Prìomh fhiosrachadh
'S e teas a tha a' tighinn bho shìos fo uachdar na Talmhainn a th' ann an lùth geo-thearmach. Tha geo a' ciallachadh talamh agus tha tearmach a' ciallachadh teas.
Cha teirig an teas fon talamh, agus mar sin 's e bun math a th' ann de lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh..
Gabhaidh uisge teth agus stiom bho shìos san talamh a chleachdadh airson tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. a thionndadh agus dealan a ghintinn, no airson togalaichean a theasachadh gu dìreach. Canar lùth geo-thearmach ris a seo.

Mar a bhios lùth geo-thearmach ag obair
Faigh a-mach mar a ghabhas teas na Talmhainn a chleachdadh airson dealan glan a chruthachadh.
An do smaoinich thu riamh air na tha de lùth fon talamh? Lùth a bheir air uisge fon talamh goil gus am brùchd e a-mach, a' forsadh smùid agus uisge suas àrd dhan èadhar. Chan e a-mhàin gu bheil e a' coimhead mìorbhaileach. Tha e cuideachd na bhun-lùtha a ghabhas a chleachdadh – lùth geo-thearmach.
Tha geo a' ciallachadh an talamh, agus tha tearmach a' ciallachadh teas. Mar sin tha lùth geo-thearmach a' gintinn lùth bho theas na Talmhainn agus 's e deagh bhun a th' ann de lùth ath-nuadhachail.
Ciamar ma tha a tha e ag obrachadh? Fada shìos fo uachdar na Talmhainn, tha fallainn na Talmhainn – filleadh de mheatailt teth, leaghte. Bidh teas bhon fhallainn ag èirigh suas tro rùsg na Talmhainn. Far a bheil an rùsg nas taine, bidh an teas seo a' tighinn nas fhaisge air an uachdar. Ann an àitichean, bidh e a' teasachadh uisge ann an lochan 's ann an stòr-amaran fon talamh.
Bidh stèiseanan lùth geo-thearmach a' cleachdadh an uisge theth seo airson dealan a ghintinn. Bidh pìoban gan drileadh sìos gu na stòr-amaran sin. Tha an t-uisge cho teth 's gum bi smùid às agus tha e air a chleachdadh airson lannan nan tuirbinean a thionndadh. Bidh na tuirbinean ag obrachadh ghineadairean a bhios a' gintinn dealan a bheir cumhachd gu taighean is gu gnìomhachasan.
Agus an rud as fheàrr 's e gun gabh an smùid fuarachadh gus an co-dhlùthaich i air ais gu uisge an dèidh cumhachd a thoirt dha na tuirbinean. Thèid an uair sin a pumpadh air ais sìos airson a cleachdadh agus a teasachadh a-rithist.
Ann an cuid de sgìrean bholcànach mar Innis Tìle, tha lùth geo-thearmach cho faisg air an uachdar 's gu bheil e furasta faighinn thuige. Agus tha an teas mar sin air a chleachdadh airson rudan eile a bharrachd air gintinn dealain. Ann an Reykjavik, prìomh-bhaile Innis Tìle, tha cuid dhen lùth gheo-thearmach a' toirt dhaibh uisge teth a bhios a' ruith ann am pìoban fo chuid de rathaidean, de chabhsairean agus de phàircean-chàraichean. A bharrachd air gum bi luchd-coiseachd nan sràidean a' faireachdainn blàth ann am fuachd reòta a' gheamhraidh, bidh seo a' leaghadh an t-sneachda agus a' cumail nan rathaidean fosgailte. Nach biodh a leithid sin feumail ann an Alba. Gu h-iongantach, tha Innis Tìle a' faighinn còrr is cairteal dhen dealan a tha iad a' gintinn bho bhun geo-thearmach.
Stuart Gilfillan, Òraidiche Geo-cheimigeachd, Oilthigh Dhùn Èideann: A really important thing about geothermal energy in terms of its renewable capabilities is it's available 24 hours a day, 365 days a year. So the Earth's heat is there and it's available all the time, and that's a contrast to wind power which is obviously not there if the wind doesn't blow. In solar power, another big renewable source, clearly that doesn't work very well at night when the sun isn't shining.
Generally, geothermal power plants are available about 90-odd percent of the time and that's even higher than most fossil fuel power plants, which would operate for about 75% of the time.
Dè ma tha nach eil cho math? Chan eil lùth geo-thearmach ri fhaotainn ach ann an corra àite, le bholcànothan beò air feadh an t-saoghail. Am measg nan àitichean sin tha Cearcall an Teine, mar Taobh an Iar nan Stàitean Aonaichte, Indonìsia, Sealan Nuadh agus Iapan. Tha e cuideachd daor na stèiseanan seo a thogail sa chiad àite.
Cuideachd, nuair a thathar a' cladhach airson faighinn gu lùth geo-thearmach, tha gasaichean taigh-glainne a' dol mu sgaoil. Ged nach eil iad idir cho dona ri connadh-fosail, tha na gasaichean fhathast a' cunntadh.
Ciamar a bu toigh leat a bhith a' fuireach ann am baile far a bheil i blàth ann am fuachd reòta a' gheamhraidh?
Fada shìos fo uachdar na talmhainn tha fallainnAm filleadh meadhain ann an structar na Talmhainn. Tha an fhallainn eadar eitean na Talmhainn agus an rùsg. Seo am filleadh as tighe dhen Talamh agus tha a' chuid as motha dheth de chreag chruaidh, le creag nas buige a' sruthadh gu mall shìos nas doimhne faisg air an eitean. na Talmhainn. Bidh teas bhon fhallainn ag èirigh suas tro rùsg na Talmhainn. Far a bheil an rùsg nas taine, tha an teas seo a' faighinn gu math nas fhaisge air an uachdar.
Ann an cuid a dh'àitichean bidh e a' teasachadh uisge ann an lochan agus amaran fon talamh. Bidh stèiseanan lùth geo-thearmach a' cleachdadh an uisge theth seo airson dealan a ghintinn.
- Bidh pìoban gan drileadh sìos gu stòran uisge fon talamh.
- Tha an t-uisge cho teth 's gum bi e a' dèanamh stiom, a bhios ag èirigh suas tro na pìoban agus air a chleachdadh gus lannan nan tuirbinean a thionndadh.
- Bidh na tuirbinean a' tionndadh ghineadairean a bhios a' gintinn dealan a bheir cumhachd gu dachaighean agus gnothachasan.
- 'S e an rud as fheàrr gun gabh an stiom fhuarachadh agus a co-dhlùthaich Nuair a bhios uisge ag atharrachadh bho dheatach gu lionn. air ais na uisge an dèidh dha a' chumhachd a thoirt gu na tuirbinean.
- Tha an t-uisge a chaidh fhuarachadh an uair sin air a phumpadh air ais sìos airson a theasachadh agus a chleachdadh a-rithist.
Factaran suidheachaidh
'S ann far a bheil rùsg na Talmhainn tana as fheàrr a dh'obraicheas lùth geo-thearmach.
'S àbhaist gur ann aig na loidhnichean-sgàinidh a bhios seo eadar diofar pleataichean teactonaigLeacan mòra de chreag chruaidh a bhios air an cruthachadh bho rùsg na Talmhainn. Tha iad mar phìosan de mhìrean-measgaichte a bhios a' fiotadh còmhla agus a tha air an sgaradh leis na loidhnichean-sgàinidh. Bidh pleataichean teactonaig a' seòladh mun cuairt gu mall air filleadh tiugh de chreag theth, leaghte agus leth-leaghte ris an canar an fhallainn. Nuair a ghluaiseas pleataichean teactonaig, faodaidh beanntan agus cuantan a bhith air an cruthachadh, no crithean-talmhainn no bholcànothan a bhith ann..
Tha iad seo a' gabhail a-steach iomadh àite air "Cearcall an Teine" mar Taobh an Iar nan SA far a bheil pleat a' Chuain Shèimh a' putadh a-steach a phleat Ameireaga a Tuath. Ach cuideachd àitichean mar Indonìsia, Sealan Nuadh agus Iapan.
Lùth geo-thearmach ann an Innis Tìle

Tha Innis Tìle na laighe air Rids Meadhan an Atlantaig far am bi pleataichean teactonaig a' coinneachadh. Bidh còrr is cairteal dhen dealan a tha air a ghintinn san dùthaich a' tighinn bho bhunan geo-thearmach.
Tha lùth geo-thearmach cho faisg air an uachdar agus cho furasta faighinn thuige 's gu bheil an teas air a chleachdadh airson rudan eile a bharrachd air dealan a ghintinn.


Ann an Reykavik, am prìomh-bhaile, tha lùth geo-thearmach a' toirt dhaibh uisge teth a bhios a' sruthadh ann am pìoban fo chuid de rathaidean, cabhsairean agus pàircean-chàraichean. Bidh sin a' leaghadh an t-sneachda agus a' cumail rathaidean fosgailte, a bharrachd air gum bi luchd-coiseachd a' faireachdainn blàth ann an teòthachdan reòta a' gheamhraidh… cha b' fhuilear dhuinn a leithid ann an Alba!
Tha lùth geo-thearmach air a chleachdadh cuideachd ann an àiteachas. Ged a tha an teòthachd ìosal anns a' gheamhradh, fàsaidh barran mar tomàtothan, cularain agus leiteas le bhith a' cleachdadh lùth geo-thearmach airson na taighean-glainne a theasachadh gu dìreach, agus airson dealan a ghintinn a bheir an solas dha na barran a dh'fheumas iad airson fàs.

Pumpaichean teas talmhainn

Cha b' fhiach e an-dràsta do dh'Alba lùth geo-thearmach a chleachdadh airson dealan a ghintinn oir bhiodh feum air pìoban a dhrileadh sìos gu doimhneachd mhòr. Ach gabhaidh lùth geo-thearmach a chleachdadh ann an Alba gus teas a thoirt dhuinn gu dìreach.
Tha dà sgeama ann an Alba (ann am Baile Nighean Sheadna an ceann an ear Ghlaschu agus ann an Lann Fhìonain ann am Fìobha) le chèile a' cleachdadh uisge bho mhèinnean trèigte airson beagan thaighean a theasachadh.
Thèid aig taighean no togalaichean fa leth air pumpaichean teas talmhainn a chleachdadh an àite boidhlearan gas no boidhlearan dealain gus cumhachd a thoirt do theasachadh meadhain.
Bidh a' mhòr-chuid de phumpaichean teas talmhainn a' cleachdadh phìoban còmhnard a tha air an tiodhlacadh ann an claisean a tha dà mheatair no barrachd fon talamh. Bidh an lionn a thèid a phumpadh tro na pìoban a' fàs blàth air sgàth 's na tha de theas air a ghleidheadh anns an talamh.
Tha an lionn air a cho-dhlùthachadh agus bidh an teas aige a' fàs nas motha air sgàth sin.
Bidh iomlaid teas ag aiseag teas bhon lionn gu uisge a bhios a' toirt teasachadh meadhain agus uisge teth dhan togalach.
Bidh pumpaichean teas talmhainn ag obrachadh aig teòthachd ìosal. Mar sin, feumaidh togalaichean a bhith air an deagh ionsulaideadh, agus gun ghaoth sam bith a' dol tromhpa, airson gun obraich iad gu math.

Seasmhachd lùth geo-thearmach
Airson gum bi seasmhachd ann san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air coinneachadh ri feumalachdan an latha an-diugh agus an àrainneachd agus stòrasan a dhìon airson an àm ri teachd.
Cha bhi stèiseanan cumhachd geo-thearmach a' losgadh connadh agus mar sin cha bhi iad ag adhbharachadh mòran eimiseanan bho ghasaichean taigh-glainne. Faodaidh iad uireadan beaga de charbon dà-ogsaid agus sulfur dà-ogsaid a leigeil mu sgaoil. Bidh sulfur dà-ogsaid ag adhbharachadh truailleadh mar uisge searbhagach. Thèid aig ionadan-geo-thearmach air sulfar dà-ogsaid a thoirt air falbh gus nach tèid e mu sgaoil san àile.
Fhad 's a tha stèiseanan geo-thearmach agus siostaman teas ag ath-chuairteachadh an uisge air ais dha na h-amaran fon talamh às an tàinig e, chan eil iad a' cosg an stòrais seo. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad ath-nuadhachail agus seasmhach.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth geo-thearmach
Buannachdan
- Tha lùth geo-thearmach ath-nuadhachail chionn cha teirig an lùth teas bhon Talamh.
- Chan eil mòran droch bhuaidh aige air an àrainneachd chionn chan eil mòran truaillidh no gasaichean taigh-glainne a' dol mu sgaoil dhan àile.
- Tha lùth geo-thearmach na bhun earbsach airson dealan, agus tha e nas fhasa fios a bhith agad ro-làimh dè am mach-chur dealain a thig bho ionad geo-thearmach, agus smachd a chumail air, an taca ri gaoth, tonnan no grian a tha an urra ri sìde chaochlaideach.
- Gabhaidh a chleachdadh gu dìreach airson dachaighean, àitean-obrach agus taighean-glainne a theasachadh.
Eas-bhuannachdan
- 'S ann an corra àite a-mhàin air feadh an t-saoghail far a bheil obair bheò bholcànach a tha lùth geo-thearmach air a chleachdadh gu mòr.
- Tha e daor stèiseanan lùth geo-thearmach a thogail anns a' chiad àite.
- Faodaidh uireadan beaga de charbon dà-ogsaid agus sulfar dà-ogsaid a dhol mu sgaoil agus feumar iad sin a ghlacadh gus nach dèan iad truailleadh.
- Ann an Alba, cha bhi siostam pumpa teas talmhainn ag obrachadh ceart ach ann an togalaichean a tha air an ionsulaideadh gu math agus anns nach eil gaoth sam bith.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count6 of 12

- count7 of 12

- count8 of 12

- count9 of 12
