Prìomh fhiosrachadh
Bidh lùth-grèine a' tighinn bhon Ghrèin agus 's e mar sin bun-lùth ath-nuadhachail a th' ann.
'S urrainn dhuinn an lùth bhon ghrèin a chleachdadh airson teas a thoirt seachad gu dìreach. Faodaidh sinn cuideachd panailean grèine a chleachdadh air an dèanamh de cheallan grèine airson solas na grèine atharrachadh gu dealan seasmhach.
Tha panailean grèine uabhasach èifeachdach ann an Alba. Tha 35,000 dachaigh mar-thà air gluasad gu lùth na grèine agus bidh iad a' cur dealan a-steach dhan An Griod NàiseantaAn t-ainm air lìonradh de phaidhleonan agus de loidhnichean dealain a bhios a' giùlan dealan dha na dachaighean againn, sgoiltean, oifisean agus gnothachasan..

Lùth na grèine agus a' bhuaidh aige
Faigh a-mach mar a ghabhas a' ghrian a cleachdadh airson dealan a ghintinn.
Tha beatha air an Talamh an urra ris a' ghrèin. Bidh lusan ag atharrachadh an lùth ann an solas na grèine gu lùth ceimigeach a leigeas leotha fàs agus a bhith beò. Agus bidh sinne an uair sin ag ithe nan lusan sin airson lùth fhaighinn.
Faodaidh sinn lùth bhon ghrèin a chleachdadh ann an dòighean eile cuideachd. Bidh lùth na grèine ag atharrachadh lùth solais bhon ghrèin gu lùth dealain. Bidh e a' dèanamh seo a' cleachdadh ceallan grèine. Gheibhear ceallan grèine ann an iomadh àite eadar àireamhairean agus soidhnichean rathaid, air mullaich thaighean agus shuas san fhànas, a' toirt cumhachd do shaidealan.
George Loumakis, Òraidiche Lùth, Oilthigh Cailleannach Ghlaschu: There are many ways we can harness solar energy. The two main ones we use is by using it to get electricity and by using it to get heat.
We get electricity through small devices called photovoltaics, solar panels. I actually have one here in front of me, very small ones and so on. And we can get heat from them by utilising solar thermal panels which are very similar in appearance but their job is to create heat rather than create electricity.
Ann an ceallan grèine, no ceallan foto-bholtaig tha fillidhean de stuthan ris an canar leth-ghiùlanairean a chaidh a chuir còmhla. Nuair a bhuaileas solas na grèine anns na leth-ghiùlanairean sin, bidh an lùth a' togail teàrrds dealain eadar na fillidhean agus a' gintinn dealan.
Tha ceallan grèine gan cur còmhla ann am panailean. Canar sreath òrdaichte ri tòrr phanailean còmhla. Agus mar as motha an t-sreath òrdaichte, 's ann as motha a thèid agad air a ghintinn de dhealan. Tha cuid de shreathan òrdaichte uabhasach mòr. Tha Stèisean Cumhachd Noor a' còmhdach 6,000 acair ann am Fàsach Sahara. Bidh e a' toirt cumhachd gu suas ri aon mhillean neach agus thathar a' meas gu bheil e a' cur a-mach 760,000 tunna nas lugha de dh'eimiseanan carbon gach bliadhna.
Mar sin tha lùth-grèine ath-nuadhachail agus seasmhach. Aon uair 's gun tèid a chur an sàs, bheir e dhuinn dealan saor - ach cha toir fad na h-ùine. Chan obraich lùth-grèine ach nuair a tha a' ghrian làidir gu leòr. Chan obraich e ma tha i ro sgòthach no air an oidhche. Mar sin ann an Alba, bidh e ag obrachadh nas fheàrr as t-samhradh na sa gheamhradh.
Tha gnàth-shìde Alba a' ciallachadh gu bheil lùth ath-nuadhachail nas earbsaiche bhon ghaoith no bho dhealan-uisge. Chan eil uiread de lùth na grèine ga chleachdadh an seo. Aon uair 's gu bheil panailean grèine an sàs, chan adhbhraich iad truailleadh. Ach tha cosgais ann dhan àrainneachd bho bhith a' mèinneadh nam meatailtean tearc a dh'fheumar airson an dèanamh. Agus ma leanas an t-iarrtas air an son 's dòcha gun teirig na meatailtean sin.
A dh'aindeoin nan duilgheadasan sin, tha Alba a-nis a' cleachdadh barrachd lùth-grèine na b' àbhaist. Tha panailean grèine a-nis air 35,000 dachaigh agus tha iad a' biathadh dealain dhan Ghriod Nàiseanta.
Am faodadh lùth-grèine fhathast a bhith feumail dhuinn mar lùth?
Mar a tha lùth na grèine air a chleachdadh
Panailean dealan grèine
Tha dealan air a ghintinn bhon Ghrèin tro phanailean grèine. Tha iad sin air an dèanamh bho cheallan grèine fa leth (ris an canar cuideachd ceallan foto-bholtaig).
- Bidh solas bhon ghrèin a' dol tron chòmhdach ghlainne air cealla grèine.
- Bidh solas na grèine a' bualadh air fillidhean de leth-ghiùlanairean, a' toirt lùth a bharrachd do dh'eileagtronan anns na leth-ghiùlanairean.
- Bidh an lùth seo a' togail suas theàrrdsan posataibh agus neagataibh anns na diofar fhillidhean.
- Bidh na caochladh theàrrdsan a' toirt air sruth dealain sruthadh tro uèirichean meatailte.
- Gabhadh an dealan seo an uair sin a chleachdadh no a ghiùlan tron Ghriod Nàiseanta gu dachaighean agus àiteachan-obrach.
Panailean grèine tearmach
Cho math ri bhith a' gintinn dealan, faodar lùth na grèine a chleachdadh gu dìreach airson ar dachaighean a theasachadh. Tha e gu math cumanta a chleachdadh airson uisge teth seach a bhith an urra ri boidhlear gas.
Bidh panailean grèine tearmach a' sùghadh lùth bhon ghrèin. Bidh seo a' teasachadh lionn a tha a' ruith tromhpa. Bidh an lionn an uair sin a' toirt an teas seo air ais gu tanca uisge.
Factaran suidheachaidh
- 'S e a' Ghrian a bhios a' toirt dhuinn lùth na grèine agus bidh na panailean grèine a' cleachdadh solas na grèine airson dealan a dhèanamh.
- Mar sin, tha feum air suidheachaidhean air a bheil a' ghrian a' bualadh gu dìreach.
- Bidh sgìrean a tha a' coimhead gu deas a' faighinn barrachd de sholas na grèine na àiteachan a tha a' coimhead gu tuath, agus mar sin 's e àiteachan math a th' annta sin.
- Cha bhi panailean grèine ag obrachadh ann an dubhar. Faodaidh cnapan-starra mar craobhan, togalaichean no fiù 's similear air mullach togalaich stad a chur orra bho bhith ag obrachadh.
- Tha àiteachan a bhios a' faighinn iomadh uair a thìde de sholas na grèine san latha thar na bliadhna math air an son.
- Ann an Alba, tha cuid dhe na h-àiteachan as grianaiche air, no faisg air, a' chosta an ear agus cuideachd air eileanan mar Tiriodh.

