Prìomh fhiosrachadh
Chì sinn sgòthan a h-uile latha agus tha iomadh seòrsa ann.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an sgòth
- Mu dhiofar sheòrsachan sgòthan
- Mu dheidhinn co-dhlùthachadh
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu sgòthan.
Seall suas dhan adhar agus 's iongantach mura faic thu sgòthan. Fiù 's air latha math, blàth, 's dòcha gum faic thu sgòthan a' gluasad.
Ach dè th' ann an sgòthan?
'S dòcha nach eil coltas orra, ach tha sgòthan air an dèanamh de dh'uisge.
Tha iad air an cruthachadh nuair a tha uisge san èadhar a' fuarachadh agus ag atharrachadh bho bhith na ghas, ris an canar deatach uisge, gu bhith na bhoinnean de dh'uisge lionnach no na chriostalan beaga deighe. Canar co-dhlùthachadh ris a seo.
Tha na boinneagan uisge seo mòr gu leòr 's gun glac iad an solas agus gum faic sinn iad ach cho beag 's cho aotrom 's nach eil iad a' tuiteam gu talamh. Bidh iad a' tighinn còmhla agus a' dol nan sgòthan.
Tha trì phrìomh sheòrsachan sgòthan ann:
Cirrus. Tha iad seo coltach ri itean tana. Bidh iad shuas gu h-àrd san adhar - mu 6,000m - agus tha iad air an dèanamh de mhìrean beaga bìodach de dheigh.
Cumulus. Tha na sgòthan seo coltach ri cotan no ri candy floss. 'S àbhaist dhaibh a bhith eadar 300m-2,000m shuas san adhar. Bidh iad uaireannan nan cruthan.
Bidh sgòthan cumulus tric nan comharra air sìde thioram. Sìde mhath airson ruith no a dhol a-mach air baidhsagal. Ach thoir an aire. Uaireannan fàsaidh iad uabhasach mòr. Nuair a thachras sin, bidh frasan uisge ann – no fiù 's stoirm.
Stratus. Tha na sgòthan seo tric còmhnard agus cha bhi iad a' gluasad. Air làithean gruamach bidh iad a' sìneadh thairis an adhair mar phlangaid, agus 's dòcha gum bi smugraich uisge nan cois. Bidh iad ìosal san adhar, uaireannan cho ìosal 's gum bi iad faisg air an talamh mar cheò. Ma bha thu riamh a-muigh ann an ceò 's gun do dh'fhairich thu an taise, bidh fios agad cò ris a tha e coltach am broinn sgòth.
Bidh sinn a' cur an fhacail 'nimbus' ri ainmean sgòthan airson innse gu bheil uisge no sneachd a' tuiteam bhuapa. Mar eisimpleir, 's e sgòth-thàirneanaich mhòr, dhorcha le uisge a' sileadh aiste a th' ann an cumulonimbus. Agus 's e plangaid dhorch de sgòth le uisge innte a th' ann an nimbostratus.
An-ath-turas a bhios tu muigh, feuch an obraich thu a-mach dè an seòrsa sgòthan a chì thu, agus am bi feum air sgàilean.
Dè th' ann an sgòth?
Nuair a tha thu pìos bhuapa, 's dòcha gu bheil coltas clòimh-chotain air sgòthan ach 's e uisge a th' annta.
Bidh sgòthan air an cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas an èadhar. Bidh seo ag atharrachadh gas nach fhaic sinn san èadhar ris an canar deatach uisgeUisge nuair a tha e na ghas neo-fhaicsinneach. gu bhith na bhoinneagan uisge, no fiù 's chriostalan deighe beaga, bìodach. Canar co-dhlùthachadh ris an atharrachadh seo.
Tha na boinneagan uisge mòr gu leòr airson an solas a ghlacadh agus mar sin chì sinn iad, ach tha iad cho beag 's cho aotrom 's gum bi iad dìreach crochte san adhar gun tuiteam idir.
Bidh na boinneagan uisge gu lèir a' tighinn còmhla agus a' dèanamh sgòthan.
Diofar sheòrsachan sgòthan

Image caption, Tha sgòthan ann de gach meud is cruth – bheir sinn sùil air cuid dhen fheadhainn as cumanta.
An robh fios agad gu bheil iomadh seòrsa sgòth ann?

Image caption, Sgòthan cirrus
Tha sgòthan cirrus coltach ri itean fada, stireach.

Image caption, Sgòthan cumulus
Tha sgòthan cumulus geal agus clòimheach – glè thric chì sinn diofar chruthan annta!

Image caption, Sgòthan stratus
Bidh sgòthan stratus a' còmhdach tòrr dhen adhar agus bidh iad a' gluasad nas ìsle san adhar na sgòthan cirrus no cumulus.

Image caption, Sgòthan cumulonimbus
Bidh sinn a' cur 'nimbus' ri ainmean sgòthan nuair a bhios uisge no sneachd a' sileadh asta. An seo, tha uisge a' sileadh à sgòthan cumulonimbus os cionn na mara.

Image caption, Sgòthan nimbostratus
Nuair a bhios uisge a' sileadh à sgòth stratus, canaidh sinn nimbostratus rithe. Tha sgòth nimbostratus coltach ri plaide dhorcha a tha a' còmhdach an adhair.
1 of 6

cirrus - Sgòthan tana, stireach coltach ri itean, a bhios mu 6,000m shuas san adhar.
cumulus - Sgòthan coltach ri clòimh-chotain no clòimh-mhilis. 'S àbhaist dhaibh a bhith eadar 300 is 2,000 meatair shuas san adhar.
stratus - Sgòthan a tha glè thric còmhnard agus nach bi a' gluasad. Air latha dorcha, gruamach bidh iad a' sgaoileadh tarsainn an adhair coltach ri plaide.
nimbus - Bidh sinn a' cur an fhacail 'nimbus' ri ainmean sgòthan airson cunntas a thoirt orra nuair a tha uisge no sneachd a' sileadh asta. Mar eisimpleir, 's e sgòth thàirneanaich dhorcha le uisge a' sileadh aiste a th' ann an cumulonimbus.
Ceistean
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count7 of 21

- count8 of 21

- count9 of 21

- count10 of 21
