Luchd-dìon na malairt
Bha cuid de dhaoine agus de bhuidhnean airson gun leanadh malairt nan tràillean air adhart. Bha planntachasan aig cuid dhiubh a bha an urra ri tràillean mar luchd-obrach. Bha cuid eile a' dèanamh prothaid bho bhith a' malairt bathar a rinn tràillean.
Cha b' e a-mhàin luchd-cuir no marsantan beairteach a bha a' feuchainn ri dìon a chur air malairt nan tràillean. Bha iomadh neach-obrach àbhaisteach ann am Breatainn a' dèanamh beòshlaint bho ghnìomhachasan a bha an urra ris, mar:
- giullachd siùcair
- malairt tombaca
- a' dèanamh bathar meatailte
- a' dèanamh aodach
Cò bha na aghaidh?
Buill Pàrlamaid - Bha cuid de Bhuill Pàrlamaid nan luchd-cuir iad fhèin, no bha iad an sàs ann an gnìomhachas a bha a' dèanamh airgead à thràillealachd.
Marsantan agus luchd-obrach - Bha bailtean ann am Breatainn a dh'fhàs beairteach air prothaid bho mhalairt nan tràillean agus bha iad airson gun leanadh an soirbheachadh sin.
Luchd-riaghlaidh ann an Afraga - Dh'fheuch iad ri malairt nan tràillean a dhìon. Nuair a chuir Breatainn às do mhalairt nan tràillean ann an 1807, sgrìobh Rìgh Bhonny ann an Nigeria dhan phàrlamaid le gearan.
Mar a thòisich an iomairt airson cur às do thràillealachd