Dè th' ann an gaoth?

Part ofCuspairean SòisealtaAimsir

Prìomh fhiosrachadh

Bho gèile gu oiteag bheag gaoithe, fairichidh sinn uile a' ghaoth a' sèideadh.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Cò às a tha gaoth a' tighinn
  • Dè th' ann an àile na Talmhainn
  • A' bhuaidh a th' aig àird na gaoithe
  • Bruthadh èadhair àrd agus ìosal

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu ghaoth.

Cò às a tha gaoth a' tighinn?

  1. Tha filleadh èadhair ris an canar àile mu chuairt an Talaimh.

  2. Chan eil an t-àile sgaoilte gu rèidh.

  3. Ann an àitichean bidh an èadhar ga putadh còmhla os cionn an talaimh. Canar bruthadh àrd ris a seo.

  4. Ann an àitichean eile chan eil uiread a dh'èadhar ann agus tha i nas sgaoilte. Bidh seo a' dèanamh an àile nas taine. Canaidh sinn bruthadh ìosal ris a seo.

  5. Bidh an èadhar a' gluasad bho àitichean le bruthadh àrd gu àitichean le bruthadh ìosal. Canaidh sinn gaoth ris a' ghluasad èadhair seo.

Sìde ghaothach

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 6, Coileach-gaoithe, Àird na gaoithe Bidh coileach-gaoithe a' sealltainn àird na gaoithe. Bidh am mullach a' tionndadh chun na gaoithe. Tha seo coltach ri àirdean na combaist le T airson tuath, E airson an ear, D airson deas agus I airson an iar. Tha an coileach seo a' sealltainn gu bheil a' ghaoth a' tighinn bho dheas.
Back to top

  • gaoth – Èadhar a' gluasad taobh àraidh.

  • àile – Filleadh èadhair mun cuairt an Talaimh.

  • gaothan on tuath – Gaothan fuar bhon Artaig.

  • gaothan on deas – Gaothan blàth le èadhar bho cheann a deas na Roinn Eòrpa agus Afraga.

  • gaothan on iar – Gaothan tais a bheir leotha uisge bhon Chuan Siar.

  • gaothan on ear – Gaothan bho cheann an ear na Roinn Eòrpa a bheir leotha èadhar thioram.

  • lùth-suathaidh – Forsa a tha a' slaodachadh nithean a tha a' suathadh na chèile.

Back to top

Ceistean

Back to top

Dùbhlan

Sgrìobh bàrdachd mu latha gaothach.

Bhon a tha fios agad a-nis air tòrr mu ghaoth, feuch ri bàrdachd a sgrìobhadh mu latha gaothach.

Ma dh'fheumas tu barrachd cuideachaidh le sgrìobhadh bàrdachd, tha cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu bàrdachd.

Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic