Dè th' ann an stoirm thàirneanaich?

Part ofCuspairean SòisealtaAimsir

Prìomh fhiosrachadh

Faodaidh tàirneanaich agus dealanaich a bhith gu math inntinneach agus uaireannan rud beag eagalach cuideachd ach dè th' ann an stoirm thàirneanaich?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè bhios ag adhbhrachadh thàirneanaich is dealanaich
  • Dè th' ann an dealan stadaigeach
  • Mu dhiofar sheòrsaichean dhealanaich

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu thàirneanaich agus dealanaich.

Ciamar a bhios stoirm thàirneanaich a' tòiseachadh?

  1. Bidh stoirm thàirneanaich a' tòiseachadh am broinn sgòth.
  2. Bidh bìdeagan deighe a' gluasad suas is sìos agus a' bualadh na chèile am broinn na sgòth.
  3. Bidh seo a' tòiseachadh teàirrds dealain.
  4. Ma dh'fhàsas an teàirrds mòr gu leòr, sruthaidh e gu h-obann mar shruth dealain mòr uabhasach eadar an sgòth agus an talamh, no eadar sgòthan. Chì sinn seo coltach ri sradag mhòr agus canaidh sinn dealanaich ris.
  5. Nuair a thig dealanaich, teasaichidh e an èadhar gu mu 10,000°C.
  6. Bidh an èadhar a' teasachadh cho luath 's gum meudaich i gu h-obann ag adhbharachadh tonn-crithe, frith-bhuille mhòr, mhòr san èadhar. Cluinnidh sinn seo mar thàirneanaich.

Seo eisimpleirean de dhealanaich.

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 3, Dealanaich sgaoilte ann an adhar sgòthach, Dealanaich sgaoilte Thig dealanaich sgaoilte nuair a dh'fhàsas teàirrds dealain am broinn sgòth agus a shruthas e bho aon sgòth gu sgòth eile. Bidh e a' lasadh an adhair.
Back to top

  • tàirneanaich - Tonn-crithe, frith-bhuille mhòr, mhòr san èadhar. Cluinnidh sinn seo mar thàirneanaich.
  • dealanaich - Solas soillseach san adhar. Tha e air adhbharachadh nuair a chruinnicheas uiread de dhealan stadaigeach ann an sgòth 's gun siubhail sradag mhòr dealain eadar an sgòth agus an talamh no eadar sgòthan.
  • dealan stadaigeach - Nuair a shuathas dà stuth eadar-dhealaichte na chèile agus a bhios teàirrds dealain ann. Mar eisimpleir, a' suathadh bailiùn ri do cheann no bìdeagan deighe a' bualadh na chèile am broinn sgòth.
  • breab-dealain - Nuair a thèid sruth dealain tro bhodhaig chuideigin.
  • tonn-crithe - Brùchdadh obann de lùth a' gluasad a-mach na thuinn, a' cur na h-èadhair mun cuairt air chrith.

Diofar sheòrsachan dhealanaich

  • dealanaich sgaoilte - Dealanaich a' sruthadh eadar sgòthan agus a' lasadh an adhair.
  • dealanaich gobhlach - Dealanaich sgorach a' sruthadh eadar sgòth agus an talamh.
  • ball-dhealanaich - Seòrsa de dhealanaich neo-àbhaisteach nach fhaicear tric. Dealanaich ann an cruth ball soillseach dealain.
Back to top

Ceistean

Back to top

Dùbhlan

Cruthaich dealan stadaigeach le bailiùn.

'S e dealan stadaigeach – nuair a bhios dà stuth eadar-dhealaichte a' suathadh na chèile – a tha ag adhbhrachadh thàirneanaich is dealanaich.

Feuch fhèin air deuchainn dealan stadaigeach aig an taigh no anns a' chlasrum.

Feumaidh tu:

  • bailiùn
  • clobhda tioram

Dè nì thu:

  1. Suath am bailiùn mu 40 diog le pìos clobhda.
  2. Cùm am builiùn os cionn do chinn (gun suathadh ann) agus faic mar a tha d' fhalt steigte ris. 'S e dealan stadaigeach a tha ag adhbhrachadh seo.
Nighean agus a falt steigte ri bailiùn le dealan stadaigeach
Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic