Prìomh fhiosrachadh
'S e sruthadh de mhìrean le teàrrds neagataibh, ris an canar eileagtronan, a tha san dealan a bhios sinn a' cleachdadh gach latha.
Tha dealan air a ghintinn le bhith ag atharrachadh lùth eadar-dhealaichte gu lùth dealain.
Faodaidh an lùth seo a bhith bho bhunan ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.
Tha a' chuid as motha dhen dealan againn air a ghintinn ann an stèiseanan cumhachd agus air a ghiùlan gu far a bheil feum air tron Ghriod Nàiseanta de chàbaill agus de loidhneachan cumhachd. Tha paidhleonan mòra aig cuid dhe na càbaill sin ann an achaidhean. Tha cuid eile dhiubh fon talamh agus air an ceangal ri dachaighean agus togalaichean.

A' gintinn dealan agus a' bhuaidh aige
Faigh a-mach mu na diofar dhòighean a dh'fhaodas sinn a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
A' teàrrdsadh fòn, a' cur air an t-solais, a' faighinn grèim às a' frids. Tha iad uile a' cleachdadh dealan. 'S e sruthadh de mhìrean beaga, bìodach le teàrrds neagataibh, ris an canar eileagtronan, a th' ann an dealan. Tha eileagtronan sa h-uile stuth, ach nuair a tha na h-eileagtronan ann an stuth air chomas gluasad, bidh e an uair sin na ghiùlanair.
Fad iomadh bliadhna, tha a' mhòr-chuid dhen t-saoghal air a bhith a' cleachdadh connadh neo-ath-nuadhachail airson dealan a ghintinn. 'S e connaidhean-fosail mar ola, gual agus gas a th' anns na connaidhean neo-ath-nuadhachail seo. Nuair a tha connadh-fosail ga losgadh, bidh e a' leigeil lùth teas mu sgaoil. Bidh an lùth teas seo a' goil uisge, agus an uair sin bidh an smùid a nì e a' cur car de thuirbinean. Tha lùth teas air atharrachadh gu lùth cineataigeach. Tha na tuirbinean ceangailte ri gineadairean. Nuair a chuireas na tuirbinean car, bidh iad a' tionndadh mhagnaitean mòra le cuibhlean uèir mun cuairt orra. Bidh gluasad nam magnaitean a' toirt air eileagtronan sruthadh tro na uèirichean. Seo am pròiseas a bhios a' gintinn an dealain a dh'fheumas sinn airson ar dachaighean.
Ach tha dà thrioblaid mhòr co-cheangailte ri bhith a' gintinn dealan bho chonnaidhean-fosail. 'S e a' chiad tè gum bi iad a' leigeil ghasaichean taigh-glainne, mar carbon dà-ogsaid, mu sgaoil san àile nuair a thèid an losgadh. Tha na gasaichean sin nan adhbhar dìreach air atharrachadh na gnàth-shìde. 'S e an dara trioblaid gun teirig na connaidhean sin uaireigin. Nuair a theirigeas iad, tha iad ullamh. Agus, tha sin gar toirt gu lùth ath-nuadhachail.
Tha tuathan-gaoithe, damaichean dealan-uisge agus tuathan thonnan uile nan lùthan ath-nuadhachail. Tha iad ag obrachadh san aon dòigh ri stèiseanan cumhachd connadh-fosail – bidh iad uile a' cleachdadh lùth cineataigeach airson car a chur de thuirbinean a bhios a' cur car de ghineadairean. Tha ceallan grèine ann am panailean grèine ath-nuadhachail cuideachd ach chan eil iad ag obrachadh san aon dòigh. Bidh iadsan a' cleachdadh solas bhon ghrèin airson teàrrdsan dealain a chruthachadh airson gun tòisich dealan a' sruthadh nas dìriche. Tha mu 55% dhen dealan a th' air a ghintinn ann an Alba a' tighinn bho bhunan lùth ath-nuadhachail – a' chuid as motha bho thuathan gaoithe agus bho stèiseanan cumhachd dealan-uisge.
Ach 's e an droch naidheachd, gu bheil, air feadh an t-saoghail, còrr is 80% dhen lùth a tha sinn a' gintinn fhathast a' tighinn bho bhun-lùtha neo-ath-nuadhachail.
Dè do bheachd? Cunnt cia mheud nì a bhios tu a' cleachdadh gach latha a dh'fheumas dealan. Feuch an dèan thu a-mach a bheil iad a' cleachdadh bun-lùtha ath-nuadhachail.
Dè th' ann an dealan?
Bidh sinn a' cleachdadh dealan a h-uile latha. Dèan liosta dhen h-uile rud a rinn thu madainn an-diugh mus tàinig thu dhan sgoil. Coimhead a-rithist air an liosta. Cia mheud rud a chleachd dealan?
'S e sruthadh de mhìrean beaga, bìodach le teàrrds neagataibh, ris an canar eileagtronan, a th' ann an dealan. Canar giùlanairean ri stuthan a leigeas le eileagtronan sruthadh tromhpa. Tha meatailtean, leithid copar, a tha air a chleachdadh ann an uèirichean dealain, nan giùlanairean dealain.
'S e seòrsa de lùth a th' ann an dealan. Gabhaidh lùth atharrachadh, no aiseag, bho aon riochd gu riochd eile. Bidh sinn a' dèanamh lùth dealain le bhith ag atharrachadh riochd eile de lùth gu lùth dealain.
Ciamar a bhios sinn a' gintinn dealan?