Seasmhachd lùth na grèine
Airson 's gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air coinneachadh ri feumalachdan an latha an-diugh agus an àrainneachd agus stòrasan a dhìon airson an àm ri teachd.
'S e stòr ath-nuadhachail a th' ann an lùth na grèine. Fhad 's a bhios a' Ghrian a' toirt solas dhan Talamh, bidh an-còmhnaidh lùth na grèine againn.
Tha lùth na grèine seasmhach chionn cha bhi e a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil no a' truailleadh.
'S e a' bhuaidh a tha aig an dèanamh aca agus a bhith gan giùlan a' bhuaidh àicheil aig lùth na grèine. Tha feum air uireadan mòra lùth agus uisge airson ceallan grèine a dhèanamh agus faodaidh na ceimigean a tha air an cleachdadh truailleadh adhbharachadh.
Tha meatailtean tearc ann an ceallan grèine agus faodaidh a' chladhach aca sin àrainneachdan ionadail a mhilleadh.
Tha dùil gum mair a' mhòr-chuid de phanailean grèine ùr-nodha eadar 40 – 50 bliadhna. Le bhith gan ath-chuairteachadh, bidh iad nas seasmhaiche.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth na grèine
Buannachdan
- 'S e tè dhe na buannachdan as motha aig lùth na grèine gu bheil e ath-nuadhachail. Chan fheum e connadh sam bith a bharrachd air solas na grèine.
- Tha e furasta panailean grèine a chleachdadh ann an iomadh dòigh bhon a tha iad dhen h-uile seòrsa meud. Tha e cudromach an t-àite as fheàrr fhaighinn air an son. Faodar seansor solais a chleachdadh airson an t-àite as motha a tha a' faighinn de sholas a lorg.
- Chan eil cosgaisean connaidh ann agus chan eil gasaichean truaillidh cronail a' dol mu sgaoil.
- Thèid aig ceallan grèine air dealan a thoirt a dh'àiteachan iomallach far nach eil prìomh lìonradh dealain.
- Faodar panailean grèine tearmach a chleachdadh airson àiteachan agus uisge a theasachadh gu dìreach.
Eas-bhuannachdan
- Air sgàth 's mar a tha a' ghrian againn barrachd ann an cuid de ràithean, bidh lùth na grèine a' gintinn barrachd dealain as t-samhradh bhon a tha treisean nas fhaide de sholas an latha againn, ach chan eil e cho èifeachdach anns a' gheamhradh fhada agus sgòthan san adhar.
- Bhon a tha solas na grèine cho caochlaideach ann an Alba, tha e a' ciallachadh gu bheil e nas earbsaiche lùth ath-nuadhachail a ghintinn tro lùth na gaoithe agus tro dhealan-uisge.
- Cha bhi panailean grèine ag obrachadh air an oidhche. 'S ann an uair sin a bhios daoine glè thric a' cleachdadh a' mhòr-chuid de lùth anns na dachaighean aca.
- Chan urrainn panailean grèine lùth a stòradh, agus feumar mar sin bataraidhean no capasatar airson seo a dhèanamh.
- Tha feum air meatailtean tearc a bharrachd air tòrr lùth agus uisge airson ceallan grèine a dhèanamh.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count9 of 12

- count10 of 12

- count11 of 12

- count12 of 12
