri inbheach mu na rudan a dh'fhaodadh sibh a dhèanamh mar theaghlach airson nas lugha de lùth a chleachdadh.
Ma tha smart meter agaibh aig an taigh, dh'fhaodadh tu a chleachdadh airson uiread an lùth a tha sibh a' cleachdadh a chlàradh mus dèan sibh atharrachaidhean agus às dèidh sin, airson gum faic sibh dè na chaomhain sibh de dh'airgead agus de lùth.
Smaoinich mar a b' urrainn dhut daoine eile nad theaghlach a bhrosnachadh gus lùth a chaomhnadh cuideachd.
Bruidhinn ris an tidsear agad mu coimhead ri cleachdadh (no caitheamh) lùth san sgoil agaibh. An lorg sibh dòighean air na tha air a chleachdadh de lùth anns a' chlas no san sgoil gu lèir a bheagachadh?
More on Beò ann an dòigh sheasmhach
Find out more by working through a topic
- count2 of 4

- count4 of 4