Tha lùth cineataigeach an lùib a' mhòr-chuid de dhòighean anns am bi sinn a' gintinn dealan.
'S e lùth cineataigeach an lùth a tha an lùib gluasad. Gabhaidh gasaichean no lionntan a tha a' gluasad a bhith air an cleachdadh airson tuirbinean a thionndadh:
- Tha tuirbinean gaoithe air an tionndadh le èadhar a' gluasad.
- Tha tuirbinean dealan-uisge gan tionndadh le uisge a' sruthadh a-nuas tro phìoban.
- Tha tuirbinean nan tonnan agus a' mhuir-làin gan tionndadh le gluasad na mara.
Tha a' mhòr-chuid de bhunan-lùtha ath-nuadhachail a' tòiseachadh le lùth cineataigeach.
Tha bunan-lùtha neo-ath-nuadhachail (connaidhean niùclasach, bith-thomad agus fosail) gu lèir a' tòiseachadh le lùth ceimigeach.

- Tha connaidhean-fosail gan losgadh agus a' leigeil lùth teas mu sgaoil.
- Tha lùth teas ga chleachdadh airson uisge a ghoil, agus bidh an stiom a bhios e a' dèanamh an uair sin a' tionndadh thuirbinean. Ann a bhith a' dèanamh seo, tha lùth teas air aiseag gu lùth cineataigeach.
- Tha na tuirbinean ceangailte ri gineadairean. Nuair a thionndaidheas na tuirbinean, bidh iad a' tionndadh mhagnaitean mòra a tha air an cuairteachadh le cuibhlean uèir.
- Bidh gluasad nam magnaitean a' toirt air eileagtronan tòiseachadh a' sruthadh tro na uèirichean agus tha lùth cineataigeach air aiseag gu lùth dealain.
- 'S e am pròiseas seo a bhios a' gintinn an lùth dealain a dh'fheumas sinn airson ar dachaighean.
Dè tha am broinn gineadair?

Ann an stèiseanan cumhachd, tha tuirbinean air an ceangal ri gineadairean. Am broinn a' ghineadair, tha cearcall mhagnaitean agus tha cearcall eile mu thimcheall seo, air a dhèanamh suas de thòrr uèir mheatailt air a suaineadh gu teann.
Nuair a thionndaidheas an gineadair, bidh na magnaitean a' cur car. Bidh gluasad nam magnaitean thairis air na uèirichean a' toirt air dealan tòiseachadh a' sruthadh tro na uèirichean.

Ciamar a bhios lùth na grèine a' gintinn dealan?

