Prìomh fhiosrachadh
Nuair a dh'fhàsas i uabhasach fuar, glè thric chì sinn lòintean reòite no reothadh air cabhsairean agus feur.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- An diofar eadar deigh agus reothadh
- Mar a bhios deigh air a cruthachadh
- Mar a bhios reothadh air a chruthachadh
- Dè th' ann an siota deighe
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu dheigh agus reothadh.
Cuir aodach blàth ort oir tha i fuar a-muigh. Tha reothadh air na càraichean agus seall - tha na lòintean air reothadh agus nan deigh.
Ciamar a tha seo a' tachairt?
Bidh reothadh agus deigh ann nuair a bhios an teòthachd fo ìre an reothaidh – tha sin nas ìsle na 0°C.
Mus tèid e na theann-stuth mar na lòintean reòta, feumaidh uisge a bhith aig ìre reothaidh. Sin an ìre aig am bi uisge a' fuarachadh gu 0°C, no nas fhuaire, agus a' dol na dheigh.
A bharrachd air teòthachd ìosal, feumaidh deigh rudeigin air an reoth i. Tha uachdaran fuara, criomagan salchair agus criostalan deighe eile math airson seo.
Air lathaichean fuar geamhraidh, 's dòch' gum faic thu bioran-deighe crochte bho mhullach an taighe. Nochdaidh iad seo nuair a tha boinnean uisge a' sruthadh bhon mhullaich 's a' reothadh ris an uachdar nuair a tha an teòthachd 0°C no nas ìsle.
Tron oidhche, bidh barrachd bhoinnean a' reothadh air deigh a tha reòta mar-thà, a' cruthachadh bhioran-deighe. Bidh iad a' fàs nuair a bhios tuilleadh bhoinnean a' reothadh air ceann a' bhior-deighe.
Canaidh sinn reothadh ris na criostalan geala deighe a chì sinn air latha fuar. Tha e air a chruthachadh nuair a thuiteas deatach uisge air uachdar leithid cabhsair no feur, a tha mar-thà fo ìre reothaidh.
San Rìoghachd Aonaichte, chì sinn deigh agus reothadh sa gheamhradh mar as trice.
Ann an cuid a dh'àitichean far a bheil an teòthachd fo ìre reothaidh fad na h-ùine, bidh fillidhean mòra deighe a' cruinneachadh air muin a chèile. Bidh sin a' còmhdach pàirt dhen talamh airson ùine mhòr. Canar siotaichean deighe riutha sin. Tha an dà shiot-deighe as motha air an Talamh a' còmhdach a' mhòr-chuid de Ghraonlainn agus an Antartaig.
Dè cho coltach 's a tha e gum bi deigh far a bheil thusa an-dràsta? Coimhead dè an teòthachd a th' ann agus gheibh thu a-mach!
Ciamar a tha deigh air a cruthachadh?
- Bidh uisge a' reothadh agus a' dol na theann-stuth (deigh) nuair a tha an teòthachd mu 0°C no nas ìsle.
- Feumaidh deigh rudeigin air an reoth i leithid: uachdaran fuara, pìosan beaga salchair no criostalan deighe eile.
Ciamar a tha reothadh air a dhèanamh?
- Tha deatach uisgeUisge nuair a tha e na ghas neo-fhaicsinneach. anns an èadhar.
- Laighidh deatach uisge air uachdar fuar, leithid cabhsair no feur, a tha mar-thà aig ìre an reothaidh (0°C) no nas ìsle.
- Tha an èadhar cho fuar 's gu bheil an deatach uisge a' co-dhlùthachadh na bhoinneagan uisge.
- Bidh na boinneagan uisge a' reothadh agus a' dol nan criostalan beaga, bìodach deighe, ris an can sinn reothadh.
Eisimpleirean de dheigh 's de reothadh
Dèan coimeas eadar deigh agus reothadh san Rìoghachd Aonaichte agus siotaichean deighe ann an Graonlainn agus an Antartaig.

Image caption, Lòn reòite
Nuair a ruigeas uisge, can ann an lòn, ìre an reothaidh (0°C no nas ìsle), bidh e a' dol na dheigh. San dealbh seo tha na tuinn bheaga san uisge air reothadh cuideachd.

Image caption, Bioran-deighe
Bidh bioran-deighe air an cruthachadh nuair a reothas boinneagan uisge 's iad a' sileadh sìos. Bidh barrachd is barrachd bhoinneagan a' sileadh sìos agus a' reothadh air a' bhior-deighe. Bidh am bior-deighe mar sin a' fàs nas motha agus nas fhaide.

Image caption, Reothadh
Canaidh sinn reothadh ris na criostalan beaga, bìodach, geala de dheigh air uachdaran a-muigh, mar duilleagan no feur. Bidh deatach uisge a' laighe air uachdar fuar a tha mar-thà fo ìre an reothaidh (0°C no nas ìsle).

Image caption, Siota deighe na Graonlainn
'S e pìos mòr deighe a tha a' còmhdach an talaimh a th' ann an siota deighe. Tha siota deighe na Graonlainn a' còmhdach mu 1.7 millean cilemeatair ceàrnagach de thalamh. Tha tòrr deighe an sin!

Image caption, Siota deighe na h-Antartaig
'S e siota deighe na h-Antartaig am pìos deighe as motha air an t-saoghal. Tha tòrr dhen deigh seo a' leaghadh air sgàth blàthachadh na cruinne. Tha sin a' ciallachadh gu bheil cuid de bheathaichean a' call an dachaigh agus gu bheil ìre na mara ag èirigh.
1 of 5

- deigh – Uisge reòite.
- reothadh – Criostalan deighe beaga, geala air an talamh no air uachdar eile nuair a tha an teòthachd fo ìre an reothaidh.
- ìre an reothaidh - An ìre aig am bi uisge a' dol na theann-stuth. 'S àbhaist seo a bhith aig 0° Celsius no nas ìsle.
- Celsius - Aonad tomhais air a chleachdadh airson teòthachd. Bidh uisge a' reothadh aig 0° agus a' goil aig 100°. Canar uaireannan centigrade ris.
- bior-deighe - Pìos de dheigh chrochte air a chruthachadh nuair a reothas uisge. Nuair a bhios boinneagan uisge a' sruthadh sìos, bidh iad a' reothadh air an uachdar, agus bidh am bior-deighe a' fàs nas motha agus nas fhaide.
- siotaichean deighe - Farsaingeachdan mòra deighe a chruinnich air muin a chèile a' còmhdach an talaimh thar ùine mhòr. Tha siotaichean deighe anns a' Ghraonlainn agus an Antartaig far a bheil i uabhasach fuar.
Ceistean

Sgrìobh bàrdachd mu shìde fhuar.
Bhon a tha fios agad mu dheigh agus reothadh, feuch ri bàrdachd a sgrìobhadh mu shìde fhuar.
Ma dh'fheumas tu barrachd cuideachaidh le sgrìobhadh bàrdachd, tha cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu bàrdachd.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count5 of 21

- count6 of 21

- count7 of 21

- count8 of 21