Aocoltach ri bunan-lùtha eile, cha bhi tuirbinean gan cleachdadh airson dealan a ghintinn bho lùth na grèine. Bidh ceallan grèine ag aiseag lùth solais bhon Ghrèin gu dìreach gu bhith na lùth dealain.
Nuair a bhuaileas solas na grèine air fillidhean sileacon am broinn cheallan grèine, bidh teàrrds dealain a' cruinneachadh agus a' cruthachadh sruth dealain.
Bhon a tha panailean grèine an urra ri solas na grèine, cha bhi iad a' gintinn dealan ach tron latha nuair a tha solas na grèine a' deàrrsadh orra. Chan eil iad cho èifeachdach ma tha i sgòthach, agus cha bhi iad gintinn dealan air an oidhche.
'S e dìreach lùth solais bhon ghrèin a bhios panailean grèine a' cleachdadh.
Cha bhi an teòthachd ag atharrachadh na bhios panail grèine a' gintinn de dhealan. Mar sin chan eil e gu diofar an e latha teth no fuar a th' ann. 'S e neart solas na grèine a-mhàin a bhios a' dèanamh diofar.

Seasmhachd
Airson gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air a bhith coinneachadh ri feumalachdan an latha an-diugh agus an àrainneachd agus bunan a dhìon airson an àm ri teachd.
Tha iomadh seòrsa bun-lùtha ath-nuadhachail ann agus bidh iad a' gintinn dealan ann an diofar dhòighean.
Gabhaidh tuathan gaoithe, lùth nan tonn, lùth dealan-uisge agus lùth geo-thearmach uile an cleachdadh airson dealan a ghintinn. Tha iad uile stèidhichte air an aon dòigh air dealan a ghintinn. Bidh iad ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain a' cleachdadh thuirbinean agus gineadairean.
Bidh ceallan grèine a' cleachdadh solas bhon ghrèin gus teàrrdsan a thogail a chuireas sruth gu dol.
Ged a tha buannachdan agus eas-bhuannachdan aca uile, 's e dòigh nas glaine a tha annta air dealan a ghintinn seach connaidhean-fosail.
Dealan ga ghintinn bho chonnadh-fosail
Buannachdan
- Tha am bun-structar na àite mar-thà airson dealan a ghintinn bho chonnaidhean-fosail.
Eas-bhuannachdan
- Bidh connaidhean-fosail a' losgadh agus a' dèanamh carbon dà-ogsaid a tha na ghas taigh-glainne agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
- Tha connaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail agus teirigidh iad a dh'aithghearr. Chan urrainn dhuinn a bhith an urra riutha gu bràth!
Bunan-lùtha ath-nuadhachail airson dealan a ghintinn
Buannachdan
- Tha bunan-lùtha ath-nuadhachail mar a' ghaoth, a' ghrian agus na tonnan seasmhach agus cha theirig iad.
- 'S e dòigh nas glaine a tha ann am bunan-lùtha ath-nuadhachail air dealan a ghintinn – cha bhi iad a' dèanamh ghasaichean taigh-glainne.
- Tha na cosgaisean stèidheachaidh airson bunan-lùtha mar lùth gaoithe nas saoire na bunan-lùtha eile lethid cumhachd niùclasach.
Eas-bhuannachdan
- Chan eil cuid de bunan-lùtha ath-nuadhachail – mar a' ghaoth, tonnan agus a' ghrian – an-còmhnaidh rim faotainn. Chan urrainn tuathan gaoithe dealan a ghintinn air lathaichean nach eil gaoth ann, agus cha bhi cumhachd grèine ag obair air lathaichean sgòthach.
- Dh'fhaodadh cosgais mhòr a bhith an lùib bun-structar ath-nuadhachail nas ùire a chur an àite a' bhun-structar a th' ann an-dràsta, a tha stèidhichte air connaidhean-fosail.
- Tha factaran ann co-cheangailte ri suidheachadh. Chan obraich lùth dealan-uisge, mar eisimpleir, ach far a bheil tòrr uisge.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count5 of 12

- count6 of 12

- count7 of 12

- count8 of 12
